Scrabble Gàidhlig

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Scrabble Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Mi Sep 28, 2011 10:38 pm

Latha ùr, geama ùr a chàirdean. 'S e Scrabble an geama an turas seo, tionndadh le sgioba Gearmailteach air a bheil Scrabble3D.
Bild

Nise, mar a rinn mi roimhe, seo dhuibh an treòir mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e, air neo cha leugh sibh an treòir idir ;)

Faighibh am faidhle stàlaidh ceart airson an rian obrachaidh agaibh. Mar is trice, 32bit ma tha sibh air Windows XP agus 64bit airson Vista/7. Bidh fios aig muinntir Linux air dè dh'fheumas iad!
Bild

Taghaibh Install (bidh an stàladh gu lèir sa Bheurla)
Bild

Leigibh leis a stàladh agus bidh e fo Start > Programs > Scrabble 3D an uairsin. Nuair a thòisicheas sibh am prògram a' chiad turas, bidh cothrom agaibh Gàidhlig a thaghadh an dà chuid mar chànan a' phrògraim agus cànan nan geamannan fhèin.

Mus dèid mi nas fhaide - ma gheibh sibh a-riamh a' mhearachd seo leanas:
Bild

Tillibh dha na roghainnean agus fo taba a' Choimpiutair, bheiribh air falbh an roghainn Multithreaded:
Bild

Ok, nise, tha e furasta gu leòr geama a chluich an aghaigh a' choimpiutair, chan eil mi dol a dh'innse dhuibh mòran mu dhèidhinn sin agus gu feum sibh briogadh air 2 chluicheadair:
Bild

Tha e fada nas inntinniche cluiche an aghaidh cuideigin. Tha ball gorm gu h-àrd, briogaibh air gus geama a chluich air an lìonra:
Bild

Feumaidh sibh far-ainm is facal-fair a thaghadh. Chan e rud mòr, tèarainte a tha seo, chan eil sin ann ach gus nach urrainn do chuideigin eile cluich fo 'r n-ainm:
Bild

Chì sibh na daoine air an lìonra a-nis. Tha bratach na lèine a' comharradh na dùthcha aig cluicheadair agus am bratach eile cànan a' phrògraim. Dèanaibh briogadh deas air an neach a tha sibh airson cluich leis agus bheiribh cuireadh dhaibh:
Bild

Feumaidh an neach a thug an cuireadh seachad tòiseachadh air geama ùr:
Bild
Bild

Agus sin agaibh e. Tha iomadh gleus eile aig a' gheama seo ach 's urrainn dhuibh fhèin am fiosrachadh a-mach. Aon rud eile mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e. Ged a tha aon fhaclair sa gheama, tha dà roinn san fhaclair, faclan às an Fhaclair Bheag agus faclan à Dwelly. Gheibh sibh faclan nas inntinniche ma cheadaicheas sibh an dà rud ach ma tha sibh airson cuairt nas fhasa a chluich, bheiribh air falbh a' chromag às a' bhogsa agus cha nochd uiread a dh'fhaclan inntinneach.

Gheibh sibh e air Uici a' gheama is Sourceforge agus tha fòram aig a' gheama. Ach gheibh sibh taic an-seo cuideachd.

Chì mi ann sibh, geamairean abù!

Isbeal
Beiträge: 995
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon Isbeal » Mi Sep 28, 2011 11:17 pm

Mòran taing! :D :D :D

Chan eil na screenshots (mas e screenshots a th' annta?) ag obrachadh dhomhsa co-dhiù - chan eil ach cearcaill ann, a-tionndadh gun sgur.

Ach leugh mi am pios air UIci a' gheama agus tha e a' coimhead glè mhath.

Nuair a bhios barrachd ùine agam (is chan ann a dh'aithgheàrr a bhios sin, gu mì-fhòrtanach), feuchaidh mi a stàladh. Chì sinn an dèan mi an gnothach! :twisted:

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Do Sep 29, 2011 1:45 am

'S iad. 'S mathaid gu bheil am frithealaiche car slaodach a-nochd, chan eil fhios. Bidh e math d' fhaicinn ann, glacaidhean-sgrìn ann no às!

Isbeal
Beiträge: 995
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon Isbeal » Do Sep 29, 2011 10:38 am

Tha iad uile ann an-diugh! :D

Hmm, "glacaidhean-sgrìn"; snog! :lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 29, 2011 12:08 pm

Saoilidh mi gum bi duilgheadasan ann le IE 9 leis na dealbhan an seo :roll:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Mi Nov 07, 2012 1:16 pm

Tha an ceangal ris an Uici air atharrachadh, tha e an-seo a-nis.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Scrabble Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Do Apr 18, 2013 3:15 am

Tha modh (no faclair) ùr aig Scrabble3D. Sgar sinn na faclan às an Fhaclair Bheag ann an dà "fhaclair", faclair bunasach agus faclair adhartach. Chan eil san fhaclair bhunasach ach mu 8,000 facal cumanta:
- ainmearan san tuiseal ainmearach agus san iolra - 's e sin, as aonais an tuiseil ghinidich etc
- freumh de ghnìomhair (m.e. dèan) agus an t-ainmear gnìomharach (m.e. dèanamh), as aonais cruthan mar dhèanainn, dhèanaist etc
- freumh de bhuadhair, as aonais an ìre choimeasach etc (m.e. mòr ach as aonais motha)
- badan de dh'fhaclan cumanta eile (agus, le, leis ...)

Ma bheir sibh a' chromag às an dà bhogsa eile, bidh geama fada nas simplidh agaibh a-nis:

Bild

An dòchas gun còrd e ribh!


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 0 Gäste