taisbeantas-lìn ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

taisbeantas-lìn ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse

Beitragvon An Gille Donn » Di Apr 26, 2011 12:34 pm

A Chàirdean chòir,

tha taisbeantas maireannach air dol air-loidhne a nise mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse https://sites.google.com/site/acsailognanron/saighdearan-gaidhealach-ann-an-hesse-1759-62---highland-soldiers-in-hesse-1759-62---hochlandschottische-soldaten-in-hessen-1759-62 ann an 1759-62 (ri Cogadh nan Seachd Bliadhna), is e ceangailte ri aiste a tha mi dìreach air cur ri Northern Scotland http://www.euppublishing.com/journal/nor. Bithidh i a' nochdadh anns an iris seo a dh' aithghearr, ach gheibhear roimh-shealladh air an aiste air a' chiad duilleig den taisbeantas ann an cruth PDF.

Chan ann a-mhàin ann an Hesse a bha na saighdearan seo, ach a bharrachd air Blàr Kloster Kamp agus Blàr Warburg ann an 1760, is ann an seo a thachair a' chuid a bu mhotha d' an cuid iomairtean eadar 1759 agus 1762. Agus chan ann a mhàin mu Ghàidheil Albannach ann an airm Hanohair a tha an aiste agus an taisbeantas, ach mu Ghàidheil Albannach ann an airm na Frainge a cheart cho math...

Gheibhear ann mapan agus pailteas de dhealbhan, agus bhideo. Tha mi làn dòchais gun còrd e ruibh. Chan e gun aontaich mi idir le gnothaichean cogaidh, ach tha mi ri rannsachadh mu cheanglan eachdraidheil eadar Hesse agus saoghal na Gàidhlig - agus buinidh an cuspair seo ris sin a cheart cho math ri Goethe is a chuid sgolaireachd Ghàidhlig - agus tha an dà nì seo eadar-fhìghte ri chèile. Nochd sgrìobhainnean Sheumais Bhàin MhicMhuirich aig an aon àm is a bha na Gàidheil seo stèidhte ann an teas-mheadhon na Gearmailte !

Dùrachdan,

Acsail Òg

Isbeal
Beiträge: 1014
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: taisbeantas-lìn ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an He

Beitragvon Isbeal » Do Apr 28, 2011 1:25 am

Ah, for the glens are lyin' bare
And the wee bit farm deserted
And the woods o' Germany
Grows in rows round the broken-hearted


http://www.youtube.com/watch?v=HvNL81LxhOA

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: taisbeantas-lìn ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an He

Beitragvon An Gille Donn » Do Mai 05, 2011 10:29 am

Gun robh math agat, Isbeal chòir, airson a' bhideo seo anns a' Bheurla Ghallda. A thaobh ciùil, tha rud gu tur ùr dìreach ga chruthachadh air an làraich-lìn agam - is e sin taisbeantas-lìn mu bhuaidh a' chiùil Ghàidhealaich agus ceòl dùthchasach eile na h-Albann air a' cheòl chlasaigeach...o seadh, agus buaidh saothar Sheumais Bhàin MhicMhuirich air a' cheòl chlasaigeach a cheart cho math. Bithidh tuilleadh fiosrachaidh a' nochdadh an seo fhathast. Cumaibh ur sùilean ris !

Tùdalù an ceartuair,

Acsail


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 0 Gäste