o chionn + Verbzeiten

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

o chionn + Verbzeiten

Beitragvon Isbeal » So Mai 31, 2009 12:38 pm

Tha mi air a bhith a' rannsachadh nan doighean anns a bhios abairt 'o chionn' air cleachdadh, gu sònraichte le ciall 'seit' (seach 'vor').

Tha cruinneachadh inntinneach agus measgaichte an seo, làrach 'An Comunn Gàidhealach' fhèin, seach blog no bòrd-brath sam bith :

http://74.125.77.132/search?q=cache:rDA ... clnk&gl=de

1. Tha e air an dreuchd seo a leigeil dheth a-nis ach tha e fhathast trang le leasachadh na Gàidhlig, an sàs gu sònraichte ann am foghlam, na h-ealain ‘s a’ choimhearsnachd o chionn iomadh bliadhna. (Präsens)

2. Tha i air a bhith an sàs anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail o chionn 2001 (Perfekt)

3. Tha Dòmhnull air a bhith na bhall den Chomunn o chionn 1982 (Perfekt)

4. ‘S e rùnaire Roinn an Iar Dheis a th’ ann o chionn 10 bliadhna (Präsens)

Agus Faclair Chailein Mark:
Seo an taisbeanadh as fheàrr a chunnaic mi o chionn greis mhath (Vergangenheit)


Ceist agam a-nis:

A bheil riaghailtean sam bith ann, no a bheil e rud gu tur sùbailte a th' ann, a bhios ga chleachdadh 'nach Gefühl'?

M.e.
Ich wohne hier seit 20 Jahren.

Tha mi a' fuireach an seo o chionn 20 bliadhna?
Tha mi air fuireach an seo o chionn 10 bliadhna?

(Cha chanadh mi 'Dh'fhuirich an seo o chionn 20 b ' san chuis seo, air sgath 's gun cialladh sin 'ich wohnte hier vor 20 Jahren'. )

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Di Jun 02, 2009 11:05 am

Tha mi a' fuireach an seo o chionn 20 bliadhna?
Tha mi air fuireach an seo o chionn 10 bliadhna?


A chiad dhiubh, ma tha thu a' fuireach ann fhathast.

B' urrainn dhut tha mi air a bhith a' fuireach an-seo a ràdh ge-tà. Ach saoilidh mi gur e "I warte hier schon seit 10 Jahren" a th' anns an fhear eile. Feumaidh tu a' + fuireach gus "wohnen" a chur an cèill, bhon a tha ciall eile ann bho thùs (warten, bleiben).

Am Mìcheal Eile

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Jun 02, 2009 2:24 pm

Agus chanainn-sa "Tha mi a' fuireach an seo fad 10 bliadhna a-nist."

Fàsaidh e nas solleire an uair sin.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Jun 02, 2009 11:41 pm

Mòran taing dhuibh!
Glè fheumail. :)

Air sgàth 's gun innsear dhomh gun cleachd mi 'a bhith' cus :twisted: co-dhùin mi ' tha mi air a bhith a' fuireach' fhagail às ....

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Mi Jun 03, 2009 2:34 am

A, ma tha thu airson nas lugha de air a bhith a chleachdadh, feumaidh tu tionndadh bhon tràth làithreach gun tràth chaite agus air fhàgail às, air neo tha > bha, m.e.

tha mi air a bhith a' toirt pògan do mhucan mo sheanar >
bha mi a' toirt pògan do mhucan mo sheanar

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Jun 03, 2009 2:20 pm

akerbeltz hat geschrieben:
tha mi air a bhith a' toirt pògan do mhucan mo sheanar >
bha mi a' toirt pògan do mhucan mo sheanar




Tha cleachdaidhean neònach aca an Alba gun teagamh.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Jun 03, 2009 4:46 pm

Chan eil na cleachdaidhean sin ach aig akerbeltz fhèin! Saoilidh mi gur e beagan flu-muic a th' air! :twisted:

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Mi Jun 03, 2009 9:38 pm

cnatan mòr nam muc... hm chan eil fhathast...

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Jun 04, 2009 1:45 pm

gnost, gnost... 8)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

ArmerStudi
Beiträge: 57
Registriert: Mo Jan 26, 2009 7:09 pm
Wohnort: Freiburg i. Ü.

Beitragvon ArmerStudi » Fr Jun 05, 2009 10:27 pm

's bochd sin, chan eil mi a' tuigsinn moran... :?

schade, ich versteh hier kaum etwas...

ist doch hier zweisprachig, worum gehts denn genau?

lg,
studi

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Sa Jun 06, 2009 12:23 am

Tut mir SEHR leid - ich bin Schuld, indem ich im ersten Text nur in Gaelisch geschrieben habe und die anderen machten nur weiter. Ich vergass in welchem Forumteil ich gerade war. :oops:

Es geht um die Verbzeit mit ' o chionn' im Sinne von 'seit'

z.B.
Ich wohne hier seit 20 Jahren.
Er hat diese Arbeit seit 1995.

Da ich zwischen Deutsch und Englisch pendele, fühle ich mich zum Perfekt in diesem Zusammenhang gezogen (I have lived here for 20 years), und beim Suchen nach vertrauenswürdigen Beispielen habe ich unterschiedliche Formen bei einer offizellen Publikation von An Comunn Gàidhealach gefunden. Deshalb die Frage - welche soll ich nehmen.

Akerbeltz und Michael haben verschiedene Möglichkeiten aufgefürt (s. oben) - hauptsächlich Präsens (Tha mi a' fuireach an seo o chionn 20 bliadhna), oder Perfekt in der Verlaufsform (tha mi air a bhith a' fuireach an seo o chionn 20 bliadhna), bevor da Thema zu Schweinegrippe wechselte... :twisted:

So jetzt habe ich hoffentlich für meine Sünde gebüßt! :lol:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Jun 06, 2009 10:09 pm

Dè a Ghàidhlig air Hatschi! ? :lol:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

ArmerStudi
Beiträge: 57
Registriert: Mo Jan 26, 2009 7:09 pm
Wohnort: Freiburg i. Ü.

Beitragvon ArmerStudi » So Jun 21, 2009 9:08 pm

ah, dankeschön! :) jetzt hab ich auch wieder was gelernt.


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste