Art a' leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Art a' leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche

Beitragvon NoClockThing » Do Mär 08, 2012 10:29 am

Art MacCarmaig a' leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig

Bho làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig:

Tha Ealasaid Nic an t-Saoir air a taghadh gu h-aon-ghuthach le a co-oibrichean air a’ Bhòrd airson dreuchd a’ Chathraiche a lìonadh gus am bi neach-ionaid air a chur an dreuchd. Tha Iain Caimbeul air a thaghadh mar Iar-Chathraiche.
Thuirt Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Nic an t-Saoir: “Tha sinn gu mòr a’ caoidh gu bheil Art MacCarmaig air cur roimhe a dhreuchd fhàgail mar Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig. On a chaidh fhastadh chun a’ Bhùird ann an 2007, tha e air a bhith gun lagachadh na chuid dealais is diongmhaltais a thaobh leasachadh agus fàs air a’ Ghàidhlig. Mar Chathraiche thar nan trì bliadhna mu dheireadh, tha e air a bhith a’ giùlain eallach obrach fìor mhòr a’ co-aontachadh obair làitheil le a dhreuchd aig Bòrd na Gàidhlig.

“Tha Art air a bhith aig teis-meadhain cruthachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012 - 2017 agus tha e a’ fàgail a’ Bhùird le plana làidir a bhios a’ treòrachadh sinn fhìn agus càch tro na còig bliadhna a tha romhainn. Às leth a’ Bhùird, bu mhath leam gach soirbheachadh a ghuidhe dha san àm ri teachd. ‘S e urram a th’ ann dhòmhsa an dreuchd seo mar Chathraiche eadar-amail a ghabhail, agus tha mi fada an comain Iain Chaimbeul airson aontachadh taic a thoirt dhomh na dhreuchd mar Iar-Chathraiche. Gluaisidh am Bòrd air adhart a-nis a’ coileanadh ar dleastanasan.”


http://www.gaidhlig.org.uk/default.aspx ... ang=GD&htm
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast