Ein ewiger Lurker stellt sich vor..

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Eubha
Beiträge: 49
Registriert: Di Jan 06, 2004 4:41 pm
Wohnort: A'Ghearmailt, Dreieich

Beitragvon Eubha » Do Jun 16, 2005 3:59 pm

Hallo zusammen,
nachdem ich schon Ewigkeiten als Lurker hier herumspuke, will ich mich mal kurz vorstellen.

Is mise Eubha agus tha mi a’fuireach ann an Dreieich faisg air Frankfurt/Main. Tha mi 47 bliadhnaichean a dh’aois, agus tha mi ag obair mar neach-rannsachaidh airson KPMG, companaidh cunntasaran ann am Frankfurt.
Thoisich mi ag ionnsachadh Gaidhlig seachd bliadhna air ais. Dh’ionnsaich mi aig Sabhal Mor Ostaig aig na cursaichean goirid san samhradh agus rinn mi feadhainn dhen buthan-obrachadh le Micheal.
Airson cuirseachdan, `s toil leam a bith ag eisdeachd ri ceol Albannach, gu araidh Runrig, ach tha moran comhlan-ciuil Albannach eile a’cordadh rium cuideachd, mar Capercaillie neo Wolfstone. Tha Runrig coireach gun do thoisich mi Gaidhlig ag ionnsachadh co-dhiu. 8-)

Barrachd air sin, `s toil leam a bith leughaidh leabhraichean, gu sonraichte leabhraichean diomhairachd neo leabhraichean (nobhailean agus stuth eile) mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba agus Mair Banrigh na h-Albainn gu sonraichte.


Okay, und wer diesen – von null Grammatikkenntnissen belasteten Text nicht lesen kann oder will, hier das Ganze noch mal auf Deutsch:

Ich heiße Evi (eigentlich Eva-Maria, aber das ist viel zu lang..) und wohne in Dreieich bei Frankfurt. Ich bin 47 (das Altersheim ruft… ) und arbeite als Researcherin bei KPMG, einer großen Wirtschaftsprüfungsgesellschaft in Frankfurt.
Ich lerne seit ca. 7 Jahren Gälisch, hauptsächlich in Sommerkursen in Sabhal Mor Ostaig auf Skye und manchmal auch in Kursen bei Michael. Und bis dass ich’s dann irgendwann mal kann, vergehen wahrscheinlich noch mal ca. 100 Jahre. :?

Ansonsten höre ich gern Musik, meist schottische Bands, und vor allem Runrig. Die Knaben sind denn auch schuld, dass ich angefangen habe mit Gälisch. Außerdem bin ich Bücherwurm und fresse mich gern durch Krimis (möglichst blutig) und historische Romane (meist über Schottland, auch ziemlich blutig). 8-)

Das war's von meiner Seite..

Le dheag dhurachdan - Eubha

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Jun 16, 2005 6:51 pm

Eubha - bha fios agam gum bi thu a' leughadh an-seo gu tric.. is math leughadh bhuat a-nis cuideachd. Fàilte ort agus sgriobh tuilleadh!
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Do Jun 16, 2005 7:32 pm

Fàilte ort gu oifigeach, Eubha!

Ha, bha mi ceart - chunnaic mi do fhoirm-claraidh! :D Chan eil tòrr dhaoine Gearmailtaich a' tighinn a-nall airson cùrsaichean a dhèanamh am-bliadhna seo. 'S bochd sin.

A bheil thu eòlach air Simone Dietrich cuideachd? Bha ise aig a' Cholaiste trì bliadhnaichean air ais, agus thill i dhan Ghearmailt - rudeigin nach eil mi a' tuigsinn idir, ach tha mi 'n dòchas gun do rinn i co-dhùnadh ceart...

Cò an tidsear as fheàrr leat (ooo, ceist chunnartach...)? A bheil thu eòlach air Daibhidh Grannt? No Mòrag NicLennan? No Ailig Bhaltos? No Guilleasbuig Feargason? Uill, tha iad uile snog, tha mise a' smaoineachadh...

Innse dhuinn barrachd mu dheidhinn do thursan aig SMO... 8-)

Beannachd leat
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Eubha
Beiträge: 49
Registriert: Di Jan 06, 2004 4:41 pm
Wohnort: A'Ghearmailt, Dreieich

Beitragvon Eubha » Fr Jun 17, 2005 4:18 pm

Hi Una agus a h-uile eile,

's docha gum b'e Jo Domhnallach an tidsear as fhearr leam a bh'innte. Bha sin an uiridh. Bha i air a'teagasg anns a'cholaiste airson a'chiad thuras. A bheil fios agad nam bi i a'teagasg am bliadhna a-rithist? Bitheadh sin direach sgoinneil! :D

Tha mi eolach air Daibhidh Grant, ach cha b'e e an tidsear agamsa a bh'ann. Thuirt na daoine anns a'chlas aige gun robh e math da-riribh.

Chan eil mi cinnteach mu dheidhinn na tidsearan eile. Cha robh mi anns na clasaichean aca co-dhiu...

As deidh na clasaichean seachd (5 tursan) agus a h-ochd (4 tursan) dheanamh moran tursan, bha airson rudeigin eile a dheanamh. Mar sin, tha mi claraichte airson a'churse le Rody Gorman, cursa eadar-thaingeachaidh. Ach....chan eil mi cinnteach nam bhios mi math gu leor airson a'chursa sin. Cha do rinn sinn moran sgriobhadh anns na cursaichean goirid, agus mar sin... mearachdan, mearachdan, mearachdan..... :shock:
Nam bhios e ro dhoirbh, teichdih mi gun chursa seachd cho luath 's a gabhas mi.... ;-)

Gun sealladh orm, bitheadh e math da riribh nam bhithead cursaichean ri fhaighinn airson luchd-adhartach le gramar, sgriobhaidh agus stuth mar sin..... Okay ma tha....air-ais gun obair agamsa.

Le deagh dhurachdan - Eubha

PS: tha mi a'coimheadh air adhart gu tighinn dhan Eilean Sgitheanach a-rithist! :)

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Sa Jun 18, 2005 11:57 pm

Hi Eubha

Tha cùrsa 'Cuir peann ri pàipear' ann - 's e cùrsa do fhileantaich a th' ann aig nach eil fios mu ghràmar, sgrìobhadh agus leughadh. Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachadh fhaighinn, innis dhomh, agus cuiridh mi post-dealain thugad.

Beannachd leat
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast