Falbhaidh an Dìon Naiseanta bhon Kodiak gu Irak.

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Gast

Beitragvon Gast » Sa Sep 18, 2004 11:52 pm

Tha rud a'tachairt an seo a tha gu math ciallach dhomh. An ath-sheachdainn, bith ar buidheann dìona naiseanta a'falbh air falbh gu cogadh ann an Irak. Gu tur, tha mu dhiech air fhichead ann a tha a'dol air falbh. Tha mi eòlas air triùir nan saighdearan. Tha mi air a shealg còmhla ri fear a th'air Robert mar ainm. Tha fear èile ann, Frank, a tha air thighinn gu taigh againn mòran turasan. Tha e na phoileas. Agus tha fear èile, Chris. Tha e ag obair na choimpiutaireachd. Bith tric a tha mi ag obair ris. Tha cloinne òg aig na tri. Rugadh nighean do Chris o chionn dh bhliadhna. Bith iad air falbh airson ochd mìosan deug.

Chuck

Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 29, 2004 7:45 am

Tha mi air tighinn air ais bhon choinneamh a'bhaile airson ar Dìon Naiseanta airson soraidh slàn agus gu h-àraidh, beannachd, a thoirt dhaibh. Bha am feasgair sin air leth sònraichte. Sheas gach saidhdear agus thuirt e, 'seo mo bhean, mo chloinne, mo mhathair 's msaa. Bha cuideigin a'toirt fluirichean do gach mnaoi neo go gach mhathair. Tha bean, cloinne, pàrantan aig cuid mòr dhiubh, ach bha fheadhainn ann nach eil duine sam bith aca. Tha mòran ann a th'air tighinn do na Stàitean Aonaichte bhon Dùthchannan èile. Tha feadhainn le teaghlach a tha fhathast a'fuireach anns a'dhùthaich èile. Tha dà neo tri saighdearan nach eil ach beagan Beurla aca.

As deidh sin, leugh dà clann nan saighdeir le guth àrd pìos bàrdachd. Bha am bardachd simpleidh agus làn gaoil. Bha gach sùil làn uisge aig an àm sin.

As dèidh sin thàinig sagartan 's a leithid airson ùrnaighean a dhèanamh. Aig an dèirig, chruinnich a h-uile duine timcheil nan saighdearan gam beantainn leis am laimhean agus rinn sinn ùrnaigh air an son.

Aig an dèirig, chruinnich iad airson dealbhan a thogail. Aig an aon àm bha cuideigin a'cluich na pìob.

Tha fichead sa sia saighearan a'falbh. Slàinte gu robh iad a'tilleadh air ais.

Chuck

Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 29, 2004 7:53 am

Tha rud èile ann cuideachd. Mar a thuirt mi, tha mi eòlach air tri na saighdearan. Agus s e rud air leth an saighdearan eil fhaicinn. Am faicinn a'dol air falbh, se rud beag mar bonn airgead fhàgail anns an t-sraid airson latha neo dhà. S dòcha bith e ann fhathast neo s dòcha nach bi.

Chuck


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast