Feasgar

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Sleite
Beiträge: 1699
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Feasgar

Beitragvon Sleite » Do Mai 30, 2013 11:03 am

Obh obh, tha mi gu tur troimh-chèile. Cò chuidicheas mi?

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo ceart:

Thèid mi dhan tràigh agus feasgar thèid mi dhan taigh-sheinnse.
Bha mi trang fad an latha agus feasgar chaidh mi dhan bhùth
Bidh mi a' dol dhan leabharlann gach feasgar Dihaoine


Tha mi a' creidsinn gu bheil iadsan seo ceàrr:

Thèid mi a shnàmh san fheasgar
Thèid mi dhan taigh-sheinnse air an fheasgar

Chan eil mi cinnteach mu seo:

Gach Dihaoine bidh mi a' dol dhan leabharlann agus dhan taigh-bhìdh san fheasgar
Bha sinn sna beanntan fad an latha agus chaidh sinn dhan taigh-sheinnse san fheasgar


Dè ur beachd?
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Teàrlach
Beiträge: 52
Registriert: So Apr 28, 2013 9:05 pm
Wohnort: Francoinia

Re: Feasgar

Beitragvon Teàrlach » Do Mai 30, 2013 11:17 pm

Sleite hat geschrieben:Chan eil mi cinnteach mu seo:

Gach Dihaoine bidh mi a' dol dhan leabharlann agus dhan taigh-bhìdh san fheasgar
Bha sinn sna beanntan fad an latha agus chaidh sinn dhan taigh-sheinnse san fheasgar


Dè ur beachd?
Slèite


Theirinn "Gach Dihaoine theid mi ..." agus "Bhitheamaid sna beanntan ... agus rachamaid dhan taigh-sheinnse ..." ach chan eil mi cinnteach nas mò.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Feasgar

Beitragvon Micheal » Fr Mai 31, 2013 8:51 am

Bha an deasbad seo againn ann an 2006 :D viewtopic.php?t=284

Chanainn-sa: feasgar a-mhàin airsin Abends, am Abend. Montagabend

Feasgar Di-Luain/ Feasgar Luain bha mi ann an....
Bidh XXX air BBC Alba feasgar. Ach feumaidh luchd na Beurla Präposition an-sin. Mar sin nochdaidh e nas trice agus nas trice.
Chuala mi an dà chuid airson am Abend: anns an fheasgar seo/ air an fheasgar seo

Chleachdar "air" fada ro thric le cinn-latha neo làithean na seachdaine co-dhiù.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste