Agallamhan eadar-dhealaichte

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Agallamhan eadar-dhealaichte

Beitragvon Steffi1 » Di Mai 07, 2013 3:36 am

Seo an ceangal gu iomadh agallamh sa Ghàidhlig dhuibh. Tha mi an dòchas gum bi an ceangal ag obair.
Hier ist ein Link zu ganz vielen Interviews auf Gälisch für Euch. Ich hoffe, dass der Link funktioniert.

http://multidict.net/clilstore/
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Agallamhan eadar-dhealaichte

Beitragvon Isbeal » Mi Mai 08, 2013 1:20 pm

Ceangal math, Steffi.

'S e pàirt den phròiseact fhad-ùine 'Guthan nan Eilean' a th' ann:

http://guthan.wordpress.com/

Faodaidh sibh beagan a bharrachd a leughadh mu dheidhinn nan agallamhan an sin.

Rud air leth feumail, 's e na goireasan dealanach a th' aige a bharrachd, mar Wordlink (ri fhaighinn tro cheangal aig Steffi gu h-àrd), agus cleachdadh nan ìrean eadar-nàiseanta CEFR (A1 - C2).

Tha Sreath 1 ann mar chlàr-DVD, Guthan nan Eilean 1, a bha ri fhaighinn saor an-asgaidh roimhe - 's dòcha fhathast.
Air neo, tha esan ri fhaighinn air-loidhne cuideachd:
http://guthan.wordpress.com/series-one/

Guter Link, Steffi.
Es ist Teil des Langzeitprojekts 'Guthan nan Eilan' - Inselstimmen.
Man kann Zusatzinfos zu den Interviews dort lesen.
Besonders nützlich sind die elektronischen Extras, wie Wordlink (zu bekommen über Steffis Link oben) und das Gebrauch des internationalen Levelsystems CEFR / GER (A1 - C2).
Serie 1 ist als DVD zu bekommen - früher kostenlos, vielleicht immer noch. Sonst online.

Gordon Wells
Beiträge: 2
Registriert: Mi Mai 08, 2013 2:18 pm
Wohnort: Beinn na Faoghla

Re: Agallamhan eadar-dhealaichte

Beitragvon Gordon Wells » Mi Mai 08, 2013 2:39 pm

Mòran taing, a chàirdean, airson fiosrachadh air Guthan nan Eilean a sgaoileadh. Tha mi an dòchas gu bheil e ceadaichte dhomh a bhith a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin an seo? Chan eil Gearmailtis idir agam - mo nàire!

Mar a sgrìobh Isbeal, gheibhear na h-agallamhan (agus prògraman aithriseach) uile air-loidhne aig http://guthan.wordpress.com/. Leanaibh na duilleagan "Series 1", "Series 2 Outdoors/Generations/Enterprise" etc... Tha ceanglaichean ann gu dìreach gu YouTube air no tron ghoireas ùr - "Clilstore" - air a bheil sinn ag obair fhathast. Ma tha molaidhean sam bith agaibh airson Clilstore leigibh fios dhuinn mas e ur toil e... :)

A bharrachd air na filmichean ann an sreathan 1 agus 2 shuas, tha feadhainn eile ann cuideachd air an duilleig "extras". Ma tha ùidh agaibh ann an Gàidhlig na h-Èirinn cuideachd 's dòcha gun còrd an cruinneachadh ùr seo dhuibh: "Beinn na Faoghla gu Rann na Feirste: Cuàirt Ghàidhealach". Gheibhear thuige tron phost seo: http://guthan.wordpress.com/2013/05/03/trilingual-trip/

An dòchas gun còrd na filmichean ribh! Tha gu leòr dhiubh ann...


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 0 Gäste