canadh gach uile duine na thogras e, ach cha ghabh àicheadh nach buineadh sgeulachdan Nèill Rothaich (1863-1930) mu Phàra Shanndaidh an sgiobair do dhualchas nan Gàidheal ged is ann anns a' Bheurla a chaidh an sgrìobhadh. Aig deireadh an latha, is e cuspair Gàidhealach a th' anns na pufairean, buinnidh 'ad do dhualchas mhara nan Gàidheal agus nan Gall còmhla: VIC 72 'Vital Spark' Agus cò a bhitheadh ag àicheadh gum buin nobhailean Beurla Iain Mhic a' Ghobhainn do litreachas nan Gàidheal, ged nach ann buileach do litreachas na Gàidhlig a bhuineas iad ? Is ann mu chuspairean Gàidhealach a bhitheadh Iain Mac a' Ghobhainn a' sgrìobhadh, cuideachd. Ach tha mi a' seòladh air falbh on phrìomh-chuspair.
Is e Gàidheal a bh' ann am Pàra Shanndaidh, no Pàdruig Mac Phàrlain mar a bhitheadh air mar ainm is sloinneadh foirmeil a rèir Nèill Rothaich, no 'Uisdean Fòlais' mar a chuireadh e fhèin air mar ùghdar nan sgeulachdan èibhinn seo. Ach chan ann a-mhàin air na sgeulachdan a tha mi a mach, is e na fiolmaichean a chaidh a dhèanamh dheth a tha fainear dhomh. Ann an 1959-60, chaidh a' chiad sreath a chraoladh, le Donnchadh Mac Rath mar Phàra Shanndaidh, Rodaidh Mac Mhaolain mar Dhùghaidh am meite agus Iain Mac an Àiteir (Grieve) mar Dhan Mac Phàil. Bha Donnchadh Mac Rath ainmeil cheana o fhiolmaichean eile a bhuineas don Ghàidhealtachd mar Whisky Galore agus I know where I'm going. Chan eil mi buileach cinnteach an robh Gàidhlig aige o thùs, ach tha mi beagan na 's cinntiche a thaobh Rodaidh Mac Mhaolain (1923-79), oir is ann às na Hearadh a bha a phàrantan mar a tha e sgrìobhte an seo. Agus cluinnear a bhlas Gàidhealach na chuid Beurla anns na fiolmaichean seo. An uair a ghabh Rodaidh còir thairis o Dhonnchadh mar Phàra Shanndaidh anns an t-sreath ùr The Vital Spark ann an 1965-76, chualas fiù Gàidhlig ga bruidhinn air uairibh anns na còmhraidhean (leithid "Slàinte a' sgiobair !" - "Slàinte a' Mhinisteir !" amsaa.). Agus fiù anns an t-sreath as ùire ann an 1994 chualas Gàidhlig ged nach e Gàidheal a bh' ann an Griogair Fisher a bha na Phàra Shanndaidh aig an àm sin, m.e. anns an tachartas nuair a bha Pàra Shanndaidh is a sgioba gan lorg mar fhrìth-mheirlich (poitsearan), bha searmon Gàidhlig ri chluinntinn aig tiodhlacadh. Turas eile, sheòl an sgioba gu bainis ann am Barraigh...
Nise, fhuair mi cuid de na sean-fhiolman seo air IùTiùb
Dùrachdan,
Acsail Òg
