deasbad air Alba

fiosrachadh, gearan, deasbad
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Mär 27, 2006 9:35 am

Bha deasbad mòr anns an roinn "Allgemeines" mu cheisten poilitigeach ceangailte ri Alba. Dè ur beachd? An sgrìobh sinn rud beag mu dheidhinn an-seo?
Dè na cùspairean a bha againn anns an deasbad sin? (seach uisge-beatha ;) )
- film no prògram telebhisean mun Eilean Sgitheanach
- suidheachadh nan daoine an-diugh agus anns na linntean sa chaidh
- suidheachadh na Gàidhlig
- uachdaran aig a bheil na caistealan is an talamh
- fuadachadh agus blàr Cùl Lodair
... dè eile? Am bu toigh le cuideigin na rudan a thuirt iad innse an-seo 'sa Ghàidhlig?
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mi Mär 12, 2008 12:49 am

A Mhona chòir,

ged a tha na sgrìobh thu an seo air a chur a-steach o chionn bliadhna, cha bhitheadh e mò 's doirbh dhomh a chur ris fhathast, gu h-àraidh don chuspair 'uachdarain'...

Sgrìobh mi ann an àite eile an nochd air rudeigin a thachair dhomh air oighreachd Hopetoun faisg air Dùn Èideann Disathairne seo chaidh, agus gur e cùis nàire a bh' ann. Seadh, cùis nàire do dh' uachdarain na h-Albann, gu h-àraidh do mhuinntir Hope Glinn Iucha.

Air an rathad gu taigh mòr Hopetoun, thachair mi ri boireannach Sgitheanach, tè chòir is ghasda (is i a' fuireach ann am Port na Banrighinn, is e seo Queensferry) a dh' innis dhomh gun robh an oighreachd (pàircean is coilltean) fosgailte, ged a bha an taigh mòr fhèin dùinte gu àm na Càisge.

Mar sin, lean mi orm air an rathad agus ràinig mi an taigh mòr, far an do thog mi feadhainn dealbhan àlainn, le bogha-froise thairis air Linne Foirfe 7c. Nuair a chuir mi crìoch air sin às dèidh mo leòr fhaighinn, ghabh mi an rathad air ais, is mo smuaintean air allaban.

Uill, dhùisg mi às a sin nuair a thàinig càr gam ionnsaigh anns an robh duine òg, agus a rèir a chuid Beurla chruaidh Eton no Gordonstoun, b' esan oighre na h-oighreachd fhèin. Dh' fheòraich e dhiom gu geur na bha mi a' dèanamh air oighreachd aig an àm seo den bhliadhna, is i dùinte.

Fhreagair mi ris gun d' thùirt cuideigin rium gun robh co-dhiù na pàircean fosgailte, is ars' esan gu geur nach robh sin fìor mar a chìthinn fhèin air na soighnichean. Uill, bha e sgrìobhte air na soighnichean gun robh Hopetoun House dùinte gu àm na Càisge, ach shaoileadh duine fhathast nach robh e buileach toirmisgte an taigh fhaicinn on taobh amuigh. :?

Nise, bha e follaiseach nach robh mi ri cron idir, ach bha an t-uachdaranan seo geur on a thòisich e a bhruidhinn rium, gun mhòran cothrom a thoirt dhomhsa mìneachadh gun robh mi air an rathad air fad a thighinn o Obar Dheathain agus nach e mèirleach a bh' annam idir, ach sgolair onarach is còir làn spèis do thogalaich Baroque

Bha an t-uachdaran seo loma-làn dheth fhèin, agus ged is e uachdaran a th' ann, chan e duine uasal a th' ann, a rèir choltais.

Oidhche Shathairne, ge tà, thachair mi ri gnè gu tur diofraichte de dh' uachdaran...is mi a' bruidhinn ri nighean uachdaran Bheastraigh (Westray) ann an Arcaibh. Is ise flatmate do mo dheagh-charaid Chris, is e na oileanach PhD ann an Roinn na Ceiltis air Oilthigh Dhùn Èideann. Ged a fhuair i fhèin a h-àrach air Sgoil Baile Ghordain, is Beurla nan uaislean aice, tha coltas snog gu leòr oirre.

Àidh, àidh, tha fhiosa 'm, theireadh cuid a nise gun robh mi meallt', a chionn 's gur e boireannach òg breagha a th' innte. Ach tha i ag obair mar neach-obrach a' bhàr ann an taigh-seinnse, rud nach dèanadh nigheanan oighreachd Hopetoun (ma gheibhear an leithid an siud) idir, ged a bhitheadh iad nan oileanaich, saoilidh mi.
O seadh, agus bha i beagan fo smùid nuair a bha i a' bruidhinn rium. Is dòcha gun abradh cuid gun d' rinn sin fiù na bu do-chreidsinniche is na bu mi-earbsaiche i, ach chan eil a' chuid seo eòlach oirre.

Is e seo na tha mi amach air - fiù am measg nan uaislean, gheibhear daoine còir is gasda, agus bu chòir dhuinn daoine a mheasadh a rèir am pearsa agus chan ann a rèir an àite, inbhe no ìre anns an t-saoghal seo.

A dh' aindeoin sin, bha mi gu math tuigseach do reubaltaich na Frainge aig crìoch na 18mh linn nuair a thachair mi ris an Rt. Hon. Hope o shliochd Uachdarain Hopetoun...agus an ìre mhath tuigseach do strì nan croitearan ann an Albainn !! Nach robh Raibidh Burns còir ceart nuair a sgrìobh e "A Man's a Man for A That ?" ? Bha, gu dearbha, theirinns' !!

Dùrachdan,

An Gille Donn


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 0 Gäste