Aodann ùr...

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mo Mär 07, 2005 7:06 pm

Hallo, a h-uile duine!

Is mise Ùna NicLeòid. Rugadh agus thogadh mi anns a' Ghearmailt ach tha mi air a bhith a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach fad trì bliadhnaichean. Thàinig mo shinnsearan às an Eilean Sgitheanach, agus bha cianalas cho mòr orm gun robh agam ri tilleadh.

Tha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsda; tha mi a' dèanamh an cùrsa comais. Tha an cùrsa seo a' còrdadh rium glan, agus tha mi an dòchas gum bith a' faighinn obair math leis. Tha mi air a bhith nam neach-cùraim san sgire Slèite agus Ath-Leathainn fad dà bhliadhna 's gu leth.

Tha ùidh mhòr agam ann an cultar na Gàidhlig, gu h-airidh ann an eachdraidh agus ceòl traidiseanta. Tha mi nam bhall dhe dà chòisir Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, Còisir Ghàidhlig an t-Strath agus Còisir Ghàidhlig Phort-Rìgh. Tha mi a' seinn aon-neach cuideachd. 'S toigh leam èisteachd ri rèidio nan Gàidheal, coiseachd, cèilidh ri daoine,...

Ma tha ceistean sam bith agaibh mu dheidhinn an eilein Sgitheanaich - cur orm!

Tìoraidh an-dràsda,
Ùna :P
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Mär 07, 2005 10:42 pm

Ùna! :)
Tha mi cho toilichte d' fhaicinn an-seo... tha thu glè luath. Cha robh mi cinnteach an leughadh tu am bràth bhuam air a' bhòrd eile.

Tha sin èibhinn, tha cuid de mo shinnsearan fhèin às an Eilean Sgitheanach cuideachd (agus MicLeòid a bh' annta cuideachd...! mo sheanmhair co-dhiù, thàinig ise, no a màthair, bho Leòdhas), ach 's e Gearmailteach a tha na mo mhàthair. Bha sinn a' fuireach anns an Eilean nuair a bha mi nam nighean bheag, ach ghluais mi don Ghearmailt an uair sin.

Mar a thuirt mi, tha e inntinneach gu bheil thu aig SMO. Bu toigh leam tuilleadh a leughadh mu dheidhinn sin, agus tha mi cinnteach gu bheil ùidh aig na daoine eile an-seo cuideachd.

Fàilt' ort an-seo, Ùna, tha mi an dòchas gum faic sinn thu gu tric an-seo. Faodaidh tu sgrìobhadh anns a' Ghearmailtis agus Gàidhlig, tha mòran chòmraidh a' dol an-seo, agus faodaidh tu ceistean mu ghràmar a chur air a' bhòrd cuideachd... agus ma tha thu ag iarraidh, innis do luchd-ionnsachaidh eile mun bhòrd seo. Eadar dà sgeul, nach eil ban-Ghearmailteach eile aig SMO cuideachd? Thachair mi rithe dà bhliadhna air ais aig cùrsa samhraidh, 's e Sandra an t-ainm a th' oirre, agus thuirt i gum bitheadh dùil aice Cùrsa Comais a dhèanamh. A bheil thu eòlach oirre?

Le deagh dhùrachd,
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Di Mär 08, 2005 10:48 am

Hallo, a Ùna!
Fàilte an-seo, tha sin gasda ma tha duine eile le deagh Gàidhlig ann!

Uill, airson na dà cloinne 'Ic Leoid, dìreach an-dè leugh mi alt mu dheidhinn Clann 'Ic Leoid agus cò às a thàinig a sinnsear. Sgriobh iad gu chreidar a rèir beul-aithris gu tàinig a sinnsear Leod Mac Amhlaoibh bho Lochlann. O chionn goirid, rinn rannsaiche bho Lunnain sgrùdadh ann's na ginean de buill an cinneadh seo agus fhuair iad a-mach ceanglaichean làidir eadarra agus àiteachan mar an t-eilean Mhannain, an t-Òban agus Sealtainn, àiteachan far an robh na Lochlannaich làidir cuideachd.
Math dh'fhaodte, tha e coltach, tha gu leòr mearachdan ann's an sgrùdadh air sgàth's gu deach gu leòr linntean seachad agus cha tàinig gach uile Mac Leoid bhon chiad Leoid, ach tha an alt seo intinneach co-dhiù.

Gheibh sibh e an-seo:
http://www.clan-macleod.com/articlemag.html

Olaf

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Di Mär 08, 2005 6:42 pm

Hallo Amhlaibh :)

Mòran taing airson fàilte cho crìdheil a chuir orm. A bheil ceangal ri Clann MhicLeòid agaibh fhèin?

Cho fad' 's tha aithne dhomh gun tàinig sinnsearan MhicLeòid à Lochlann.

Chan eil mi cinnteach gu bheil mi a' tuigsinn a h-uile rud a sgrìobhadh sibh. Dè tha sibh ag iarraidh a ràdh?

Tha mi'n dòchas gum bi deasbad inntinneach againn...

Le deagh dhùrachd,
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 08, 2005 6:58 pm

Tha ceangail do Lochlann aig mòran de na seann chlanna anns na h-Eileanan Siar gu cinnteach. Leughar ainmean a thàinig bhon chànan Lochlannach, mar eisimpleir Tormod no Raghnall, ann an eachdraidh nan clann sin gu tric.
Bha na h-eileanan fo smachd nan Lochlannach fad ceithir ceud bliadhna no mar sin, agus anns na seann leabhraichean Èireannach leughaidh tu mu na "Gall-Gaidil" a thàinig do Èireann airson goid agus marbhadh.
Tha cuid ollaimh dhen bheachd gun robh an t-ainm-àite "Lochlann" a' ciallachadh na h-Eileanan Siar an toiseach, agus gun do chuir iad e an uair sin air an dùthaich às a thàinig na "Gall" sin.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Di Mär 08, 2005 7:00 pm

Hallo a Mhona :)

Tapadh leibh airson ur teachdaireachd. Leugh, leugh mi ur freagairt anns an fhorum na h-Alba, agus tha mi air a bhith ag iarraidh a freagairt.

Tha sin inntinneach gu dearbh gu bheil an aon shinnsearan againn ged a thàinig na sinnsearan agamsa às an Eilean Sgitheanach, à Dun Bheagan. 8-)

Tha mi ann an Leòdhas an-dràsda fhèin, airson greis gnìomhachais a dhèanamh. Tha cianalas orm ach tillidh mi dhan Eilean Sgitheanach Disathairne. Tha an Cùrsa Comais a' còrdadh rium glè mhath, agus bidh mi air ais anns an t-Sultain airson an darna bliadhna a dhèanamh.

Càite an do dh'ionnsaich sibh a' Ghàidhlig? Càite an robh sibh a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach nuair a bha sibh òg? A bheil sibh a' siubhail dhan Eilean Sgitheanach gu tric? Tha mi cho toilichte gun do dh'fhàg mi a' Ghearmailt; cha robh mi riaraichte ann idir. Chan eil e furasta a bhith nam oileanach làn-thìde agus ag obair pàirt-thìde aig an aon àm ach tha fios agam carson a tha mi ga dhèanamh, agus tha sin ceart gu leòr.

Tha mi eòlach air Sandra dha-rìribh; tha ise anns a' chlas agam!

Ma bhitheadh ceistean sam bith agaibh rè Sabhal Mòr Ostaig - dìreach cuir iad orm! Bidh mi toilichte am freagairt.

Tìoraidh an-dràsda; tha mi'n dòchas gum bi deagh dheasban againn!
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Mär 08, 2005 7:48 pm

Hallo Ùna,
an toiseach: 's àbhaist dhuinn uile "thu" a ràdh ri chèile an-seo. Tha mi an dòchas gu bheil sin ceart gu leòr dhut. Tha fios agam gu bheil e nas modhaile "sibh" a ràdh, ach tha mi a' smaoineachadh gur e àite càirdeil a th' ann an-seo.

Dh' ionnsaich mi-fhìn (no tha mi ag ionnsachadh) Gàidhlig an-seo anns a' Ghearmailt aig Mìcheal (schottisch-gaelisch.de). Bha Gàidhlig aig m' athair agus mo sheanmhair, ach bha mo mhàthair dhen bheachd gum bitheadh Gearmailtis nas cudthromaiche dhomh nuair a bha mi nam nighean bheag. Bha sinn a' fuireach faisg air Port Rìgh aig an àm sin.
Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh mu dhà bhliadhna air ais (toiseach 2003) agus chaidh (agus thèid) mi do chlasaichean oidhche agus cùrsaichean deireadh-seachdaine gu tric. Gu fortanach tha an sgoil Gàidhlig aig Mìcheal gu math faisg orm, ann am Bonn. Tha mi a' fuireach ann an Wuppertal.
Bha mi aig cùrsa shamhraidh aig SMO ann an 2003 cuideachd, agus aig cùrsa shamhraidh eile a rinn Mìcheal còmhla ri tidsear Albannach ann an Uibhist a Deas ann an 2004.
Càit an robh thusa a' fuireach anns a' Ghearmailt? Bu toigh leam-sa fuireach ann an Alba uaireigin, ach aig an àm seo, feumaidh mi ràdh gu bheil mi riaraichte gu leòr an-seo. Tha mi toilichte a bhith nam oileanach ann am Bonn, tha na rudan a tha mi a' dèanamh an-sin glè inntinneach.

Nach eil e glè dhaor an cùrsa a dhèanamh aig SMO? A bheil thu a' fuireach anns a' cholaisde fhèin?
Tha mi a' creidsinn nach eil e furasda a bhith aig a' cholaisde agus ag obair... An aon rud agam fhìn: tha mi nam oileanach agus ag obair cuideachd. Bu toigh leam dol do oilthigh sam bith ann an dùthaich eile (Alba no Nirribhidh no Litauen) airson greis, ach cò a bhitheadh a' paigheadh am flat an-seo an uair sin?

Tha sin sgoinneil gu bheil thu eòlach air Sandra. Nach beag an saoghal Gàidhlig! ;) Can dùrachdan bhuam thuice, mas e do thoil e. Bu toigh leam cluinntinn bhuaipe.

Bidh mi a' siubhal gu Alba gu math tric, mar eisimpleir thèid mi dhan Eilean Sgitheanach agus Leòdhas an ath-sheachdain! :) Saor-laithean beaga còmhla ri mo chèile. Bidh sinn anns an Eilean Sgitheanach (a' fuireach ann am Port Rìgh) bho 17mh gu 22 (dàrna latha air fhichead??) dhen Mhàirt, agus an uair sin thèid sinn gu Leòdhas airson cuid laithean eile.

Sin e bhuam-sa an-dràsda. Tha mi air a bhith an-seo cus an-diugh co-dhiù ;)
Chì mi thu!
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Mi Mär 09, 2005 11:51 am

Hi Ùna,
mòran ceisteannan dhuibh agus tha ceist no dà agam cuideachd!
Chan eil mi càirdeach ris an Clann 'Ic Leoid taobh a-mach m'ainm "Amhlaobh" (tha fhios agam, rinn mi mearachd san nickname, tha e ann an tuiseal ginideach!)
Leugh mi mu dheidhinn an sgrùdadh dìreach ann an "Scottish Islands Explorer". Tha mi a' creidsinn gu bheil iad airson dearbhadh fhaighinn ann's na ginean eadar na daoine a tha beò an-dràsda, na Lochlannaich agus na sinnsearan 'san meadhan-aois. Ach chan eil an dearbhadh glè làidir idir.

Uill, mo cheisteanan:
A bheil fhios agad gu bheil bhideo bho "Machair" air fàil àiteigin? Cha do lorg mi làrach-lìn neo mar sin, ach is dòcha gu bheil iad ann's na bùthan ann an Eilein Sgitheanaich neo ann an Leòdhais? Tha fhios agam gu bheil iad air an cleachdadh san SMO agus tha mi ag iarraidh gan faighinn mar thìodhlaic.

Tè eile: Dè tha do mhothaich, a bheil e comasach obair fhaighinn ann's na h-Eileanan? Tha mi-fhìn cuideachd a' smaoineachadh a bhith a' gluaiseach gu h-Alba airson greis agus cha bhith seo cho fad as bho an-diugh.

Eadar dà sgeul, bidh sinn san Eilein Sgitheanaich mu dheireidh Cèitean airson làtha no dà agus bidh sinn a' fuireach sa taigh Chaoimhìn (an tìdsear choimpiùtair aig an SMO). Am bidh thu san sgìre Slèite cuideachd aig an àm sin?

Tìoraidh an-dràsda,
Olaf

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mi Mär 09, 2005 3:54 pm

Amhlaoibh

Bidh, bidh mise aig SMO aig deireadh a' Cheitein. Bidh deuchainnan againn a-nis (-eagal- :shock: ). Tha mi eòlach air Caoimhin; tha mi ga fhaicinn mar as trice nuair a tha mi anns a' chomplann.

Nan bhitheadh thu deònach obair sam bith a dhèanamh cha bhiodh troiblaid ann obair fhaighinn as t-samhradh (mar ann na taighean-òsda, taighean-bìdh) ach tha e gum math doirbh obair lan-thìde eile fhaighinn. `S e aon dhen aobharan gu bheil mi a' dèanamh an cùrsa seo aig SMO, gu bheil mi 'n dòchas gum bi a' faighinn obair math leis. Tha e gu math daor an cùrsa a dhèanamh ach phàigh SAAS air mo chìsean agus fhuair mi sgoilearachd mhòr bho SMO. Ach feumaidh mi obair fhathast.

Bidh mi a' faighinn a-mach ma bhios mi a' lorg am bhideo seo.

Tìoraidh an-dràda,
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mi Mär 09, 2005 4:12 pm

Hi a Mhona

Nach eil sin math gu bheil thu a' tighinn dhan Eilean Sgitheanach! Am bidh teans ann d' fhaicinn? Chan eil e cho fada bho Shlèite gu Port Rìgh, agus tha càr agam co-dhiù. Dè do bheachd? No am bhitheadh tu ag iarraidh tighinn dhan cholaisde airson cèilidh ri Sandra cuideachd agus an t-àite fhaicinn? :)

Tha mi a' fuireach anns a' cholaisde fhèin, anns an Arainn Ostaig (seann thogalach shuas an rathad). Tha na seòmraichean glè shnog, le taigh beag, fridge, microwave agus coire. Tha an cùrsa gu math daor dha-rìribh (£1,550 ma tha mi ga chuimhneachadh ceart) ach phàigh SAAS air mo chìsean agus fhuair mi sgoilearachd mhòr bho SMO airson cosgais-beatha.

Tha mi gu math eòlach air Wuppertal; tha brathair-màthar agus a bhean a' fuireach ann.

Uill, tha mi'n dòchas gum bi mi gad fhaicinn a dh' aithghearr.
Tìoraidh an-dràsda,
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Gast

Beitragvon Gast » Mi Mär 09, 2005 6:55 pm

Tapadh leat, tha sin sgoinneil (an bhideo).

Uill, is dòcha gu nì sinn (mi-fhìn agus mo bhean chèile) cèilidh nuair a bhios sinn sa sgìre, ma 's toil leat. Bhiodh sin snog!

Tha gu leòr Gearmailtich aig an SMO, nach eil? Tha aithne agam air tè eile a chriochnaich an cùrsa làn-thìde o chionn dhà bliadhnacha, 's e Simone an t-ainm a th'air; an dèidh an cùrsa fhàgail, bha i ag obair aig Cànan airson bliadhna.

Olaf

Gast

Beitragvon Gast » Do Mär 10, 2005 11:29 am

Hhmm, tha sin èibhinn: Leugh mi ann am profile agad gu bheil ùidh agad ann an "leaghadh". Cha robh fhios agam mun fhacal seo agus fhuair mi e ann am faclair: "liquidation". Uill, tha fios agam a-nis dèn seòrsa obair a tha thu a iarraidh :D

Olaf

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Mär 10, 2005 11:46 am

Hallo Ùna,
bu toigh leam coinneachadh riut gu dearbh, bidh mi daonnan toilichte coinneachadh ri daoine aig a bheil Gàidhlig :)
Bidh sinn anns an Eilean 5 laithean agus chan eil càr againn. Cha robh mo chèile riamh ann agus tha mi ag iarraidh na h-àitean as fheàrr leam sealltainn dha. Mar sin, chan eil fhios agam am bi ùine agam dol dhan cholaisde. Tha sin gu math fada bho Port Rìgh air a' bhus. Ach ma tha càr agad, agus ma tha sin ceart gu leòr dhut, 's dòcha gum bu toigh leat tighinn do Port Rìgh san fheasgar, mar eisimpleir air an deireadh-seachdaine (19/20 den Mhàirt)? 'S urrainn dhuinn dol do taigh-seinnse sam bith.
A bheil fòn (fòn làimhe?) agad? Cha bhi againne, tha fòn làimhe aig mo chèile ach tha mi gu math cinnteach nach bi e ag obrachadh anns na h-Eileanan. Tha fios agam gu bheil coimpiutair le eadar-lìon anns an oifis luchd-turais ann am Port Rìgh, ach tha sin gu math daor.
Faodaidh tu sgrìobhadh thugam, tha an seòladh post-dealain agam an-seo anns a' "phrofile".
Chì mi thu!
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Do Mär 10, 2005 1:47 pm

Hi a Mhona

Fhuair mi a-mach a-raoir gum bi mi ann am Port Righ aig Disathuirne, 19 dhen Màirt, co-dhiu air sgath `s gum bi mi ag obair còmha ri balach aig a bheil feumalachdan shònraichte. Bidh mi deiseil aig 5p.m., agus an uair sin bhitheadh sin sgoinneil nan rachadh sinn do thaigh-bìdh no thaigh-seinnse còmhla. :)

Tha fòn-làimhe agam, seo an àireamh: 0778 7976 195. Càite ann am Port Rìgh a bhios sibh a' fuireach?

Bidh mi a' bruidhinn ri Sandra cuideachd; tha càr aice, agus `s dòcha gum bi ùidh aice ann d'fhaicinn cuideachd.

Tha mi a' coimhead air adhart ri nur faicinn (abair anglicism, ach co-dhiù).
Tìoraidh,
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Mär 12, 2005 12:17 pm

Ùna, tapadh leat, cuiridh mi fòn dhut gu cinnteach, Di-Ardaoin no Di-Haoine, ceart gu leòr?
Ma tha ùidh aig Sandra, bhithinn toilichte a faicinn cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh gum bi sin sgoinneil, oidhche snog le mòran Ghàidhlig! ;)

Bidh sinn a' fuireach ann am meadhan a' bhaile Phort Rìgh.
A-nis, feumaidh mi dol do na bùthan, tha mòran rudan ri dhèanamh fhathast mus tèid sinn do dh' Alba...
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast