Aodann ùr...

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » So Mär 13, 2005 9:54 pm

Hi a Mhona

Chèilidh mi ri Sandra an-diugh agus dh'innse mi dhi gu bheil mi eòlach ort. Tha e coltach gu bheil ùidh aice d'fhaicinn; thuirt i gum bu choir dhi post-dealan a chur thugad. Tha mi 'n dòchas gim bi thu a' cluinntinn bhuaipe a dh'aithghearr. Cuine a bhios sibh a' ruigsinn?

Cuine agus càite am bi sinne a' cèilidh ri cheile Disathuirne? As fheàrr leibh a' dol a thaigh-seinnse no a thaigh-bìdh? Tha taigh-bìdh ùr ann far an robh oifis a' phuist, air beulabh an 'Royal', 'Cafè Arriba'. Cha robh mi ann fhathast ach chuala mi gu bheil am biadh math ann an seo. No tha taigh-bìdh ùr Thai agus Innseanach ann shìos an cìdhe. Dè do bheachd? :?

Tha mi 'n dòchas gum bi an tìde math ann. Tha i uabhasach fuar an-dràsta, agus an sneachda ann cuideachd.

Tha mi air ais dhan cholaste. Bidh sinn air ais dhan chlasaichean àbhaisteach a-màireach, mar a chanadh tu anns a' Bheurla: air ais dhan sheann-aodainn agus brochan...

Chì mi Disathairne sibh,
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » So Mär 13, 2005 9:59 pm

Tha mi air ais a-rithist. Dhìochuimhnich mi a ràdh gum bi consairt ann oidhche Shathairne. Bidh an 'Loch Lomond Pipe Band' a' cluiche anns an Talla a' Choimhearsnachd, còmhla ri 'Isle of Skye Pipe Band' agus aoidhean, mar Peat Bog Faeries agus eile. Dè do bheachd? No as fheàrr leibh oidhche shamhach le Gàidhlig a bhruidhinn? A bheil Gàidhlig aig do chèile?

Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Mär 13, 2005 11:13 pm

Hallo Ùna,
tapadh leat airson sgrìobhadh a-rithist. Chan eil e cho cudthromach càit an tèid sinn oidhche Shathairne, bidh gach àite le biadh snog (agus prìsean saor) ceart gu leòr dhomh...
Leis an fhirinn innse, chan eil mi cho measail air ceòl a' phìob... ach ma dùil agaibh dol ann, thèid mi còmhla ruibh.
Chan eil Gàidhlig aig mo chèile, agus tha mi gu math cinnteach gum bi e a' falach anns an t-seòmar againn ;) Tha e beagan diùid gu h-àraidh le daoine ùra, agus chan eil fhios agam an tèid e còmhla ruinn...

Bidh mi toilichte leughadh p-d bho Sandra. Bidh mi an-seo anns a' Ghearmailt gu Di-Ciadain. Thèid sinn gu Alba air an aiseig bho Zeebrügge, mar sin bidh sinn a' siubhal ùine fhada, bho Di-Ciadain 'sa mhadainn (trèana gu Zeebrügge) gu Di-Ardaoin 'san fheasgar (ruigidh sinn an t-Eilean Sgitheanach air a' bhus bho Ghlaschu). Cuiridh mi fòn thugad ma-tha Di-Ardaoin no Di-Haoine.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mo Mär 14, 2005 12:10 am

Hallo a Mhona

Taing airson do fhreagairt. Tha sin ceart gu leòr; thèid sinn a thaigh-bìdh ma tha sin alright leat. Chan eil mi cinnteach dè a tha na prìsean coltach ann a' Chafè Arriba no anns an taigh-bìdh Thai ach cuiridh mi ceistean air daoine a tha mi eòlach.

Càite am bi e as fhasa dhomhsa a bhi ann? Am bi sibh a' fuireach ann an leabaidh & bracaist no taigh caraid? Chì sinn air an oidhche fhèin ma bhios ùidh aig do chèile tighinn còmhla rium. Mura bhi, bihdh 'girls' night out' againn... ;)

Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste