Eadar-theangachadh ùr

Hier kann und soll man sein Gelerntes ausprobieren!!!
Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Steffi1 » Do Okt 31, 2013 9:15 am

B´fheàrr leam na seantansan seo ged nach eil mi cinnteach a bheil iad nas cumanta na seantansan eile:
Ich bevorzuge diese Sätze, obwohl ich mir nicht sicher bin, ob sie üblicher sind als die anderen Sätze:

Bha a' chlann a' spleuchdadh air Tim is a' chù mhòr air a chùl.

Chuir an cù a spògan ris an fheansa.

Dhèanainn gu cinnteach e.

Co a tha e ge-tà ?
Cait a bheil e ge-tà ? ( Ach dh'atharraich Regine an seantans seo mar-thà )

Cha do Tim air sguir.
Cha do stad Tim.

Ruith Tim chun na sgoile cho luath ’s a ghabhadh, oir dìreach an sin bha e a' faireachdainn sàbhailte.

"Dè thachair?" shaoil an t-athair.
"Dè thachair?" thuirt an t-athair le iongnadh.

"Tha mi a' leantainn an seo mar as àbhaist, tha e nas fheàrr".
"Taghaidh mi an t-slighe seo mar as àbhaist, bidh i nas fheàrr.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Regine » Do Okt 31, 2013 12:08 pm

Huch“ thionndan an t-àthair le iongnadh, „'s ann mòr a tha e
"O mo chreach!" dh'èigh an t-àthair, "abair cù mòr a tha seo!"

Thoirmisg mi cho tric dha sin a dhèanamh ach chan èist e rium. Mar as trice bidh e snog.
Cha do leigeadh mi leis airson sin a dhèanamh, ach chan èist e rium. Mar as trice bidh e modhail.
Tha e math a bhith beò!

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Sleite » Do Okt 31, 2013 12:44 pm

Sleite hat geschrieben:is math a rinn sibh uile! Tha sibh air tòrr tòrr obrach a dhèanamh air seo agus ged a bha e gu math doirbh chum sibh oirbh! Tha sibh uile ri ur moladh gu mòr!

Seo agaibh an teacsa a-rithist rinn mi fhèin taghadh an siud 's an seo, agus cheartaich mi rudan an siud 's an seo, ach dh'fhàg mi beagan duibhse cuideachd. Chuir mi loidhne fo na rudan a tha fhathast rin leasachadh. Uaireannan tha rudeigin ceàrr leis a' ghràmar, uaireannan tha am facal dìreach neònach no neo-chumanta, uaireannan chan eil e buileach ceàrr, ach bhiodh e na b' fheàrr ann an dòigh eile. Uaireannan dh'fhàg mi dà no trì dhòighean ann agus bu chòir dhuibh taghadh a dhèanamh fhathast. Feuch gum bruidhinn sibh mu na rudan seo gu fosgailte. Cha mhòr nach eil sinn deiseil! :D
----

An latha a bha seo, bha Tim agus a charaidean a' coiseachd dhan sgoil. Bha iad ri fealla-dhà. Tha iad a’ leum is a’ coiseachd mun cuairt gu math beòthail. Ach gu h-obann bha eagal air Tim. Bha tabhann is nuallan garbh rin a cluinntinn air a chùlaibh.
Bha a' chlann a' spleuchdadh air Tim is a' chù mhòr air a chùl / Bha a’ chlann nan seasamh gun air a bhith a’ gluasad agus choimhead iad air cù mòr air a chùl/ Bha a' chlann a' coimhead air Tim is a' chù mhòr air a chùl. Thionndaidh Tim gu slaodach agus chunnaic e an cù mòr air am beulaibh. Chuir an cù na spògan ris an fheansa agus choimhead e dìreach air aodann Thim. Dh'èigh esan leis an eagal / gu h-àird agus ruith e air falbh cho luath ‘s a ghabhadh.

Ruith a’ chlann eile às dhèidh agus stad iad air cùlaibh na h-ath chòrnair. Cha robh an cù ri fhaicinn tuilleadh. “Thighearna!/Dhia/Mo chreach/Mhuire/Shiorraidh…", thuirt aon de na balaich "Nach e bha mòr. Bha an dearg eagal air Tim! Dhèanainn gu cinnteach e/ mar thachras dhomh gu cinnteach*.Càit a bheil e co-dhiù??"
Cha do stad Tim ge-tà. Ruith Tim chun na sgoile cho luath ’s a ghabhadh, oir b' ann dìreach an sin bha e a' faireachdainn sàbhailte.

Nuair a ràinig a´ chlann eile an sgoil, bha iad a’ magadh air Tim is a’ chù mhòr. Bhon àm seo ghabh Tim an-còmhnaidh slighe eile dhan sgoil air eagal is gum b´ fheudar dha dol seachad air an taigh leis a’ chù. Chuir a’ chlann eile cas air Tim gu tric air sgàth sin.
Aon latha, chaidh athair Thim dhan sgoil còmhla ris. Bha e airson dol dhan bhanca a bha dìreach ri taobh na sgoile. Nuair a thionndaidh e dhan t-sràid far an robh an taigh leis a' ghàrradh mhòr, tharraing Tim athair cuide ris.
"Dè thachair?" shaoil an t-athair. "Nach fheum sinn tionndaidh an seo?"
"Chan fheum", ars Tim. "Tha mi a' leantainn an seo mar as àbhaist, tha e nas fheàrr".
"Tim", fhreagair an t-athair "bhiodh sin fada na b' fhaide, chan eil ùine gu leòr agam."
"Ach chan eil mi ag iarraidh an t-slighe seo a ghabhail," ghearain Tim.
"Tha mi duilich, ach feumaidh mi cabhag a dhèanamh agus mar sin 's e an t-slighe seo a bhios sinn a' gabhail " dh'òrdaich an t-athair agus tharraing e Tim às a dhèidh. Bha iad a' dol cuide ri chèile. Dìreach nuair a bha iad a' dol seachad air an taigh leis a' chù mhòr bha esan na sheasamh aig an fheansa a-rithist agus rinn e tabhainnich, dìreach mar a rinn e an turas mu dheireadh/roimhe.
O mo chreach!“ dh'èigh an t-àthair le iongnadh, "abair cù mòr a tha seo!"
"Tha, tha e mòr", ars duine a nochd gu h-obann anns a’ ghàrradh. Nochd e cho luath ris a chù fhèin.
“Is toil leis eagal a chur air daoine eile a tha a’ dol seachad an seo, faisg air an fheansa. Thoirmisg mi cho tric dha sin a dhèanamh ach chan èist e rium. Mar as trice bidh e modhail. Tha mi an dòchas nach do chuir e eagal oirbh.“

”Uill, cha do chuir. Tha mi ceart gu leòr“ thuirt an t-athair gu gagach. Bha e rud beag troimh-chèile fhathast. Dh’fhàs Tim bàn agus bha an dearg eagal air. ”Tha fhios agaibh, tha mo chù uabhasach sanntach,“ thuirt an duine.

“Thoiribh dha aon de na briosgaidean seo. Bidh e air a dhòigh leibh." Thug an duine briosgaid à bogsa os làimh.
"A bheil thu airson tè a thoirt dhan chù?" dh'fhaighnich an t-athair. Bha e neo-chomasach do Thim freagairt. Ghabh e briosgaid agus thilg e e gu math fada anns a' ghàrradh. B' fheudar dhan chù falbh am feansa airson ga fhaighinn/faighinn i.
Thàinig an cù air ais. Chrath e le earball agus bhlaiseamaich e. Shuidh e air beulaibh Tim aig an fheansa agus dh'iarr e air barrachd a ghabhail. Chuir sin gàire air Tim. Bha sin a’ coimhead èibhinn. A-nis, thilg e tè a-mach dìreach air a bheul.
"Tha ur mac a' còrdadh ri coin," ars an duine air cùl an fheansa, "mas toil leat tha cead agad a thàladh. ´S e fear laghach a th´ann an Hasso." Cha d´fhuair Tim de mhisneachd/ Cha robh e misneachail gu leòr gus sin a dhèanamh. "Uill", ars an t-athair, "tiugainn ma-tha. Tha cabhag oirnn. Chì sinn a-rithist sibh. Mar sin leibh !" "Mar sin leibh" ars an duine air cùlaibh an fheansa.
Nuair a chum iad orra pìos beag den t-slighe, thuirt an t-athair ri Tim: "Bha an cù gu math mòr. Bha an dearg eagal orm nuair a bha e na sheasamh an sin gu h-obann is bha e a’ tabhainnich." "Bha eagal orm cuideachd" ars Tim, "ach 's e cù modhail cheana a th´ann." "Tha thu ceart" dh'aontaich an t-athair, "ach feumaidh tu an-còmhnaidh a bhith faiceallach le còin coimheach an toiseach."
Nuair a chaidh Tim is an caraidean dhan sgoil an ath-latha ghabh iad an t-slighe mar roimhe. Chaidh iad seachad air an taigh leis a’ chù. Dìreach air beulaibh an taighe dh’atharraich a’ chlann eile taobh an rathaid air eagal is gum feumadh iad dol seachad dìreach faisg air an fheansa. Cha do rinn Tim an aon rud. Chaidh e dìreach chun a' choin a bha na sheasamh sa ghàrradh. Thabhainnich seo nuair a chunnaic e a’ chlann. Thilg Tim briosgaid air a’ chù. ´S e briosgaid a chuir e sa phòcaid air a shàilleibh. Nuair a shuidh Hasso air an fheansa a-rithist agus dh'iarr e air barrachd a ghabhail, chniadaich Tim dha-rìreabh e. Bha a' chlann a' coimhead air bho thaobh eile an rathaid agus bha e doirbh dhaibh a chreidsinn gun robh Tim cho curanta. Bha Tim glè mhoiteil às gun do bhuadhaich e air an eagal aige agus gu nàdarra chòrd e glan ris gun robh tòrr spèis aig a’ chlann eile dha.
----------



Ich sag das jetzt nicht nochmal auf Deutsch, da es sich nur um Anweisungen fuer die Uebersetzer handelt.

Slèite



*Das muesst ihr euch nochmal im Original anschauen und dann nochmal uebersetzen. Soe wie es jetzt ist, ergibt es keinen Sinn, und ihr habt auch was wichtiges ausgelassen.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Sleite » Do Okt 31, 2013 12:54 pm

Chuir mi cuid de na molaidhean sin ann, agus chuir mi dath air (chan eil na dathan diofraichte a' ciallachadh dad sam bith). Mura chuir mi iad ann, cha robh iad a' còrdadh rium. Duilich.

Slèite.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Steffi1 » So Nov 03, 2013 7:10 am

“ O mo chreach!“ dh'èigh an t-athair le iongnadh, "abair cù mòr a tha seo!"

Bhithinn ag toirmeasg cho tric dha sin a dhèanamh ach chan èist e rium.

B' fheudar dhan chù am feansa fhagail airson a thoirt.

Thug an duine briosgaid à bogsa dhan làmh.

Chan fhaodadh Tim freagairt.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Sleite » Do Nov 07, 2013 7:17 pm

Seo agaibh an tionndadh agamsa air an sgeul. Is math a rinn sibh!
-----
An latha a bha seo, bha Tim agus a charaidean a' coiseachd dhan sgoil. Bha iad ri fealla-dhà. Bha iad a’ leum is a’ ruith gu math beòthail. Ach gu h-obann bha an t-eagal air Tim. Bha tabhann is nuallan garbh ri chluinntinn air a chùlaibh. Bha a' chlann a' coimhead air Tim is a' chù mhòr air a chùlaibh. Thionndaidh Tim gu slaodach agus chunnaic e an cù mòr air am beulaibh. Chuir an cù na spògan ris an fheansa agus choimhead e gu dìreach air aodann Thim. Dh’eigh esan leis an eagal agus ruith e air falbh cho luath ’s a ghabhadh. Ruith a’ chlann eile às a dhèidh agus stad iad air cùlaibh na h-ath chòrnair. Cha robh an cù ri fhaicinn tuilleadh. “Thighearna!” thuirt aon de na balaich "Nach e bha mòr. Bha an dearg eagal air Tim! Uill, bhitheadh ormsa! Càit a bheil e co-dhiù??"

Cha robh Tim air stad ge-tà. Ruith Tim chun na sgoile cho luath ’s a ghabhadh, oir b' ann dìreach an sin a bha e a' faireachdainn sàbhailte. Nuair a ràinig a’ chlann eile an sgoil, bha iad a’ magadh air Tim air sgàth a’ choin mhòir. Bhon uair sin ghabh Tim an-còmhnaidh slighe eile dhan sgoil air eagal is gum b´ fheudar dha dol seachad air an taigh leis a’ chù. Chuir a’ chlann eile a’ tarraing à Tim gu tric air sgàth sin.

Aon latha, chaidh athair Thim dhan sgoil còmhla ris. Bha e airson dol dhan bhanca a bha dìreach ri taobh na sgoile. Nuair a thionndaidh e dhan t-sràid far an robh an taigh leis a' ghàrradh mhòr, tharraing Tim athair cuide ris.
"Dè tha ceàrr?" dh’fhaighnich an t-athair. "Nach fheum sinn tionndaidh an seo?"
"Chan fheum," ars Tim. "Bidh mise an-còmhnaidh a’ gabhail an rathad seo, tha e nas fheàrr".
"A Thim," fhreagair an t-athair "bhiodh sin fada na b' fhaide, chan eil ùine gu leòr agam."
"Ach chan eil mi ag iarraidh an t-slighe seo a ghabhail," ghearain Tim.
"Tha mi duilich, ach feumaidh mi cabhag a dhèanamh agus mar sin 's e an t-slighe seo a bhios sinn a' gabhail," dh'òrdaich an t-athair, agus tharraing e Tim às a dhèidh. Bha iad a' dol cuide ri chèile. Dìreach nuair a bha iad a' dol seachad air an taigh leis a' chù mhòr, bha esan na sheasamh aig an fheansa a-rithist agus rinn e tabhainnich, dìreach mar a rinn e an turas mu dheireadh.
"O mo chreach!“ dh’eigh an t-athair le iongnadh, "abair cù mòr a tha seo!"
"Tha, tha e mòr," ars duine a nochd gu h-obann anns a’ ghàrradh. Nochd e cho luath ris a chù fhèin.
"Is toil leis eagal a chur air daoine a tha a’ dol seachad an seo, faisg air an fheansa. Thuirt mi ris cho tric nach fhaod e sin a dhèanamh, ach chan èist e rium. Ach a bharrachd air sin ’s e cù modhail a th’ ann. Tha mi an dòchas nach do chuir e eagal oirbh.”
”Uill, cha do chuir. Tha mi ceart gu leòr,” thuirt an t-athair gu gagach. Bha e rud beag troimh-chèile fhathast. Dh’fhàs Tim bàn agus bha an dearg eagal air. “A bheil fhios agaibh? Tha an cù agam uabhasach sanntach,” thuirt an duine.
“Thoiribh dha aon de na briosgaidean seo. Bidh e air a dhòigh leibh." Thug an duine briosgaid à bogsa na làimh.
"A bheil thu airson tè a thoirt dhan chù?" dh'fhaighnich an t-athair. Cha deach air Tim freagairt. Ghabh e briosgaid agus thilg e i gu math fada anns a' ghàrradh. B' fheudar dhan chù am feansa fhàgail airson a faighinn.
Thàinig an cù air ais a’ bogadh earbaill agus glamadh agus a’ slupraich. Shuidh e air beulaibh Tim aig an fheansa agus dh'iarr e barrachd. Chuir sin gàire air Tim. Bha sin a’ coimhead èibhinn. A-nis, thilg e tè a-mach dìreach air a bheul.
"Tha ur mac math le coin," ars an duine air cùl an fheansa, "mas toil leat faodaidh tu a shlìobadh. ´S e fear laghach a th´ann an Hasso." Cha robh Tim misneachail gu leòr gus sin a dhèanamh. "Uill", ars an t-athair, "tiugainn ma-tha. Tha cabhag oirnn. Chì sinn a-rithist sibh. Mar sin leibh!"
"Mar sin leibh" ars an duine air cùlaibh an fheansa.
Nuair a chum iad orra pìos beag den t-slighe, thuirt an t-athair ri Tim: "Bha an cù gu math mòr. Bha an dearg eagal orm nuair a bha e na sheasamh an sin gu h-obann is e a’ tabhainnich."
"Bha an t-eagal ormsa cuideachd" ars Tim, "ach 's e cù modhail a th´ann."
"Tha thu ceart" dh'aontaich an t-athair, "ach feumaidh tu an-còmhnaidh a bhith faiceallach le còin coimheach an toiseach."

Nuair a chaidh Tim is na caraidean aige dhan sgoil an ath-latha ghabh iad an t-slighe mar a b’ àbhaist. Chaidh iad seachad air an taigh leis a’ chù. Dìreach mus do ràinig iad an taigh dh’atharraich a’ chlann eile taobh an rathaid gus nach fheumadh iad dol seachad dìreach ri taobh air an fheansa. Cha do rinn Tim an aon rud. Chaidh e dìreach chun a' choin a bha na sheasamh sa ghàrradh. Thabhainnich e nuair a chunnaic e a’ chlann. Thilg Tim briosgaid dhan chù a bha e air a cur na phòcaid a dh’aona gnothach. Nuair a shuidh Hasso aig an fheansa a-rithist ag iarraidh barrachd, bha Tim fiù ’s ga shlìobadh. Bha a' chlann a' coimhead air bho thaobh eile an rathaid agus bha e doirbh dhaibh creidsinn gun robh Tim cho dàna. Bha Tim glè mhoiteil gun do rinn e a’ chùis air eagal agus gu nàdarra chòrd e glan ris gun robh tòrr spèis aig a’ chlann eile dha.
----
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Eadar-theangachadh ùr

Beitragvon Anna » Fr Nov 08, 2013 10:33 pm

Halò a Shleite,

moran taing airson an teacsa. Bha e taghta dha-rìreabh sin a dhèanamh.
Vielen Dank für den Text. Es war wirklich toll, dass zu machen.

B'e obair inntinneach a bh'ann.
Es war eine interessante Arbeit.
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!


Zurück zu „Halb Gälisch, Halb Deutsch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast