Agus buidheann-rannsachaidh eile.....
a tha a' tòiseachadh le Beurlachas uabhasach:
Airson a chleachdadh sa bhad
blablablabla....eile
Mìcheal
(Beurla gu h-ìosal)
SFCPR/17/09
Ceann-là: 7 Dùbhlachd 2009
Airson a chleachdadh sa bhad
`Soillseachadh' ùr Albannach a' faighinn maoin tasgaidh
co-obrachail de £5.29 millean
Tha maoineachadh de £5.29 millean airson rannsachadh gus taic is
ath-bheothachadh a thoirt air cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith air a
cho-roinn eadar ceithir institiudan foghlaim àrd-ìre ann an Alba ann an
ro-innleachd rannsachaidh ùir.
'S e com-pàirteachais rannsachaidh a tha ann an Soillse, a tha a' gabhail
a-steach Institiud nam Mìle Bliadhna (OGE) agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhun Èideann agus Ghlaschu. Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) a' cur £1.866 millean ris le £2.483 millean a' tighinn bho na h-institiudan, £0.541 millean bho Bhòrd na Gàidhlig agus £0.4 millean bho Iomairt na Gàidhealtachd's nan Eilean.
Thèid am maoin tasgaidh a chleachdadh gus sàr luchd-rannsachaidh fhastadh, naoi sgoilearachdan ollamhachd a stèidheachadh thar nan institiudan com-pàirteachaidh, le co-dhiù ceithir dhiubh an co-bhoinn ri buidhnean aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, agus co-labhairt bliadhnail air a chumail gus lorgaidhean nan rannsachaidhean a thaisbeanadh.
Bidh e na phrìomh dhleastanas aig Soillse fios a chumail ri Riaghaltas na
h-Alba mu na prìomhachasan eaconomach is sòisealta airson na Gàidhlig. Bidh na ceithir institiudan ag obair an com-pàirt le prìomh bhuidhnean, leithid Bhòrd na Gàidhlig, gus am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh bhon rannsachadh a cho-roinn airson fios a chumail ri oidhirpean nàiseanta is ionadail gus tionndadh a thoirt air crìonadh na Gàidhlig agus gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an ceàrnaidheanan far nach eilear ga bruidhinn gu dualchasach.
Thuirt Mark Batho, Àrd-oifigear an SFC: "Tha eachdraidh bheairteach is ioma-dhathach aig Alba agus chluich a' Ghàidhlig pàirt chudromach san eachdraidh sin. Tha sinne dhan bheachd gu bheil e cudromach gum bi cànan is cultar na Gàidhlig air a bhrosnachadh gus a bhith a' cinneachadh is a' leasachadh agus tha mi toilichte gun urrainn dhuinne agus na
com-pàirtichean eile rannsachadh a mhaoineachadh gus am pàirt sònraichte seo de dhearbh-aithne na h-Alba a chumail beò."
Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha: "Tha mi cinnteach gun cluich an com-pàirteachas seo pàirt chudromach ann a bhith a' dealbhadh mar a bhios sinn a' gluasad air adhart le ar n-obair ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig thar nam
bliadhnaichean a tha romhainn.
"Feumadh sinn ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh gus
meur bheairteach de bheatha chultarail na h-Alba agus coimhearsnachd
cànain sònraichte ann an Alba a dhìon.
"Seach gu bheil com-pàirtichean Soillse sgaoilte air feadh gach
ceàrnaidh den dùthaich, chithear gu bheil oidhirpean ga dèanamh air
feadh Alba gus stad a chur air an crìonadh ann an àireamh luchd-labhairt
na Gàidhlig."
An Deireadh
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Ealasaid Horsburgh,
Oifigear Conaltraidh, Fòn: 0131 313 6560, post-d:
ehorsburgh@sfc.ac.uk
Fios do luchd-naidheachd:
1 Tha abairtean bho na prìomh chom-pàirtichean a tha an sàs ann an Soillse gu h-ìseal (taobh-duilleig 5).
2 Tha iomradh air maoineachadh Soillse an cois seo cuideachd
(taobh-duilleig 7).
3 Tha Soillse, a tha a' faighinn maoin tasgaidh bhon Chomhairle thar seachd bliadhna, an co-rèir ri Plana Nàiseanta Bhòrd na Gàidhlig (2007-12). Tha Dreach Phlana Gàidhlig an SFC (a thèid fhoillseachadh an ath-bhliadhna) cuideachd a' mìneachadh gun toir an SFC taic do sholar Gàidhlig ann an colaistean is oilthighean, a' gabhail a-steach a bhith a' leasachadh Soillse.
4 Chaidh an iomairt rannsachaidh co-obrachail a stèidheachadh gus ionadan rannsachaidh air feadh Alba a bhrosnachadh airson nan stòrasan aca a thoirt còmhla agus a bhith a' faighinn buannachd bho thomad riatanach ann am prìomh roinnean rannsachaidh agus gus a bhith a' freagairt air farpais eadar-nàiseanta a tha sìor mheudachadh.
5 Bho 2004, tha na buidhnean a leanas air maoineachadh fhaighinn bhon SFC airson co-obrachadh a thaobh rannsachaidh: £6.9 millean do Scottish Universities Physics Alliance (SUPA); £9 millean do Chemistry pool ScotCHEM; £9.7 millean do Edinburgh Research Partnership in Engineering and Mathematics (ERPEM); £6.5 millean do Scottish Alliance for Geoscience, Environment and Society (SAGES); £9.4 millean do Scottish Institute for Research in Economics (SIRE); £26.5 millean do Scottish Research Partnership in Engineering (SRPE); £27 millean do Scottish Universities Life Sciences Alliance (SULSA); £5.6 millean do Scottish Imaging Network: A Platform for Scientific Excellence (SINAPSE) in Medical Imaging; £14.5 millean do Scottish Informatics and Computer Science Alliance (SICSA); £17.4 millean do The Marine Alliance for Science and Technology for Scotland (MASTS); agus £15.7 millean do SUPA ìre dhà.
6 Tha dleastanas aig an SFC £1.7 billean de dh'airgead poblach a roinn gach bliadhna gu colaistean is oilthighean ann a bhith a' toirt taic do phrìomhachasan Riaghaltas na h-Alba. Chaidh an SFC a stèidheachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005 agus 's e buidheann phoblach neo-roinneil de Riaghaltas na h-Alba a tha ann.
7 Tha maoineachadh na Comhairle a' cur ri cosgaisean ionnsachadh agus teagasg, leasachadh sgilean, rannsachadh, ùr-ghnàthachadh agus cosgaisean eile mar luchd-obrach, toglaichean agus goireasan sna 20 oilthighean is institiudan HE agus 43 colaistean FE ann an Alba. Tha a' Chomhairle cuideachd a' toirt seachad stòras airson leigeil do cholaistean bursaraidhean a thabhann do dh'oileanaich air cùrsaichean neo-adhartach.
8 'S e misean na Comhairle maoin a thasgadh ann a bhith a' leasachadh siostam cholaistean is oilthighean chiallach, far an tig, tro shàr ionnsachadh, rannsachadh is co-roinn eòlais, leasachadh air toraidhean eaconomach, foghlamach, sòisealta, catharra is cultarail do shluagh na h-Alba.
Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhalaibh air an làrach-lìn againn aig
www.sfc.ac.uk
Bòrd na Gàidhlig welcomes career opportunities
through Gaelic funding boost from Scottish Funding Council
Use: immediate
Bòrd na Gàidhlig, the Gaelic development agency, has welcomed confirmation that new career pathways and research opportunities will be created in Gaelic studies through the allocation by the Scottish Funding Council (SFC) of £5.28 million for research into the support and revitalisation of the Gaelic language and culture.
The investment will be shared among four Scottish higher education institutions in the latest academic research pooling initiative. Arthur Cormack, Chair of Bòrd na Gàidhlig, today welcomed the SFC initiative which was confirmed by Minister for Education Mike Russell MSP in the Annual Sabhal Mòr Lecture in Skye
Mr Cormack said: "Bòrd na Gàidhlig is pleased to support the establishment of Soillse, which offers us all significant new opportunities and directions. It is vital that Gaelic development in the future is underpinned by sound research and planning so that the Bòrd, and other agencies, can make informed decisions as to the initiatives that are most likely to succeed in supporting our delivery of the National Plan for Gaelic for our communities. Not only will the partnership bring together considerable expertise but will create hugely attractive career pathways for emerging talent, through PhD studentships, to engage with Gaelic research into language development now, and in the future."
Soillse (pronounced SOIL-shuh) which is Gaelic for "enlightenment", is a research partnership among UHI Millennium Institute (UHIMI) and the Universities of Aberdeen, Edinburgh and Glasgow. Bòrd na Gàidhlig's contribution to the overall cost is £0.54 million. The Scottish Funding Council (SFC) is investing £1.86 million, with £2.48 million being invested by the institutions, and £0.4 million from Highlands and Islands Enterprise.
The investment will be used to recruit research staff, create nine PhD studentships based across the partner institutions, with at least four to be in collaboration with Gaelic stakeholders, and contribute to the operating costs including establishing a Research Co-ordination Group and an annual conference.
The key function of Soillse will be to inform the Scottish Government's economic and social priorities for Gaelic. The four institutions will work in partnership with key agencies, such as Bòrd na Gàidhlig, to share the information gleaned from their research to inform national and local efforts to maintain and reverse the decline of the Gaelic language, and encourage the use of Gaelic in areas other than the Highlands and Island where it has not been traditionally spoken since the Middle Ages.
Arthur Cormack added: "It is vital that we highlight the benefits that investment in Gaelic are creating and that this type of project, offering students high quality research positions in academic institutions in their own communities, is recognised for what it is. The creation of Soillse will enable us all to show how our initiatives and support mechanisms are working and how we need to target our efforts to grow the use of Gaelic throughout our communities. Soillse will help us offer a framework and climate within which we can develop the language through increased usage at all levels, in as wide a range of activities as possible. These new opportunities at a time of harsh economic reality are of huge benefit to our communities."
Ends
For further information on matters relating to SFC and Gaelic, please contact Elizabeth Horsburgh, Communications Officer, Tel: 0131 313 6560, email:
ehorsburgh@sfc.ac.uk
Notes to editors: Soillse, which is receiving investment from the Council's Horizon Fund for Universities, is aligned with Bòrd na Gàidhlig's National Plan for Gaelic (2007-12). SFC's draft Gaelic Language Plan (to be published early next year) also states that SFC will support the provision of Gaelic in colleges and universities, including the development of Soillse.
The Scottish Funding Council (SFC) is responsible for allocating £1.7 billion of public funds each year to colleges and universities in support of Scottish Government priorities. SFC was established by the Scottish Parliament in 2005 and is a non-departmental public body of the Scottish Government. For further information, please see
www.sfc.ac.uk
For further information on the Bòrd na Gàidhlig aspects of this news release, please contact Hugh Dan MacLennan on 0751 528 7040.
Bòrd na Gàidhlig website:
www.bord-na-gaidhlig.org.uk
See also:
www.mygaelic.com
www.sfc.ac.uk
Issued: Monday, December 7, 2009
__._,_.___