Tha thu ceart, a Chatrìona, 's e oidhche laghach a bha ann, agus bha mi toilichte gun robh sinn a' bruidhinn Gàidhlig fad na h-ùine. Tha thu air fàs gu math fileanta gun teagamh!
Beagan ceartachaidh:
... cabadaich mun Ghàidhlig
... cha robh ach dithis ann
... b' e oidhche shnog a bh' ann.
... bha sin ag obrachadh gu dearbh
... Nì sinn a-rithist sin
Nì gun teagamh! Ach bhithinn toilichte na daoine eile fhaicinn a-rithist cuideachd. Chì sinn. Is dòcha gum bi cothrom agam dol a dh' Essen a dh' aithghearr. Ach an toiseach, feumaidh mo chas beagan fois fhathast.
Mona