Haussegen/Einzugswunsch

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Teàrlach » So Jul 07, 2013 10:06 pm

Halò,

imrichidh caraid agam do thaigh ùr san Lùnastal. Mar sin, tha mi a' lorg beannachd neo seanfhacal Gàidhlig dha.

Lorg mi a' bheannachd seo anns na “Carmina Gadelica” (http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/corpu ... /G45.html; tha mi an dòchas gu bheil na sràcan ceart a chuir mi ann):

Dhè, beannaich an taigh
Bho stèidh gu staidh,
Bho chrann gu fraigh,
Bho cheann gu saidh,
Bho dhronn gu tràigh,
Bho sgonn gu sgàith,
Eadar bhonn agus bhràighe,
Bhonn agus bhràighe.


Ach chan eil mi cinnteach dè tha a' ciallachadh corra fhacail sa Ghearmailtis:

Lorg mi:

stèidh: Fundament
crann: Balken
fraigh: Trennwand, Innenwand
ceann: Ende (?)
saidh: senkrechter Balken
dronn: Dachfirst
tràigh: Untergeschoss, Keller
sgonn: Klotz (?)
sgàith: Firstbalken
bonn: Grund, Fundament
bràighe: oberer Teil (?)

Cha do lorg mi:

staidh

A bheil fhios aig cuideigin dè tha “ceann” is “sgonn” is “staidh” is "bràighe" a' ciallachadh sa Ghearmailtis a thaobh taighe?

A bheil beannachd neo seanfhacal eile ann airson taighe ùr neo imriche?

Mòran taing!
Zuletzt geändert von Teàrlach am Di Jul 09, 2013 9:40 pm, insgesamt 1-mal geändert.

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Isbeal » Mo Jul 08, 2013 1:22 am

Ich kenne mich mit so etwas in keiner Sprache aus, aber 'staidh' ist evtl. mit dem Englischen 'stay' verwandt, was 'Stütz' heisst. Also evtl. Stützbalken.

(In der Mehrzahl gibt es das Gälische Wort 'staidhinnean', Engl. 'stays', was eine Art Frauen-Korsett war.)

Evtl auch mit 'a-staigh' verwandt?


Und noch ein Segen (sehr katholisch):

http://puxill.livejournal.com/322017.html

An Oigh agus an Leanabh (Virgin and Child)
Chunnacas an Oigh, Criosda gu h-og 'na h-uchd.

A Mhoir Oighe, agus a Mhic,
Beannaich an taigh agus a luchd.
Beannaich am biadh, beannaich am bord,
Beannaich an dias, an triall 's an stor.
An trath bha oirnn a raithe gann, is tu fèin, Oighe, bu mhathair dhuinn.
Is gill thu na ghealach earra-gheal ag èirigh air an tulaich.
Is gil thu na ghrian cheit-ghil, fo eibhneas subhach.

Mise gille Mhic Dè an cois an dorais,
A uchd Dè, èirich fèin is fosgail dhomh e.

=====

Behold the Virgin, Child at breast,
O Mary Virgin! O Holy Child!
Bless ye this house and all therein.
Bless ye the food, bless ye the board,
Bless ye the corn, the flock, and stores.
When things were scarce, were ye, O Mary, mother to us.
Thou art brighter than the waxing moon, rising over the mountains.
Thou art brighter than the summer sun, under the fullness of joy.

Servant am I of god the Son, standing here on the threshold,
For the sake of God, arise thyself and open to me.

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Sleite » Mo Jul 08, 2013 10:02 am

Hier auch noch ein schoener:

Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag,
Taigh gun ghean, gun ghàire.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Re: Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Teàrlach » Mo Jul 08, 2013 8:40 pm

Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag,
Taigh gun ghean, gun ghàire.


Tha an seanfhacal seo a' còrdadh riumsa gu mòr ach tha eagal orm nach bi e cho freagarrach don charaid a thog an taigh: Tha esan gun chù, gun chat, gun leanabh beag - agus tha mi a' smaoineachadh nach bi e le cù, le cat neo le leanabh beag gu bràth ...

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Sleite » Mo Jul 08, 2013 11:26 pm

Is dòcha nach bi e cho freagarrach ma tha ;-)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Haussegen/Einzugswunsch

Beitragvon Regine » Di Jul 09, 2013 3:36 pm

's e an fhìrinn a tha ann. ;-) Tha taigh mar seo daonnan beò agus cha bhi e sàmhach gu sìorraidh. :-D
Tha e math a bhith beò!


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast