Sùil air a' mhearachd

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Sùil air a' mhearachd

Beitragvon akerbeltz » Mi Jun 17, 2009 11:04 pm

Ok, seo dhuibh geama ùr... cuiridh mi (agus tha fàilte air feadhainn eile cuideachd) suas dealbh de shoidhne air a bheil mearachd no rudeigin neònach bho àm gu àm agus an uairsin, bidh cothrom againn beagan deasbaid a dhèanamh air puingean gràmair.

Neues Spiel... ich werde (und ihr könnt auch gerne welche beisteuern) ab und zu Bilder hochladen auf denen Fehler zu sehen sind oder auch nur seltsames, damit wir über dieses und jenes zum Thema Grammatik reden können.

Seo dhuibh a chiad dhiubh/Hier das erste:
Bild

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Jun 18, 2009 7:13 am

Dè an cànan anns a bheil thu ag iarraidh na mearachdan? Tha gu leòr ann air an soidhne seo 8)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Do Jun 18, 2009 6:56 pm

LOL siuthad, cànan sam bith ach gu h-àraidh sa Ghàidhlig.

Sleite
Beiträge: 1696
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Jun 20, 2009 5:26 pm

haha sgoinneil, thèid mi timcheall an àite-obrach agamsa le camara ;-)
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

ArmerStudi
Beiträge: 57
Registriert: Mo Jan 26, 2009 7:09 pm
Wohnort: Freiburg i. Ü.

Beitragvon ArmerStudi » So Jun 21, 2009 9:10 pm

seltsam, unsereiner darf bloss nicht drüber, franzosen aber nicht einmal anlehnen.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » So Jun 21, 2009 9:58 pm

LOL Uel, sin na Frangaich dhut ;)

Ok, seo an ath fhear, aon dhen fheadhainn as fhearr leam thar gach dealbh eile... agus 20 puing dhan neach a thomhas càit a bheil e agus 50 puing ma thomhasas sibh dè cho fad 's a tha e air a bhith ann...

Bild

9 mearachdan air a' char as lugha (gun iomradh air na stràcan)

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Okt 22, 2009 12:11 am

dhan sàr ghaisgeach dheas treun
ann am batail nan Ceud
Cha bu lapach san leum ud thu


Ged a tha leòmhann na chadal
bidh (a) chuid treuntais beò gu bràth


Rud-eigin mar seo...



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Okt 22, 2009 10:22 am

agus:
Bàs neo Beatha an àite "bas na beatha"


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Do Okt 22, 2009 9:54 pm

LOL abair freagairt le dàil ;)

Seo am fuasgladh fhuair sinn aig FnaG:

Bho Chlann Friseal

Dhan t-sàr-ghaisgeach deas treun
ann am batail nan ceud(an)
cha bu lapach san leum ud thu

ged a tha an leòmhann na chadal
bidh a chuid treuntais beò gu bràth

bàs n(e)o beatha

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Okt 23, 2009 8:14 am

agus nach e: "bho chloinn Friseal" ma bhitheas tu glè mhionaideach?

Mìcheal

Is toil leam sin ach nach duilich nach eil duine sam bith eile a' gabhail pàirt anns a' gheam sin?
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Okt 23, 2009 9:55 am

Uill, saoilidh mi gu bheil càch a' faireachdainn gum feum Gàidhlig gu math adhartach a bhith agad airson pàirt a ghabhail is tha mi fhìn air na soighnichean seo fhaicinn aig an àite eile mu thràth...
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Okt 23, 2009 10:36 am

Chunnaic mi sanasan le mearachdan an-siud 's an-seo, ach chan eil dealbhan digiotach agam :(
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Fr Okt 23, 2009 6:11 pm

Bild

Nach canadh tu 'salchar-coin'? Carson 'chon'? (gin. iolra)

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Okt 23, 2009 6:25 pm

Chanainn gu bheil thu ceart ach ma tha thu a' coimhead air faclairean - agus tha amharas agam nach robh Gàidhlig bho thùs aig an fheadhainn a rinn an sanas seo - chì thu con gun sèimheachadh ann am faclair Mhic Mhathain (Watson) agus chon anns an fhear aig Cailean Mark. Tha Mac Mhathan an dùil gum bi fios aig an leughadair gum feumar sèimheachadh leis a' ghinideach anns an iolra ach a bheil fios aig an luchd-bhiùrocrasaidh air sin? teagamh mòr :evil:

Mar sin: salchar-chon neo salchar chon> an crochadh air na tha thu a' ciallachadh

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Okt 23, 2009 6:27 pm

Rud eile: Ciamar a chuirear dealbhan ann an teachdaireachd anns a' bhòrd-bhrath seo? Cha d' fhuair mi riamh a-mach.
Tha tòrr agam.[/img]


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast