Dwelly mar leabhar le Akerbeltz!!

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Dwelly mar leabhar le Akerbeltz!!

Beitragvon Isbeal » Mo Sep 12, 2011 1:04 am

Lorg mi ceangal seo air Twitter - Dwelly ùr (air pàipear) le Akerbeltz!

http://www.amazon.co.uk/Illustrated-Gae ... 511&sr=1-3


Tha an gaol a th' agam air a' Ghàidhlig gu math daor! :lol:
Chan ìth mi seachdain no dhà.... :(

Ach 's e sgillinn air a cosg gu math a chosgas tu airson rud sam bith le Akerbeltz, agus esan cho coibhneil dhuinnn. :wink:

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dwelly mar leabhar le Akerbeltz!!

Beitragvon Sleite » Mo Sep 12, 2011 4:56 pm

Tha sin a' coimhead snog! Tha mi ag aontachadh le Iseabail. Ach dè tha diofraichte ma dheidhinn?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dwelly mar leabhar le Akerbeltz!!

Beitragvon Isbeal » Di Sep 13, 2011 2:01 am

Bidh e nas fhasa ri leughadh. Chan e droch leth-bhreac-camara a bhios ann (mar a bha na leabhraichean a gheibheadh tu gu ruige seo), ach tionndadh digiteach, agus bidh feadhainn den mhearachdan litreachaidh air an ceartachadh agus na dealbhan air an dèanamh nas soilleire. Rudan mar sin, agus ro-ràdh.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Dwelly mar leabhar le Akerbeltz!!

Beitragvon akerbeltz » Mo Okt 24, 2011 3:10 pm

Tha LookInside ag obair air Amazon a-nis, chì thu cò ris a tha e coltach :) Ach tha Iseabail ceart, chan eil mòran eadar an dà ach soilleireachd a' chlò. Ma tha deagh-lethbhreac dheth agad mu thràth, cha chreid mi gum bi feum agad air fear a bharrachd ach chan eil cus dhe na seann-fhaclairean 'gan reic an-diugh, tha iad cho pailt sna bùithtean 's a tha rionnagan san oidhche fhrasach.


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast