Anns a' choille

Siùsaidh1501
Beiträge: 44
Registriert: So Nov 27, 2011 9:56 am
Wohnort: 59821 Arnsberg

Anns a' choille

Beitragvon Siùsaidh1501 » Mi Okt 22, 2014 12:35 pm

Halò, a h-uile daoine,

is dòcha gun do mhothaich sibh gum bi mi anns a' choille gu tric. Mar sin bu toil leam innse dhuibh mu dheidhinn sin.

Mar as àbhaist nì mi mochèirigh agus thèid mi dhan choille mus dèan mi bracaist. Tha mi a' fuireach ann an sgìre làn de chraobhan is choilltean brèagha ach 's e aon shlighe as fheàrr leam. 'S e “Ceum na bàrdachd“ an t-ainm a th' oirre air sgàth 's gun deach iomadh clàr-bùtha a thogail an sin air a bheil dànan a sgrìobhte. Bho àm gu àm tha iad air an atharrachadh. Tha sin a' crochadh ri na h-aimsirean is na cuspairean agus tha e gu math inntinneach na dànan a leughadh nuair a bhios mi anns a' choille seo.

Bha an sgìre, far a bheil an t-slighe, pàirt de dh'fhearann chlochair sean, a bha stèidhichte mun bhliadhna 1190. Bhuain na cailleachan-dubha, a dh'fhuirich an sin, am fiodh, thog iad lochanan èisg agus bha cead aca na beathaichean beaga a shealg cuideachd. Fàsaidh mòran lusan-leighis diofraichte ri taobh na slighe - barrachd air a dh'fhàsas ann an àiteachan eile – agus is dòcha gun robh seann lios a' chlochair faisg air. Uaireannan siridh mi lusan airson leigheasan a dhèanamh agus 's e àilleagan nàdair a th' ann an t-slighe seo.

Ach 's e an t-sàmhchair an rud as fheàrr leam! Cha bhi daoine anns a' choille ro thràth sa mhadainn ach uaireannan agus cha chluinn mi dad ach na h-èoin agus a' ghaoth ann an duilleagan nan craobhan. Ma bha an t-uisge ann san oidhche sa chaidh cluinnidh mi na boinnean a thuiteam dhiubh fhathast. Tha allt beag ri taobh na slighe agus tha being chofhurtail faisg air cuideachd. Nuair a bhios mi nam shuidhe an sin tràth sa mhadainn chì mi a' grian na h-èirigh thairis air na craobhan. Deàlraichidh a gathan tro na gheugan agus 's toil leam sin gu mòr. 'S e sealladh iongantach a bhios ann. Cluinnidh mi torman an uillt, am bidh na ruith gu lùbach tron innis, agus ma bhios mi faiceallach is sàmhach chì mi iomadh beathach diofraichte. Bidh eòin-seilge beaga nan suidhe air geugan nan craobhan agus an aire a' toirt air an creach. Uaireannan glacaidh corra-ghritheach na h-èisg às an lochan agus fuirichidh tunnagan an sin cuideachd. San t-earrach chì mi na h-iseanan aca agus cluinnidh mi na lasairean-choille an nid a bhualadh a-steach do dh'fhiodh nan craobhan.

Aon latha, nuair a choisich mi an sin le cù mo nighinn, chunnaic mi trì mucan fiadaich còmhla ri corr na deich uirceannan faisg orm air feadh na faiche dìreach ri taobh na slighe. B' fheudar dhomh a bhith faiceallach. Bha an t-eagal orm gun dèanadh an cù comhartaich agus gun deach na mucan a chlisgeadh. Bhiodh sin a bhith cunnartach agus mar sin thionndaidh mi agus ghabh mi slighe eile. B' urrainn dhomh coimhead air na mucan is na h-uirceannan thairis air an allt is an fhaiche mu choinneimh agus chuala mi an gnòst-gnòst aca. Dh'fhuirich an cù is mi fhìn an sin iomadh mionaid agus mise coimhead air na beathaichean. 'S e mòmaid shònraichte a bh' ann agus cha dhìochuimhnich mi sin gu sìorraidh tuilleadh!

Dè an t-àite as fheàrr leibhsa?

Zurück zu „coitcheann“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast