Cha robh mi cinnteach am bu chòir dhomh sin a chur air an Fhòram sin, oir bha deasbad mu dheidhinn rud coltach ri sin ann mu-thrath.
Ach chuir mi e ann, airson 's gu bheil fios agam gur e rud far a bheil na Cuimrich fhèin a' gaireachdain - an feadhainn le Cuimris cuideachd (fhuair mi e bho fhear aca). Tha iad laidir gu leòr anns an fhèin-mhisneachd aca a bhith a' faicinn na tha èibhinn ann.
'S e Cuimreach a th' ann an Rhod fhèin (le blas glè Chuimreach aige) agus tha mi a' smaoineachdadh nach biodh e cho freagarrach nam biodh e Sasannach a bh' ann, agus mar sin tha e ceart gu leòr. Faodaidh tu gaireachdain mu do dheidhinn fhèin. Bu chòir dhut, dìreach.
'S dòcha gum bi an seorsa seo àbhachd dìreach ro Bhreatannach (= Chuimreach, Shasannach, Eireannach, Albannach). Cha toil leamsa feadhainn de na bhideoan èibhinn an seo, agus 's docha gur e Breatannach a th' annam. Àbhachd eadar-dhealaichte.
'Diofair eadar-cultarach', saoilidh mi!
