Opera 15

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Opera 15

Beitragvon akerbeltz » Di Jul 02, 2013 11:51 pm

A chàirdean, ràinig Opera 15 agus tha e stèidhichte air Chrome a-nis 's cho luath ri seabhag agus tha Gàidhlig 'na lùib ach feumaidh sibh a thaghadh aig an fhìor thoiseach mar a chì sibh gu h-ìosal, chan eil clàr-taice airson taghadh a' chànain aca fhathast.

Bild

Tha rudan beaga cearr air an eadar-theangachadh fhathast, tha mi duilich, bha iad a' dol a dhiùltadh nan cànan beaga 's leig iad a-staigh sinn aig a' cheann thall ach b' fheudar dhuinn a dhèanamh ann an cabhag mhòr mhòr.

Saoilidh mi gun obraich e air tablaidean/iPads cuideachd ma tha Gàidhlig agaibh mar locale ach chan eil mi cinnteach, chan eil tablaid agam. Cumaidh mi fios ribh!

Tha an dearbhair-litreachaidh 'na lùib ach feumaidh sibh a thaghadh sna roghainnean mus obraich e:
Bild

Gheibh sibh an-seo e

Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 7 Gäste