Microsoft Office 2013 ann an Gàidhlig

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Microsoft Office 2013 ann an Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Fr Aug 02, 2013 7:01 pm

Ged a mholainn LibreOffice latha sam bith (tha e saor an-asgaidh, ann an Gàidhlig is tha dearbhair-litreachaidh Gàidhlig 'na bhroinn), tha fhios a'm gu bheil iomadh duine air Microsoft Office (fhathast). Tha sgioba de mhuncaidhean (mise os an cionn) air a bhith trang o shamhradh an-uiridh a' cur Gàidhlig air an rud agus rugadh e DiCiadain (cha do mhothaich mi dha ach an-diugh fhèin!)

Bild

Bheil e cosg dad? Chan eil, ma tha ceadachas airson Office 2013 agad mu thràth. Bheil e doirbh? Chan eil cus. Sa chiad dol a-mach, feumaidh sibh a' phacaid cànain a gheibh sibh an-seo. Mur eil sibh cinnteach an e siostam 64-bit no 86-bit a th' agaibh, faighibh greim air an dà dhiubh, tha sin nas luaithe na rùrachadh air an t-siostam. Cha dèan am fear cearr cron air a' choimpiutair, cha bhi buaidh idir. Nuair a bhios e agaibh, briogaibh air an exe agus leanaibh ris an stiùireadh air an sgrìn.

Nise, feumaidh sibh prògram Office fhosgladh, can Word agus tadhal air Files » Options » Language agus dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig aig barr na liosta mar a chomharraich mi leis an dà shaighead dhearg:

Bild

Bidh agaibh ri Office a thòiseachadh as ùr an uairsin agus sin agaibh e. Cuiridh sin Gàidhlig air:
  • Excel 2013
  • OneNote 2013
  • Outlook 2013
  • PowerPoint 2013
  • Word 2013

Ma tha Office 365/SkyDrive agaibh san neul, tha Gàidhlig 'na bhroinn a-nis cuideachd ach chan eil feum air pacaid, cha leig sibh a leas ach Gàidhlig a thaghadh sna roghainnean ann.

An dòchas gun dèan e feum dhuibh!

Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast