Hallo!

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » So Mär 19, 2017 8:40 pm

Hallo!

Ich versuche es gleich mal auf Gälisch und hoffe, dass ich nicht allzu viele Fehler mache...

'S e oileanach a th' annam agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig. Thòisich mi leth-bhliadhna air ais nuair a bha mi a' dèanamh Erasmus ann an Dùn Èideann. Tha ùidh agam ann an cànain agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil Gàidhlig glè bhrèagha agus inntinneach. Chan eil mi a' dèanamh cùrsa a-nis, ach bidh mi ag ionnsachadh beagan gach latha ma bhios tìde agam.

Dieses Forum finde ich toll, ich hätte gar nicht erwartet, dass sich in Deutschland so viele Leute für Gälisch interessieren!

Tìoraidh an-dràsta,
Naosg

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Hallo!

Beitragvon Steffi1 » Mo Mär 20, 2017 8:50 am

Halò a Naosg, :D

tha mi toilichte d' fhaicinn an seo agus fàilte chridheil bhuamsa.
ich bin froh, Dich hier zu sehen und ein herzliches Willkommen von mir.

Steffi
Zuletzt geändert von Steffi1 am Mo Mär 20, 2017 4:37 pm, insgesamt 1-mal geändert.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Mo Mär 20, 2017 3:31 pm

Mòran taing, Steffi! :)

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Mo Mär 20, 2017 4:25 pm

Halò a Naoisg!

Is math d' fhaicinn an seo, agus abair Gàidhlig mhath a th' agad! Tha mi toilichte gu bheil thu air am fòram seo a lorg. Bidh fàilte chridheil romhad an seo, agus bidh sinn uabhasach toilichte barrachd a leughadh bhuat.

Càit an robh thu a' fuireach ann an Dùn Èideann agus dè cho fad 's a bha thu ann? Dè an cuspair a tha thu a' dèanamh aig an oilthigh? Càit a bheil thu a' fuireach a-nis?

Bha mi a' fuireach faisg air Dùn Èideann nuair a bha mi aig an oilthigh. Ach cha robh mi aig an oilthigh an sin. Bha mi ag obair mar thidsear Gearmailtis ann an àrd-sgoil ann am Penicuik. Ach a-nis tha mi a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach. An robh thu a-riamh ann?

Bidh e fìor mhath tuilleadh a leughadh bhuat. Cha do rinn thu mòran mhearachdan idir.

Dùrachdan
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Mo Mär 20, 2017 11:13 pm

Halò a Shlèite,

Mòran taing airson freagairt! Bha mi ann an Dùn Èideann airson ceithir mìosan agus chòrd e rium gu mòr. Bha mi a' fuireach aig an Oilthigh Heriot-Watt, bha rùm agam air an àrainn. Tha mi air ais anns a' Ghearmailt a-nis.

Cha robh mi ann am Penicuik, ach choisich mi anns na Pentland Hills aon turas. A bheil thu ag obair mar thidsear fhathast?

Tha mi a' dèanamh eadar-theangachadh aig an oilthigh agus is fìor thoil leam a bhith ag ionnsachadh cànain. Cha robh mi anns an Eilean Sgitheanach fhathast, ach bu toil leam a dhol ann airson cùrsa Gàidhlig ann an SMO. Tha an t-eilean uabhasach brèagha, nach eil?

Naosg

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Di Mär 21, 2017 11:23 am

Halò a Naoisg

Bidh mi a' teagasg fhathast an siud 's an seo, ach chan e tidsear a th' annam. Tha mi ag obair mar oifigear na Gàidhlig aig SMO, ach bidh mi a' teagasg 2 chlas cuideachd, clas oidhche don choimhearsnachd agus clas taic do dh'oileanaich le trioblaidean gràmair. Tha e a' còrdadh rium gu mòr. Bhiodh e uabhasach math d' fhaicinn aig SMO aon latha. Agus mur eil airgead agad airson cùrsa, dh'fhaodadh tu dìreach tadhal oirnn an seo. Tha an t-Eilean glè bhrèagha agus tha tòrr cothroman ann airson dol a choiseachd no rudan eile a-muigh.

Bha mi anns na Pentland Hills turas no dhà cuideachd, agus chòrd e rium gu mòr.

Tha Gàidhlig eagalach math agad!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Mi Mär 22, 2017 10:23 pm

Halò a Shlèite,

Tha obair sgoinneil agad! Tha mi an dòchas gun tèid mi dhan Eilean Sgitheanach aon latha. Ma gheibh mi an cothrom, innsidh mi dhut.

Tha am fòram seo cho math. Chunnaic mi an cuspair "Feumaidh beagan spòrsa a bhith" an-diugh agus tha e cho èibhinn. Agus is toil leam a bhith a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig o àm gu àm, ged a tha mòran obrach agam airson an oilthighe an-dràsta.

Tapadh leat airson sgrìobhadh, tha sin glè inntinneach agus dh'ionnsaich mi faclan ùra cuideachd.

Naosg

P. S.: Tha Gàidhlig eagalach agam co-dhiù :)

Isbeal
Beiträge: 993
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Hallo!

Beitragvon Isbeal » Do Mär 23, 2017 2:10 am

Agus fàilte (ged a tha i fadalach) bhuamsa cuideachd!

Leis gu bheil thu air ais sa Ghearmailt a-nis, dh'fhaodadh tu cùrsaichean deireadh-seachdain a dhèanamh ann am Bonn cuideachd, ma bhios thu airson do chuid Gàidhlig a chleachdadh. Càit' a bheil thu a' fuireach a-nis? 'S dòcha gu bheil daoine eile le Gàidhlig faisg ort. Bidh oileanaich a' tighinn a Bhonn bho iomadh pàirt den Ghearmailt, nam measg feadhainn a bhios ag ionnsachadh Gàidhlig tro Skype. Tha thu ceart, tha barrachd ùidh ann an Gàidhlig sa Ghearmailt na bhiodh dùil agad. :D

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Do Mär 23, 2017 11:22 am

A Naoisg,
Chan fhaca mise mearachd sam bith fhathast! Tha thu air leth!
Bhiodh e uabhasach snog d' fhaicinn san Eilean Sgitheanach aon latha. 'S e àite brèagha a th' ann agus tha e gu sònraichte snog mas toil leat cur-seachadan a-muigh. Is toil leamsa dol a-mach air a' mhuir sa churrach (kayak) no sreap sna beanntan. Tha an t-sìde an-dràsta uabhasach math. Tha i fuar agus grianach is tioram. Tha beagan sneachda fhathast air na beanntan. Gu mì-fhortanach cha bhi cothrom agam an deireadh-seachdain seo dol suas beanntan sam bith, oir bidh sinn a' dol a Shruighlea airson bainnse. Bidh co-ogha mo chèile a' pòsadh. Thèid sinn cuideachd a dh'Ikea faisg air Dùn Èideann. Chan eil Ikea againn faisg oirnn, mar sin feumaidh sinn dol an sin no a Ghlaschu. tha sinn airson sgeilp mhòr a cheannachd airson an seòmar chur-seachadan a-muigh. Bhiodh e snog nam biodh a h-uile stuth, teantaichean, mataichean, stuth sreap, aodach kayak, aodach coiseachd, brògan, stuth campachaidh agus stuth sgithidh gu sgiobalta anns na sgeilpichean. Tha sgeilp mhòr againn do mhapaichean cuideachd agus do leabhraichean mu dheidhinn spòrs a-muigh. 'S e oide kayak a tha nam chèile agus 's e treòraiche nam beann a th' annamsa. Aon latha bidh seòmar tiormachaidh againn cuideachd, mar a tha aca ann an ostailean-òigridh.

Mholainn dhut cuideachd cùrsa deireadh-sheachdain ann am Bonn. Tha iad uabhasach spòrsail agus bidh thu a' coinneachadh ri daoine gasta aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig.

Dùrachdan
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Fr Mär 24, 2017 10:48 pm

Halò,

das mit dem Wochenendkurs klingt gut! (Tha mi duilich, chan urrainn dhomh sin a ràdh anns a' Ghàidhlig.) Chan eil mi a' fuireach faisg air Bonn idir, ach 's dòcha gun tèid agam air tighinn airson deireadh-seachdain aon latha.

Tha tòrr stuth agad airson cur-seachadan a-muigh, a Shlèite! Chaidh mi ann an kayak turas no dhà, air aibhnichean agus lochan. Nach eil am muir ro gharbh? Is toil leam a bhith a' coiseachd cuideachd. Nuair a bha mi ann an Alba, chaidh mi cuairtean còmhla ri oileanaich eadar-nàiseanta eile agus choisich sinn anns a' Mhonadh Ruadh agus faisg air Loch Laomainn. 'S e dùthaich glè bhrèagha a th' ann an Alba.

Tha mi an dòchas gun lorg sibh sgeilp mhath aig Ikea agus gum bi an t-sìde math airson sreap nuair a thilleas tu :)

Naosg

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Mo Mär 27, 2017 4:01 pm

Halò a Naoisg

das mit dem Wochenendkurs klingt gut! (Tha mi duilich, chan urrainn dhomh sin a ràdh anns a' Ghàidhlig.)

Tha coltas fìor mhath air an rud leis a' chùrsa deireadh-sheachdain!

Tha mi air ais a-nis. Cheannaich sinn tòrr stuth agus cha d' fhuair sinn mòran nach robh air an liosta againn. Gu mì-fhortanach cha robh aon rud aca, agus b' e sin aon de na rudan a bu chudromaiche.
Chòrd e rinn cuideachd a bhith sa bhaile. Chaidh sinn a thaigh-bidh Thai agus às dèidh sin a dhà thaigh-seinnse. Bha e uabhasach snog. Thill sinn dhan eilean an-dè agus 's e latha àlainn a bh' ann. Bha e 18 ceum celsius agus bha mi fada ro bhlàth anns na brògan geamhraidh agam.

Bha mi ann an kayak aibhne dìreach aon turas an-uiridh, ach chòrd e rium glan. Tha mi 'n dòchas gum bi cothrom agam sin a dhèanamh a-rithist am-bliadhna. Is math gun d' fhuair thu cothroman dol a choiseachd leis an oilthigh. Tha am Monadh Ruadh àlainn, ged nach robh mi a' creidsinn sin gus 2 bhliadhna air ais. Mar as trice thèid mi a-mach ann an kayak mara. Tha diofar seòrsa làithean ann: làithean ciùin sàmhach grianach nuair a bhios am muir mar sgathan, agus chì thu na leumadairean a' cluich. Tha iad sin math airson cuairtean fada is dòcha le campachadh no BBQ air an tràigh. Tha làithean garbha ann cuideachd le tuinn mhòra agus a' ghaoith a' sèideadh. Tha iadsan math airson dol a-mach fad uair a thìde gus cluich sna tuinn agus cleachdadh sgilean sònraichte. Agus tha a h-uile seòrsa eatorra ann cuideachd. tha e math cuairt a dhèanamh nuair a bhios i garbh agus a' ghaoth gad phutadh. Agus an uair sin cha bhithear a' tilleadh an aghaidh na gaoithe, ach a' parcadh càr eile aig a' cheann eile. Agus ma tha i snog agus dìreach rud beag gobach, tha i math cuideachd.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Do Mär 30, 2017 8:58 pm

Halò a Shlèite,

Tha mi air ais cuideachd a-nis - cha b' urrain dhomh sgrìobhadh nas luaithe, oir bha trioblaidean agam leis a’ choimpiutair… Tapadh leat airson do chuideachaidh leis an t-seantans!

Tha mi a’ tuigsinn gun robh deireadh-seachdain gasta agaibh ann an Sruighlea. Uireannan tha e math a bhith sa bhaile mhòr, nach eil? Thogadh mise ann am baile beag agus is toil leam a bhith air an dùthaich, ach tha mi a’ fuireach ann am baile mòr a-nis agus tha e a’ còrdadh rium cuideachd.
Bha an t-sìde glè mhath an seo cuideachd Diluain agus Dimàirt, ach chan eil i cho blàth an-dràsta. Tha mi an dòchas gum bi i grianach a-rithist an deireadh-seachdain, ge-tà, oir bu toil leam a dhol dhan phàirc. Chan eil e math a bhith ag obair anns an leabharlann fad an latha!

Kayak mara agus leumadairean – tha coltas fìor mhath air sin :) Cha toil leamsa a bhith ann an kayak ma tha an t-sìde glè gharbh ge-tà – rinn mi sin aon turas agus chuir sin eagal orm.

Chan eil mi a’ tuigsinn aon seantans anns a’ phost agad: “... cha d’ fhuair sinn mòran nach robh air an liosta againn”. A bheil sin a’ ciallachadh gun d’ fhuair sibh a’ mhòr-chuid de na rudan a bha sibh ag iarraidh? No gun do cheannaich sibh rudan nach robh air an liosta agaibh? No rudeigin eile ’s dòcha, tha a’ Ghàidhlig doirbh uaireannan... Tha i a’ fàs nas fhasa, ge-tà. Cheannaich mi leabhar Tintin sa Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus bha e ro dhoirbh an toiseach, ach thòisich mi a-rithist an-dè agus tha mi a’ tuigsinn dè tha a’ tachairt a-nis. Tha na dealbhan feumail cuideachd co-dhiù.

Naosg

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Di Apr 04, 2017 10:22 am

Halò a Naoisg

Bha mi a' ciallachadh gun do cheannaich sinn rudan bhon liosta againn a-mhàin, agus cha do cheannaich sinn mòran rudan eile. Bidh thu eòlach air Ikea agus cho furasta is a tha e dol ann airson preas agus bòrd a cheannachd, agus thig thu a-mach le coinnlein agus cupannan ùra agus poitean is tubhailtean. ;-)

Bha an turas againn sgoinneil, agus innsidh mi dhuibh ma dheidhinn uaireigin.

Tha beagan de chabhaig orm a-nis.

Tìoraidh
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Naosg
Beiträge: 20
Registriert: So Mär 19, 2017 8:28 pm

Hallo!

Beitragvon Naosg » Di Apr 11, 2017 4:10 pm

Halò a Shlèite,

Cheannaich sibh rudan bhon liosta a-mhàin? Rinn sibh glè mhath! Tha thu ceart, mar as trice bidh thu a' ceannach coinnlean is cupannan... agus suiteis is Knäckebrot cuideachd ;)

Tha mi toilichte gun robh turas math agad. Ach tha mi duilich gun do dh’fhàs sibh cho fliuch a’ coiseachd anns na beanntan! Bha mise trang an deireadh-seachdain cuideachd: bha mi a' seinn leis a' chòisir agam fad an latha Disathairne. Bha mi uabhasach sgìth an dèidh sin, ach bha e spòrsail cuideachd.

Naosg

Sleite
Beiträge: 1692
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Hallo!

Beitragvon Sleite » Do Apr 13, 2017 10:53 am

Halò a Naoisg

Tha caraidean agam às a' Ghearmailt an seo an-dràsta agus chaidh sinn air cuairt an-dè. Bha sinn airson dol suas beinn, ach gu mì-fhortanach bha i ro ghaothach agus bha deagh sheans ann gum biodh clachan-meallain ann. Mar sin chaidh sinn air cuairt air a' chosta. Chaidh sinn gu tràigh gainmhich ghil agus an uair sin suas cnoc beag gus an sealladh fhaighinn. Thug e dìreach 3 uairean a thìde, agus às dèidh sin stad sinn aig cafaidh snog. Bha sinn toilichte nach deach sinn suas a' bheinn, oir bhiodh i air a bhith garbh.

Feasgar dhathaich sinn uighean, agus feumaidh mi ràdh gun dèan mi sin gach bliadhna ged nach dèan duine sam bith timcheall orm sin idir. Cha chleachd iad ach uighean teòclaid mòra. Cha toil leam na dòighean Càisge ann am Breatainn.

Slèite.
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 0 Gäste