Eadar-theangachadh / Übersetzung

Hier kann und soll man sein Gelerntes ausprobieren!!!
Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Steffi1 » Do Dez 20, 2012 2:38 am

An ath latha, bidh a h-uile duine san leabaidh le ceann daoraich.
Am nächsten Tag sind alle Leute mit einem Kater im Bett.

Chan eil mi idir cinnteach.
Ich bin mir überhaupt nicht sicher.

Is cinnteach ge-tà gu bheil gach teaghlach diofraichte.
Es ist trotzdem sicher, dass jede Familie unterschiedlich ist.

Is dòcha gun tèid daoine air sgrìob dhan tràigh no gum bi cuid a’ coimhead air filmichean.
Vielleicht machen (gehen) Leute einen kleinen Ausflug zum Strand oder ein Teil sieht Filme an.

Is dòcha gum biodh e snog rudan a chluinntinn bho na h-Albannaich againn an seo.
Vielleicht wäre es nett, Dinge von unseren Schotten hier zu hören.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Sleite » Do Dez 20, 2012 4:52 pm

Math fhèin

cuid:
cuid de dhaoine: Manche Leute
bidh cuid a' dèanamh seo: Manche tun dies
Mo chuid aodaich: Meine Kleidung
an cuid cloinne: ihre Kinder
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Anna » So Dez 30, 2012 12:36 am

A Shleite,

bha mi duilich nach robh ùine agam airson an t-eadar-theangachadh a dhèanamh cuideachd.
Es hat mir leid getan, dass ich keine Zeit hatte, die Übersetzung auch zu machen.

Bha an teacsa glè inntinneach, agus b'fheudar dhomh triutan gàire a dhèanamh gu tric.
Der Text war sehr interessant und ich musste häufig schmunzeln.

Tha na tradaiseanan ann an Alba rud beag diofraichte bhon fheadhainn an seo.
Die Traditionen in Schottland sind unterscheiden sich etwas von denen hier.

Mar sin bu toil leam a bhith ann an Alba aig Nollaig aon latha.
Deshalb wäre ich gerne eines Tages in Schottland zu Weihnachten.
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Sleite » So Jan 06, 2013 1:28 pm

Tha an Nollaig seachad a-nis. Dè tha sibh ag iarraidh a-nis? A bheil sibh an seo no a bheil sibh uile air saor-làithean? Leigibh fios dhomh, agus is dòcha gun sgrìobh mi rudeigin ùr dhuibh.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Sleite » Do Feb 14, 2013 1:28 pm

Seo dhuibh teacsa ùr.

Tha cuspair glè mhòr anns na naidheachdan an-dràsta: feòil-eich. Chaidh feòil-eich a lorg ann am burgaran a bha gan reic ann am bùth mhòr ann am Breatainn. Chuir sin an t-eagal agus an t-uabhas do thòrr dhaoine agus iadsan a’ cur a’ choir air na bùithtean. Tha an riaghaltas den bheachd gum bu chòir smachd nas fheàrr a bhith aig bùithtean nuair a cheannaicheas iad feòil a-steach. Ach tha mise den bheachd gur e an luchd-ceannachd as coireach gu ìre mhòir. Bidh daoine gu tric a’ gearan mu phrìsean sna bùithtean agus gu sònraichte prìsean na feòla. Tha an t-uabhas de cho-fharpais eadar bùithtean agus bidh iad uile a’ feuchainn prìs nas ìsle a thabhann don luchd-ceannachd. Mar sin bidh na bùithtean a’ lorg tùs bidhe nas saoire, agus mur eil e san dùthaich againn fhìn, uill, gheibh iad e àite eile. Chan e trioblaid ùr a th’ ann idir, ach dh’ionnsaich mi mu dheidhinn sin fiù ’s anns an sgoil 20 bliadhna air ais agus is cinnteach nach b’ e trioblaid ùr a bh’ ann an uair sin ach gu bheil e a’ dol ceudan de bhliadhnaichean air ais. Tha mi a’ smaoineachadh gur e daoine glic a th’ againn an seo san fhòram a tha mothachail air na rudan seo, ach tha fhios agam cuideachd gu bheil milleanan de dhaoine ann a bhios dìreach a’ ceannachd an rud as saoire gun a bhith fiù ’s a’ smaoineachadh mu thùs a’ bhidhe. Tha sinn a-nis cho cleachdte ris a h-uile seòrsa bidhe fad na bliadhna: subhagan-làr san Dùbhlachd, mangoan à Amaireaga a Deas, fìon à Astràilia agus muasgain-chaola à Thailand. Tha a h-uile rud ann agus tha e saor, gu tric nas saoire na tha an fhìon bhon Mhosel agus na muasgain-chaola bhon Chuan a Tuath. Tha planaichean aig riaghaltas na h-Alba tuilleadh tuathanasan èisg a chruthachadh gus bradan a reic a dh’Àisia. Dhèanadh sin airgead mòr don dùthaich. Ach cha toir iad for idir air a’ bhuaidh air an àrainneachd a tha tuathanasan èisg a' cruthachadh, agus tunnaichean de shalchar air grunnd na mara fo gach tuathanas. Tha cosgais eile air na rudan sin nach fhaic sinn cho follaiseach, cosgaisean a chaidh gearradh ann an àite eile, mar eisimpleir air tuarastalan dhaoine air neo, mar as trice air an àrainneachd. Tha àiteachas a’ cosg airgead agus a’ cleachdadh na h-àrainneachd. Ma dh’fheumas barrachd biadh a bhith air àite nas lugha, bidh a’ bhuaidh air an àrainneachd a’ fàs, m.e. tro cheimigean a chuireas às de bhiastagan no lusan eile, agus bidh buaidh aige sin air rudan eile. Uaireannan thèid craobhan a leagail airson barrachd achaidhean a chruthachadh, agus thèid àiteachan de luach àrainneachail sònraichte a sgrios airson biadh nas saoire a dhèanamh dhuinn. Agus mar as trice chan eil fhios againn ma dheidhinn.
Tha mise den bheachd gum bu chòir do bhiadh a bhith na bu daoire, ach chan eil mi a’ ciallachadh gum bu chòir a’ bhùth barrachd prothaid a dhèanamh ach gum bu chòir laghan eadar-nàiseanta a bhith ann airson biadh a dhèanamh ann an dòigh a dhìonas daoine agus an àrainneachd, beagan mar a tha a’ mhalairt chothromach ga dhèanamh. Carson nach eil a h-uile rud a cheannaicheas sinn bho mhalairt chothromach? Carson a tha sinn a’ gearan mu eu-cor san t-saoghal agus a’ ceannachd annain airson eòro no dhà? Ma tha sinn airson biadh ionadail a cheannachd nach do rinn cron air an àrainneachd feumaidh sinn dol gu bùth sònraichte agus a’ faireachdainn sònraichte, no fiù ’s neònach. Agus bidh cuid ag ràdh “Tha biadh organach ro dhaor, tha teaghlach de 5nar agam, cha gabh sin dèanamh”. Ach anns na seann làithean bhiodh daoine a’ cosg a’ mhòr-chuid den tuarastail aca air biadh airson an teaghlaich, ach an-diugh bidh sinn a’ cosg a’ bheag-chuid air biadh agus tha gu leòr air fhàgail airson chàraichean, saor-làithean, choimpiutairean, aodaich is bhagaichean, a tha uabhasach cudromach dhuinn san latha an-diugh.
Ach air ais dhan fheòil eich: Tha cothrom glè bheag ann gum faighear feòil eich no rudan eile ach na tha thu ag iarraidh ann am feòil a gheibh thu aig a’ bhùidsear bheag sa bhaile no fiù ’s ann an cearc shlàn no san steic bhon bhùth mhòr. ’S ann ann am biadh deiseil ann an crogain no fiù ’s paidhichean, isbeanan, agus rudan eile a chaidh a chur ri chèile ann am factaraidh. Leis mar a dh’atharraich an saoghal obrach an-diugh, cha chuir daoine uimhir de dh’ùine seachad sa chidsin agus tha biadh deiseil no leth-deiseil gu math cumanta. Nuair a thigear dhachaigh aig 6 agus teaghlach de 5nar ag iarraidh biadh cho luath ’s a ghabhas, cha tòisichear cearc shlàn a chur sa phoit agus is cinnteach nach tòisich sinn an taois a dhèanamh airson nan tortellini againn fhìn. A bharrachd air sin chan eil ùidh aig a h-uile duine ann an còcaireachd agus chan eil a h-uile duine air na sgilean ionnsachadh aig an taigh.
Co-dhiù, tha mi air a bhith measail air còcaireachd fad bhliadhnaichean agus nì mi biadh ùr dhomh fhèin gach oidhche. Ceart, ceannaichidh mise tortellini cuideachd, ach mar as trice nì mi rudan le glasraich a-mhàin agus bho àm gu àm cleachdaidh mi pìos feòla. Ach gu dearbh, bidh mi cinnteach cò às a thàinig e. Tha mi air fàs nas mothachaile rè nam bliadhnaichean agus a-nis cha cheannaich mi ach mairt-fhèoil Albannach, agus mas urrainn dhomh gheibh mi rudeigin bho bhùth ionadail. Cha cheannaich mi cearc idir air sgàth ’s nach eil mi ag aontachadh leis an dòigh a thèid an àrach. Ach cheannaich mi cearc organach Albannach aon turas, chosg e ochd not, agus b’ fhiach e e! Tha mi a’ smaoineachadh gum feum feòil a bhith daor, agus gu dearbh, ma tha e ro dhaor dhuinn, ’s e na dh’fheumas sinn dèanamh ach a bhith ga ithe aon turas gach seachdain a-mhàin. Cò th’ ann a tha ag innse dhuinn gum feumar feòil gach latha airson a bhith làidir? Chan eil taghadh de bhùithtean againn an seo, agus chan eil margaid ann far am faigh thu biadh ionadail, ach tha mi nas mothachaile a-nis nuair a cheannaicheas mi biadh sa Cho-op. Tha mìosachan agam aig an taigh a tha ag innse dhomh dè na glasraich a tha gam buan an-dràsta, agus le sin smaoinichidh mi air rudan a bu toil leam ithe. Thèid mi dhan bhùth agus coimheadaidh mi airson nan rudan sin, agus mar as trice bidh iad ann agus bidh iad à Breatainn no fiu ’s à Alba. Tha mi a’ feuchainn ri glasraich à Breatainn a cheannachd a-mhàin, ach uaireannan nuair a dh’fhàsas mi sgìth de chàl is buntàta, ceannaichidh mi rudeigin bho thaobh a-staigh na Roinn Eòrpa. Tha e fada nas fhasa aig deireadh an t-samhraidh, nuair a gheibh thu cha mhòr a h-uile rud bho Bhreatainn. Ach tha an sgeulachd diofraichte le measan. Chan eil ach ùbhlan ann bho Bhreatainn agus gu dearbh, feumaidh tu coimhead gu dlùth, oir tha ùbhlan eile ann bho Chile agus gu dearbh, cha cheannaich mi dad sam bith bho àite cho fad air falbh ri sin. Uaireannan tha e glè dhoirbh faicinn cò às a tha rudan a’ tighinn. Feumaidh mi dol glè fhaisg air na soidhnichean gus an sgrìobhadh beag bìodach fhaicinn a tha ag innse dhomh cò às a tha e. Agus mhothaich mi a-nis gun toir a’ chuairt sa bhùth agam a-nis dà uiread de dh’ùine. Ach feumaidh mi ràdh bho àm gu àm, gheibh mi rudeigin sònraichte leithid mango a tha a’ tighinn bho dhùthaich fad air falbh. Ach is dòcha nach fheum sinn an-còmhnaidh cumail ris a’ phrionnsapal cho teann, agus tha e fada nas blasta mura faigh thu e fad na h-ùine. Ach tha mi a’ smaoineachadh nach bu chòir dhuinn an saoghal fhaicinn mar bhùth mhòr anns am faigh thu a h-uile rud fad na h-ùine agus nach fheum thu ceistean a chur. Tha dleastanas oirnne rudan a cheannachd nach eil e’ gabhail brath air daoine, an àrainneachd no beathaichean. Agus bu chòir dhuinn a bhith mothachail air na cosgaisean falaichte aig biadh saor.
Zuletzt geändert von Sleite am Mo Feb 18, 2013 5:43 pm, insgesamt 2-mal geändert.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

elke
Beiträge: 120
Registriert: So Feb 05, 2012 1:12 pm
Wohnort: Faisg air Dresden
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon elke » Fr Feb 15, 2013 7:58 pm

Seo dhuibh teacsa ùr.
Hier ist ein neuer Text für Euch.

Tha cuspair glè mhòr anns na naidheachdan an-dràsta: feòil-eich.
Es gibt jetzt in den Nachrichten ein sehr großes Thema : Pferdefleisch.

Chaidh feòil-eich a lorg ann am burgaran a bha gan reic ann am bùth mhòr ann am Breatainn.
Es wurde Pferdefleisch in Burgern gefunden , die in einem großen Laden (Supermarkt) in Großbritannien verkauft wurden.

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Steffi1 » Sa Feb 16, 2013 1:51 pm

Chuir sin an t-eagal agus an t-uabhas do thòrr dhaoine agus iadsan a’ cur a’ choir air na bùithtean.
Das machte vielen Leuten Angst und Schrecken und sie geben den Zustand weiter an die Geschäfte.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Regine » Sa Feb 16, 2013 1:52 pm

Tha an riaghaltas den bheachd gum bu chòir smachd nas fheàrr a bhith aig bùithtean nuair a cheannaicheas iad feòil a-steach.
Die Regierung ist der Ansicht, dass die Läden besser kontrollieren sollen, wenn sie Fleisch einkaufen.
Tha e math a bhith beò!

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Steffi1 » Sa Feb 16, 2013 2:21 pm

Ach tha mise den bheachd gur e an luchd-ceannachd as coireach gu ìre mhòir.
Aber ich bin der Ansicht, dass der Käufer zu einem großen Teil verantwortlich ist.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Regine » Sa Feb 16, 2013 2:22 pm

Bidh daoine gu tric a’ gearan mu phrìsean sna bùithtean agus gu sònraichte prìsean na feòla.
Leute beschweren sich oft über Preise in den Geschäften und besonders über die Preise des Fleisches.
Tha e math a bhith beò!

Steffi1
Beiträge: 506
Registriert: Do Mär 01, 2012 4:15 am
Wohnort: Frankfurt
Kontaktdaten:

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Steffi1 » Sa Feb 16, 2013 2:25 pm

Tha an t-uabhas de cho-fharpais eadar bùithtean agus bidh iad uile a’ feuchainn prìs nas ìsle a thabhann don luchd-ceannachd
Es gibt den unheimlich starken Wettbewerb zwischen Geschäften und sie versuchen alle, dem Käufer einen niedrigeren Preis anzubieten.
Ma nì thu gu math, dèan ri do dhuine fhèin e.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Regine » Sa Feb 16, 2013 2:26 pm

Mar sin bidh na bùithtean a’ lorg tùs bidhe nas saoire, agus mur eil e san dùthaich againn fhìn, uill, gheibh iad e àite eile.
Deshalb suchen die Läden einen günstigeren Lebensmittellieferant und wenn es keinen in unserem eigenen Land gibt, bekommen sie es von anderer Stelle.
Tha e math a bhith beò!

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Sleite » Sa Feb 16, 2013 3:10 pm

Math fhèin, a chàirdean. Tha sibh air a bhith trang!

Aon rud: Die Leute geben den Supermaerkten die Schuld. (Aber ich haette das vorher mal nachschauen soll wie man das schreibt. Mein Fehler!)
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Anna » So Feb 17, 2013 7:28 pm

Chan e trioblaid ùr a th’ ann idir, ach dh’ionnsaich mi mu dheidhinn sin fiù ’s anns an sgoil 20 bliadhna air ais agus is cinnteach nach b’ e trioblaid ùr a bh’ ann an uair sin ach gu bheil e a’ dol ceudan de bhliadhnaichean air ais.
Das ist überhaupt kein neues Problem, aber/sondern ich lernte darüber bereits etwas in der Schule vor 20 Jahren und es ist sicher, dass es damals (auch) kein neues Problem war, sondern, dass es das schon vor hunderten von Jahren gab/auftrat.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e daoine glic a th’ againn an seo san fhòram a tha mothachail air na rudan seo, ach tha fhios agam cuideachd gu bheil milleanan de dhaoine ann a bhios dìreach a’ ceannachd an rud as saoire gun a bhith fiù ’s a’ smaoineachadh mu thùs a’ bhidhe.
[i]Ich denke, dass wir in diesem Forum schlaue Leute sind, die diese Dinge merken, aber ich weiß, das es Millionen von Menschen gibt, die gerade das Billigste kaufen ohne auch nur über den Ursprung des Essens nachzudenken. [/i]
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Sleite
Beiträge: 1697
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Eadar-theangachadh / Übersetzung

Beitragvon Sleite » Mo Feb 18, 2013 1:15 pm

Sgoinneil fhèin a chàirdean!

Bhiodh e a' còrdadh rium deasbad mun chuspair seo nuair a bhios sibh deiseil leis an eadar-theangachadh.

Is toil leam an dòigh a tha Regine a' cur Gearmailtis air. Chì thu a' bhuannachd a thig bho iomadh-chànanas.
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „Halb Gälisch, Halb Deutsch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast