'NCT chòir,
ciod an seòrsa leann-ubhail a bhios tusa a' gabhail gu h-àbhaisteach ? An e Magners ? Sin an seòrsa a bhitheadh mo shean-leannan a' gabhail, co-dhiù...
no an e Bulmers ? Deagh-stuth Èireannach a th'anns an dà sheòrs' - ach cha ghabhainns' fhèin e, ge tà.
Wenn schon Apfelwein, dann hessischen Äppler, süss gespritzt - man ist schliesslich irgendwo noch Hesse, ged a chaidh mo Ghàidhealachadh gu tur...
...agus is e leann dubh an deoch as fheàrr leam, leann dubh Mhic Aonghuis à BÁC no leann dubh mhuinntir Uí Murchadha à Corcaigh...uill, tha leann Mhic Cathbharra (Caffrey's) ceart gu leòr, cuideachd, ach is e leann donn a th' ann.
Ciamar a tha an taigh-seinnse Albannach ann an HH, co-dhiù ? B' àbhaist dhomh a' dol gu taigh-seinnse Èireannach thall ann an Giessen, agus chan e dìreach theme-pub a th' ann, ach bha e cho Èireannach mar bu chòir fad bliadhnaichean, fhad 's a bha Siobhán à Conamara os a chionn. Ach on a dh' fhalbh i - uill, b' fheàrr leam a bhith sàmhach...

mo nàire, mo nàire, chan eil e dìreach dona, ach chan eil ann na b' àbhaist a bhith ann !
Nach till thu, a Shiobháin, nach till thu ?
Nach bhfillfidh tú, a Shiobháin, nach bhfillfidh tú ? B' shin an peaca mura bhfillfeá, a chailín álainn as Ros Muc...
Co-dhiù, fiù anns na làithean a b' fheàrr, cha bhiodh e cho math ris an Chistín anns a' Cheathramh Ruadh, is "Johnny na gConnollys" r' a chuid ciùil...
Tùdalù an ceartuair, agus oidhche mhath ma tha...ma tha...ma tha (mar a theireadh balaich Bhatarsaigh)
Acsail Òg