Dè ur naidheachd?

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Jan 30, 2007 6:54 pm

A charaidean,
tha mi a' faicinn gu bheil an roinn Gàidhlig a-mhàin gu math sàmhach sna làithean-sa. Dè as adhbhar? Feumaidh mise aideachadh nach do sgrìobh mi mòran, tha mi dìreach ro thrang leis a' chùrsa MA agus le bhith a' teagasg amsaa. Ach bha mi a' smaoineachadh gum bitheadh e math cuspair ùr fhosgladh far am bi sinn ag innse do chàch mu na tha sinn a' dèanamh agus mu na tha a' tachairt an-dràsda. Tha sin - is dòcha nas fhèarr na cuspair ùr fhosgladh le dùil gum bi deasbad mòr a' toiseachadh ged nach eil dad inntinneach a' tachairt air an aon chuspair a-mhàin a tha seo.

Uill toisichidh mise. Fhuair mi na deuchainnean agam air ais agus bha iad uile 69%. Tha sin a' ciallachadh gun d' fhuair mi B. aon % eile agus bhitheadh A air a bhith ann. Ach chan eil adhbhar agam a bhith a' gearan. Tha mi riaraichte leis a sin. Ged a dh' fheumas mi ràdh gum bitheadh A air a bhith na b' fhèarr:-)))) Co-dhiubh 's co-dheth, tha mi toilichte leis a' chùrsa seo agus tha mi a' dèanamh fiùghair mhòr ris na cuspairean a tha fainear dhuinn anns an t-seamastair seo.
Nisd feumaidh mi togail orm. Bidh mi a' teagasg òrain Ghàidhlig a-nochd. Tha naoinear anns a' chlas an-dràsda agus tha guth math aca.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Jan 30, 2007 9:50 pm

Meal do naidheachd, a Mhìcheil! Rinn thu glè mhath! :) Na bi brònach nach d' fhuair thu "A". Ach tha mi gad thuigsinn, tha mise coltach ri sin cuideachd...

Chan eil mòran a' dol an-seo. Bu chòir dhomh obair air an t-seòmar comhraidh Gàidhlig ùr, agus air an làrach-lìn, agus fhuair mi ainm an làraich-lìn agam fhìn (mona-nic-leoid.de) air ais cuideachd, ach cha robh ùine agam idir gus làrach-lìn ùr a thogal. Chan eil mi airson na seann rudan a chur suas air an làrach ùr, tha mi ag iarraidh cruth ùr, ach chan eil mi cho math air na rudan sin. Dh' ionnsaich mise HTML ann an 1997 no rud mar sin, agus tha mòran rudan air atharrachadh bhon uair sin. Is dòcha gun cuidich ban-charaid mi, no is dòcha gum faigh mi comhairle bhon duine agam.

Feumaidh mi ionnsachadh airson an Zwischenprüfung (deuchainn meadhanach) ann an arc-eòlas cuideachd, agus tha sin rud beag ràsanach.

Tha mi toilichte gu bheil na laithean a' fàs nas fhaide agus nas soilleire a-rithist. Is beag orm èirigh tràth sa mhadainn sa gheamhraidh.
Sin e bhuam-sa an-diugh :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jan 31, 2007 12:50 am

Sin thu fhèin, a Mhìcheil! :D

Tha mise a dèanamh a' chlas air na cànanan ceiltich fhathast. Bidh an leasan mu dheireadh ann an ath-sheachdain. Gabhaidh sinn biadh meadhan-latha còmhla ris an àrd-ollamh Di-Ardaoin an dèidh sin. Tha e a' dèanamh a' chlas mu dheireadh aigesan an latha sin. An-diugh, ruig mi anmoch o chionn 's bha mi a' creidsinn gum biodh e uair nas traithe agus bha mi a' smaoineachadh "Carson a tha an uaireadair ag ràdh gur e meadhan latha a th'ann mu thrath? Nach eil e aon uair deug an-dràsda?" Cha robh :x

An seachdain seo chaidh, dh'ionnsaich mi gum b'e N-Mutation ann 'sa Ghàidhlig, agus thòisich mi a' leughadh leabhraichean air a shon. Uill, chan eil e ann 'sna chainnt sgrìobhte, ach nuair a bhios na daoine a' bruidhinn. Tha sin gu math inntinneach! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 31, 2007 1:12 am


An seachdain seo chaidh, dh'ionnsaich mi gum b'e N-Mutation ann 'sa Ghàidhlig, agus thòisich mi a' leughadh leabhraichean air a shon. Uill, chan eil e ann 'sna chainnt sgrìobhte, ach nuair a bhios na daoine a' bruidhinn. Tha sin gu math inntinneach! :D


A bheil thu a' ciallachadh "Nasalisierung", no "urú" mar a chanas iad ann an Gàidhlig na h-Éirinn? Seadh, tha sin ann 'sa Ghàidhlig ceart gu leòr, ged nach fhaicear anns an dòigh sgrìobhaidh e. Sgrìobhaidh iad rudan mar "an dtugann tú?" ann an Gàidhlig na h-Éirinn, ach cluinnidh thu e ann an Gàidhlig na h-Alba cuideachd: "an tug thu?", tha an t coltach ri d.
Tha sin làidir gu h-àraidh ann an Gàidhlig Leòdhasach, uaireannan bidh d no b aig toiseach fhaclan gu bhith air falbh.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jan 31, 2007 10:33 am

Tha mi a' ceallachadh sin. Soilidh mi gun sgrìobhaidh mi rudeigin 'san roinn gràmair, no bheil cuspair ann air sin mu thrath?
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 31, 2007 10:41 am

Tha duilleag bheag air sin aig Akerbeltz cuideachd:
http://www.akerbeltz.org/beagangaidhlig/gramar/grammar_nasalisation02.htm
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jan 31, 2007 12:35 pm

Tapadh leat, chan fhaca mi e.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 31, 2007 12:45 pm

Tsehe, bha mi dhen bheachd gu bheil thu eòlach air Akerbeltz mar do phoca briosgaid fhèin ;)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jan 31, 2007 8:42 pm

Bha mi nam tè-thoiseachaidh fhathast nuair a leugh mi an roinn seo agus cha robh cuimhne agam Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Jan 31, 2007 10:15 pm

Tha mi bochd an-dràsta. Tha an cnatan orm agus tha mi a' faireachdain sgìth. Chaidh mi dhachaidh tràth bhon obair an-diugh agus bha mi nam chadal fad 2 uair a thìde. Thèid mi dhan leabaidh tràth a-nochd agus cha chrèid mi gun t èid mi dhan obair a-màireach. Bha mi beagan brònach o chionn 's nach riobh mi fit gu leòr airson a' chlas Gearmailtis agam as toigh leam cho mòr.

Fhuair sinn gual mu dheireadh thall agus bidh e nas fhasa a-nis an teine a chumail a dol. Tha mi fhèin uabhasach trang le cùrsaichean cuideachd. tha mi a' dèanamh 2 chùrsa dhen dàrna bliadhna aig an t-Sabhal Mhòr. Feumaidh mi eadar-theangachadh agus tras-sgrìobhadh (sgrìobhadh sìos na tha iad ag innse air an radio, facal air an fhacal) agus feumaidh mi aiste a' sgrìobhadh airson cùrsa eile (ainm-eòlas, tha seo mu dheidhinn ainmean-àite) agus bu chòir dhomh taisbeanadh a dhèanamh cuideachd. Uill agus tha mi ag oobair agus a-nis tha a' bhùn-sgoil gam iarraidh airson Gearmailtis a theagasg 2 uair gach seachdain. Chan eil fhios agam fhathast ciamar...

Tha an obair ùr agam a' còrdadh rium glan. Sgrìobhaidh mi mu dheidhinn coiseachd anns an eilean anns a' Ghàidhlig agus sa Bheurla. Ach tha seo gu math doirbh uaireannan.

Co-dhiù is co-dheth. Feumaidh mi dol dhachaidh agus teatha òl.

Leis gach deagh dhùrachd
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Jan 31, 2007 10:25 pm

Abair trang a tha thu. :shock: Tha mi 'n dòchas gum bidh thu nas fhèarr a dh'aithghearr, a Shleite!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Jan 31, 2007 11:09 pm

Cùm do cheann suas m' eudail - is cinnteach gun dèan thu a' chùis :)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Jan 31, 2007 11:45 pm

A Janni chòir, tha mi cho pròiseil air do shon, agus rud beag farmadach! Thèid a h-uile rud glè mhath, tha mi cinnteach. Ach na dèan cus, chan eil e math mura bheil thu a' faireachdainn toilichte. Tha an obair teagaisg glè fhreagarrach dhut ge-tà - seall, tha sin gu math coltach ris an obair agam-sa a-nis: bidh thu a' teagasg, agus bidh thu a' rannsachadh, ag obair le clann, a.m.s.a.a. Uaireannan tha e doirbh a bhith cho trang le mòran rudan eadar-dhealaichte, o chionn 's gum feum thu smaoineachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte gach latha. Ach tha e glè inntinneach :)
Chì mi thu,
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Fr Feb 02, 2007 9:32 pm

Obh obh, bha mi bochd Oidhche Chiatain, ach tha mi fìor thinn a-nis. Cha robh mi ag obair an-dè no an-diugh agus bha mi nam leabaidh fada agus an uairsin leisg air an t-sofa. Rinn mi beagan còcaireachd agus an obair-dhachaidh airson a' chùrsa agam. A-raoir bha nàbaidh againn a' taghal oirnn. Rinn sinn còcaireachd dha o chionn 's gum faigh sinn fiodh bhuaithe fad na h-ùine. Cha robh mi a' faireachdain bochd idir agus bha mi a' smaoineachadh gum bithinn na b'fheàrr an-diugh... uill cha robh idir, tha mi nas miosa. Uill ach 's e Disathairne a-màireach agus gheibh mi fois fad dà là eile agus bidh mi fit a-rithist Diluain.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Feb 02, 2007 9:46 pm

Dè tha thu a' dèanamh aig a' choimpiutair ma-tha? :P Siuthad dhan leabaidh! ;)

Tha mi an dòchas gum bidh thu nas fheàrr a dh' aithghearr.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast