Hallo

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Somhairle
Beiträge: 21
Registriert: Sa Jul 21, 2012 1:45 pm
Wohnort: münchen

Hallo

Beitragvon Somhairle » Sa Jul 21, 2012 2:31 pm

Is mise Somhairle. 'Se Gearmailteach a th'annam agus tha mi a'fuireachd ann am München. Agus cha robh ach an drasda a chunnaic mi am bòrd seo, ged a tha ùidh mòr agam anns a Ghàidhlig bho chionn deich bliadhna air fhichead. Bu chòir dhomh Gàidhlig a bhruidhinn mòran na's fheàrr 's na tha mi, ach tha mi uabhasach leisg agus chan eil mi a ' bodraigeach le gràmair idir. Tha mi math gu leor air leughadh agus cluinnidh mi ri Radio nan Gaidheal bho àm gu àm agus tha sin a'cordadh rium ach tha mi glè mhall air bruidhinn. Tha mi airson mo chuid Ghàidhlig a chleachdainn ann a sheo agus 's docha gum bi fear/té ann a tha airson sgriobhadh dhomh uaireannan. Tha beagan fios agam mu dheidhinn a'Ghaidhealtachd agus gu h-airidh na h-eileannan oir thug mi seachad cupla miosan ann an Uibhist ann an 1987 agus 1989 agus thill mi uair is uair. Dh'ionnsaich mi na Gàidhlig a th'agam direach bho na daoine no as cupla leabhraichean a bh'agam aig an àm sin. Ach rinn mi aon cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1989, nuair a bha e fior shabhal fhathast! Thàinig beagan de atharrachadh bho chionn sin.
Hi. Mein Name ist Sammy, (nearest Gaelic equivalent: Somhairle). Ich beschäftige mich schon ewig mit Gälisch, bin aber trotzdem nicht sehr gut, weil ich es nie systematisch gelernt habe. Außerdem bin ich kein großer Computernutzer und so erst jetzt auf dieses Forum gestoßen. Ich würde gern ein bisschen korrespondieren, wenn möglich auf Gälisch, zwecks Übung und Geschichtenaustausch.
Co-dhiu, bhithinn toilichte bhur cluinntinn.
Cheerio an dràsda, ma tha.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Hallo

Beitragvon Micheal » Sa Jul 21, 2012 2:36 pm

uill, Fàite an-seo bhuam gu dearbh fhèin.
Bidh mi fhìn tric gu leòr an Uibhist agus abair àite airson Gàidhlig ionnsachadh.

Tha mi cinnteach gum faigh thu caraidean an-seo. Agus ma tha thu airson cùrsa-còmhraidh a fhrithealadh sin agad an t-àite:www.schottisch-gaelisch.de

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Somhairle
Beiträge: 21
Registriert: Sa Jul 21, 2012 1:45 pm
Wohnort: münchen

Re: Hallo

Beitragvon Somhairle » Sa Jul 21, 2012 2:38 pm

Tapadh leat a'Mhìcheal.

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: Hallo

Beitragvon Anna » Sa Jul 21, 2012 3:05 pm

Fàilte chridheil ort, a Shomairle.
Herzlich willkommen, Sammy.

Tha sin a' coimhead glè inntinneach na sgrìobh thu.
Es hört sich interessant an, was Du geschrieben hast.

Tha mi an dòchas gum bi spòrs agad an seo.
Ich hoffe, Du hast Spaß hier.

Anna
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Hallo

Beitragvon Isbeal » Mo Jul 23, 2012 12:44 am

Fàilte bhuamsa cuideachd!

Bidh cuid de na h-oileanaich an-seo a' bruidhinn air Skype uaireannan - fòn saor an asgaidh air an eadar-lìon.
Bidh iad gad chuideachadh leis na rudan teicnigeach, gun teagamh sam bith. :lol:

Agus bhiodh iad toilichte cothrom fhaighainn, Gaidhlig a bruidhinn riut.

Nach biodh, Steffi, Anna, Elke, Regine etc?? :twisted:


Willkommen von mir auch!
Hier sind ein paar Lerner, die mal per Skype sprechen - kostenlos im Internet. Sie helfen dir mit der technischen Seite bestimmt! (Falls notwendig...) Und wuerden sich wiederum freuen, die Gelegenheit zu bekommen, auch mit dir etwas Gaelisch zu sprechen. Nicht wahr, Steffi, Anna, Elke, Regine etc? :lol:


Siuthadaibh!!!!!!!!!!!!!!!!!!! :P

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Hallo

Beitragvon NoClockThing » Mi Aug 15, 2012 10:43 am

Fàilte chridheil ort!

Abair thusa gu bheil Gaidhlig siubhlach agad, ann an sgrìobhadh co-dhiù! :D

Chaidh mi fhìn gu Sabhal Mòr Ostaig ach o chionn goirid is na togalaichean spaideil aca mu thràth.

On nach eil thu cho deidheil air coimpiutairean, is dòcha nach eil thu eòlach air an fhaclair fheumail seo: http://www.faclair.com/
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast