Fàilte

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 01, 2005 1:35 pm

Hi na h-uile,
Fhuair mis' an làrach seo air an eadar-lìon agus smaoinich mi gum biodh e math a bhith nam bhall. Chan eil Gearmailtis agam ach ma bhios sibh ag iarraidh a bhith a' bruidhinn 'sa Gàidhlig..bidh mi deònach a dheanadh. (Tha mi an dòchas gun do rinn mi ceart e, tha mi a' dol tro babelfish.altavista.com an Gearmailtis a thuigsinn!)

Cheers,
Màrtainn

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Jul 01, 2005 2:16 pm

A chlamhan, fàilte an-seo! Tha e sgoinneil gu bheil thu ann, bidh sinn daonnan toilichte mu dhaoine aig a bheil deagh Ghàidhlig. Agus na gabh dragh mu dheidhinn na Gearmailtis... mura bheil thu a' tuigsinn rudeigin cudthromach, cur ceist thugainn anns a' Ghàidhlig... agus tha tòrr chòmhraidh Gàidhlig a' dol an-seo agus mòran daoine aig a bheil deagh Ghàidhlig agus tha e glè fheumail airson luchd-ionnsachaidh ma tha cuideigin ann aig nach eil Gearmailtis idir ;)

Innis dhuinn beagan mu do dheidhinn, mas e do thoil e! Cò às a tha thu? Dè tha thu a' dèanamh?
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Jul 01, 2005 5:17 pm

A Mhàrtainn chòir,
fàilte an-seo! Is math gun tig cuideigin a tha fileanta sa Ghàidhlig. Ged a tha Gearmailtis mun cuairt is e bòrd-brath airson na Gàidhlig a tha seo. Mar sin tha thu dìreach ceart an-seo. Ma tha ceist sam bi agad ciamar a tha a h-uile sìon ag obrachadh an-seo gheibh thu freagairt gun dàil


le dùrachdan

Mìcheal am Modarator
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 01, 2005 7:13 pm

Hi a Mhona, A Mhìcheail, A' chiad rud, canaidh mi nach eil mi cho fileanta 'sa Ghàidhlig 's gum bu toigh leam a bhith, 's e neach-ionnsachaidh a tha annam.

Co-dhìu, tha mi a' fuireach anns a' Chaol faisg air an Eilean Sgitheanaich.

Thagh mise an t-ainm "Clamhan" nuair a bha mi a' sireadh ainm air Hotmail/Netscape nach robh air a chleachdadh mur thà, chanainn gur e coltas cù reamhar a tha orm an àite clamhain...

Chunnaic mi gun robh tè anns an Eilean Sgitheanaich air an liosta seo a cheanna agus i nas fhèarr na mise, a' sgriobhadh ann an Gàidhlig agus ann an Gearmailtis ach bidh e math a bhith a' toirt taic do cuideigin ag iarraidh fios air Gàidhlig ma bhios mi comasach a dheanadh.

A Mhona cò as a tha thu fhèin. 'S e NicLeòid a tha annad. Leodhas no an t-Eilean Sgitheanach 's dòcha?

Agus tapadh leat A Mhìcheail, cuiridh mi ceist dhut air ciamar a tha rudan ag obair nuair a tha babelfish a' fàilligeadh orm...

Cheers,
Màrtainn

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Fr Jul 01, 2005 11:47 pm

A Mhàrtainn

Nach eil thusa aig obair anns a' Cholaiste cuideachd? Tha mi a' smaointinn gu bheil. Nach eil sin eibhinn?

'S math d'fhaicinn anns a' Bhòrd seo!!!

Uill, tha dithis NicLeòid agus Dòmhnallach againn a-nis; nach eil sin sgoinneil! 8-)

Beannachd leat
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Gast

Beitragvon Gast » Sa Jul 02, 2005 7:29 pm

Hi Ùna,
Sin ceart ach chan e tidsear a tha annam, tha mi ag obair leis na coimpiutairean.

An e Ùna à Tarscabhaig a tha annad?

Cheers,
Màrtainn

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Jul 02, 2005 7:59 pm

A Mhàirtainn,
tha thu a' fuireach ann an àite brèagha! Agus tha obair inntinneach agad, nach eil?

Tha mi-fhìn a' fuireach anns a' Ghearmailt. 'S e leth-Ghearmailteach (air taobh mo mhàthar), leth-Albannach (air taobh m' athar) a th' annam. Bha mo sheanmhair à Leòdhas, agus bha sinn a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach nuair a bha mi nam nighean bheag. Ach chaidh mi dhan sgoil an-seo anns a' Ghearmailt agus cha robh Gàidhlig agam mus do thoisich mi a h-ionnsachadh cuid bhliadhna air ais.

Tha mi cinnteach gum bi spòrs mòr agad an-seo. Is toigh leinn cabadaich anns a' Ghàidhlig, agus chan eil mòran chothrom ann do luchd-ionnsachaidh an-seo Gàidhlig a bhruidhinn anns am beatha laitheal...
Deagh dhùrachd,
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Sa Jul 02, 2005 9:51 pm

A Mhàrtainn

Chan eil mi a' fuireach ann an Tarscabhaig, tha mi a' fuireach aig a' Cholaiste fhèin. A bheil cuimhne agad nuair a bha thu nad aoigh na seachdaine airson a' chùrsa comais? Bha mi anns a' chlas cuideachd. Ach tha mi aig obair dha na cùrsaichean goirid an-dràsta fhèin, còmhla ri Elsie, agus anns an leabharlann, còmhla ri Christine agus Susaidh.

Beannachd leat
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Gast

Beitragvon Gast » Sa Jul 02, 2005 10:40 pm

Hi Ùna,
Ciamar a tha thu! Fios agam cò tha annad a nis. Gun sloinneadh chan eil e furasta bhith cinnteach cò tha ann. Tha Ban-Ghearmailteach leis an ainm Ùna a' fuireach bho àm gu àm ann an Tarscabhaig a tha dèidheil air Gàidhlig agus bha mi a' smaoineachadh, an i an Ùna a tha ann? Tha a' Ghàidhlig aice nas fhèarr na tha mi a' cuimhneachadh. Ach bha am freagairt fon t-sròn agam.

'S e saoghal beag a tha ann. :)

Cheers,
Màrtainn

Gast

Beitragvon Gast » So Jul 03, 2005 12:07 am

Hi A Mhona,
Leis an ainm NicLeòid ort, bha mi cinnteach gun robh ceangal ann eadar thu fhèin is Leodhas. :)

Chunnaic thu gun do chuir mise freagairt air ais do Bharabel air a' cheist aice ach gun fhios dè ìre Gàidhlig a tha aig na daoine ann an liosta am fiach e ann an Gàidhlig a mhàin?

'S dòcha gur e direach a' cur uallaich ort ga eadar-theangachadh agus bhiodh e nas fhèarr a bhith a' cumail anns na liostaichean mar Ghàidhlig a-mhàin/ nur Gälisch.

Dè do bheachd?

Cheers,
Màrtainn

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Jul 03, 2005 11:25 am

A Mhàrtainn,
seo mo bheachd: tha mi a' smaoineachadh gu bheil e glè mhath agus feumail agus cudthromach ma chuireas tu freagairt do na daoine anns a' Ghàidhlig. Cuiridh sin misneachd dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh, a' feuchainn ri tuigsinn agus freagairt. Tha mi a' smaoineachadh gun robh mi fiu's ro luath leis an eadar-theangachadh agam do Bharabel. Bha i gad thuigsinn ceart gu leòr. Cùm ort, mas e do thoil e, sgrìobh anns a' Ghàidhlig, 's e àite Gàidhlig a th' ann an-seo co-dhiù, agus tha dùil aig a h-uile duine an cànan seo ionnsachadh. Bidh e soilleir dhaibh, bhon fo-sgrìobhadh agad, nach eil Gearmailtis agad agus gu bheil thu ag iarraidh an cuideachadh. Ma tha trioblaid mòr aig duine air choireigin, faodaidh iad faighneachd agus faodaidh daoine eile cuideachadh le eadar-theangachadh. Ach tha mise dhen bheachd gu bheil e glè mhath ma tha tuilleadh Gàidhlig ri leughadh an-seo :)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Jul 03, 2005 6:31 pm

agus sin na tha am modarator a' smaoineachadh cuideachd.
A thaobh nighean à Tarscabhaigh. Is e Ulla Pritscher an t-ainm a th' oirre agus mas math mo chuimhne cheannaich i taigh an-sin o choinn bhliadhnaichean.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Gast

Beitragvon Gast » Mo Jul 04, 2005 11:33 am

Hi A Mhìcheail,
Tha thu ceart. Chan i Ùna a tha innte idir, 's i Ulla a tha an t-ainm oirre. Agus an rud nàireach mu dhèidhin, tha mi air a bhith a' bruidhinn rithe turas no dhà.

Tha mo chuimhne a' fas nas miosa. Cha tig an aois leatha fhèin.

Cheers,
Màrtainn

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Di Jul 05, 2005 4:45 pm

A Mhàrtainn

Chuala mi ma deidhinn; dh'innis cuideigin dhomh gu bheil tè Gearmailteach a' fuireach ann an Tarscabhaig. 'S e ainm fada nas chumainte ann an 'Ulla' anns a' Ghearmailt na 'Ùna'.

Tha buidhean bheag Ghearmailteach aig a' Cholaiste an-dràsta fhèin. Tha iad glè dhèidheil Gàidhlig ionnsachadh, agus tha iad uile cho laghach.

Beannachd leat
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast