feasgar math

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 29, 2004 7:26 pm

Hallo, mu dheireadh thall tha mi an-seo. Tha mi cinnteach gu bheil duine no eile eòlach orm bho savegaelic.org. Thachair rudan an-sin a nach toigh leam agus tha mi cinnteach gur seo àite nas fheàrr airson rudan Gàidhlig is Ceilteach. Feumaidh mi aideachadh gu robh mi a' coimhead oirbh airson ùine, ach chan eil Gearmailtis math agam idir.
So, cò mise? Is mise taibhse bheag a' siubhal tron eadar-lìon. 'S e linguist a tha annam. Tha mo shinnsearan à Èirinn, às a Bhreatainn Bheag, à Sassain, Suomi / Finland agus Lietuva (Liotuàinia / Lithuania / Litauen). Chan eil à Alba, cho fad 's a tha mi cinnteach. Ach chan eil fhios agam gu tur. Bidh mi toilichte mòran comhradh inntinneach faighinn an-seo.

Nun ein Versuch in Deutsch: Endlich bin ich hier. Ich bin sicher, einige kennen mich schon von savegaelic.org. Dort hat es mir nicht mehr gut gefallen. Und hier ist ein guter Ort für Gälische und Keltische Dinge. Ich muss auch sagen, ich schaue (schaute?) schon lange hier, aber ich kann nicht gut Deutsch.
Wer bin ich? Ich bin ein kleines Geist, das durch das Internet wandert. Ich bin eine Linguistin. Meine Familie ist von Irland, von der Bretagne, von England, Finland und Litauen. Nicht von Schottland, was ich weiß, aber keine Ahnung. Ich werde mich freuen viele interessante Unterhaltung hier... zu bekommen? Hilfe, mein Deutsch ist ganz schlimm.

Le meas,
das geist.

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Sep 29, 2004 8:29 pm

Fàilte, a Thàibhs!
Tha sinn toilichte gun do lorg thu sinn an-seo agus tha mi an dochas gun toigh leat am bòrd bràth againne. Tha mòran rud an-seo a'tachairt ann an Gàidhlig agus tha ùidh mòr againn ann an cuspairean cananach (?) cuideachd. Bi e math mòran a'leughadh bhuat a dh'aithghearr.

Willkommen, Geist!
Wir freuen uns, dass du uns hier gefunden hast, und ich hoffe, dass dir unser Forum gefällt. Hier passiert viel auf Gälisch und wir sind auch immer sehr an linguistischen Themen interessiert. Schön, dass wir bald mehr von dir lesen werden.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 29, 2004 9:46 pm

fàilte a Thàibhs,

Chan eil Gearmailtis agam idir ach s e sin a toigh leam mu an àite sin leis nach urrainn dhomh ach bruidhinn ann an Gàidhlig. Mar sin cha urrainn dhomh a bhith leisg.

Chuck

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 29, 2004 11:03 pm

Fàilte mhòr ort an-seo. Is e taibhs a bha dhith oirnn - uaireannan bidh sinn ro shaoghaltach. Tha Gearmailtis glè mhath agad ach chì thu co-dhiù gu bheil Gàidhlig na "lingua franca" againne. Agus is e "Linguist" a th' annad. Math dhà rireabh. Tha mi cinnteach gum bi sinn gad tholladh le ceistean mu dheidhinn. Rinn mi fhìn beagan "Sprachwissenschaft" ach leis an fhirinn innse cha robh mi uabhasach toilichte nuair a bha iad ag iarraidh orm Sanskrit a dhèanamh agus mise ag iarraidh cànanan ceilteach. (Is e cànan gu math inntinneach a tha ann an Sanskrit ach bha mi airson na Gàidhlig ionnsachadh.)
Nuair a bha thu a' coimhead oirnn chunnaic thu gum bi sinn a' bruidhinn mu gach cuspair a tha inntinneach dhuinn. Mar sin na bi diùid :-))
A thaobh savegaelic.org - uill thachair rud an-sin dhomhsa cuideachd - is dòcha gun do leugh thu mu dheidhinn.
Co-dhiù, Fàilte an-seo a-rithist chun na Gàidhealtachd bige againne

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Sep 29, 2004 11:28 pm

hallo geist no taibhse,
fàilte an-seo! :) tha teaghlach inntinneach agad... càit a bheil thu a' fuireach? tha mi-fhìn a' fuireach anns a' ghearmailt, ach bha m' athair à alba. agus bha seanair mo mhàthar à litauen / lietuva. ach chan eil an cànan agam, chan eil e aig mo mhàthair nas motha... chaidh e air chall :( tha dìreach "laba diena" (ceart?) no rudan mar sin agam... ach tha ùidh agam an cànan ionnsachadh aig an oilthigh. tha mi a' dèanamh beagan linguistics aig an oilthigh, cànanan ceilteach, cànanan lochlannach is seann eachdraidh / arc-eòlas. 's toigh leam cànanan gu mòr!! :D
tha mi an dòchas gu bheil an t-àite seo a' còrdadh riut. bha mi-fhìn air savegaelic cuideachd o chionn greis, ach chaidh mo thilgeil a-mach. beachdan neònach aig cuid dhaoine an-sin. uill, tha mòooooooran gàidhlig ann an-seo! agus feumaidh sinn tuilleadh daoine, gus nach dùin mìcheal am bòrd seo!! ;)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Do Sep 30, 2004 10:22 am

Fàilte, a thaibhse!

Ueill, droch naidheachd do SaveGaelic ach naidheachd math, sona do Schottisch-Gaelisch.de - gum bi thu anseo a-nis. Agus tha mi cinnteach gum bi fàilte ort agus air cuspairean mar Breatannach (?ciamar a dh'abrainn 'Breton' 'sa Ghàidhlig?) & cànanas anseo. 'S tòigh leam am fo-sgrìobhadh agad :D ... cha robh mi riamh buileach cinnteach gun do thuig mi e, ged tha na faclan uile agam ... gnothaich domhainn co-dhiù. :)

Ceud.

Gast

Beitragvon Gast » Do Sep 30, 2004 11:56 am

Madainn mhath a thaibse :) Math gad fhaicinn an seo. 'S e deagh àite airson craic, spòrs 's a'ghàidhlig.

Gràisg


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: Bing [Bot] und 1 Gast