Fàilte do Tim (Mill a h-uile Rud)!

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Sep 08, 2005 12:33 pm

Fàilte an-seo, Tim, is math d' fhaicinn an-seo. Is dòcha gum bu toigh leat innse beagan mu do dheidhinn, cò às a tha thu, càite an do dh' ionnsaich thu Gàidhlig, dè tha thu a' dèanamh, a.m.s.a.a.
Chan eil a h-uile duine an-seo eòlach ort agus air an ceòl agad fhathast, agus feumaidh tu sin atharrachadh ;)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Fr Sep 09, 2005 4:16 pm

Hello,

Is mi Tim agus tha mi às na Stàitean, pios beag taobh a-muigh Seattle air taobh an iar nan Stàitean. Tha mi a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach an-dràsda, aig an t-Sabhal Mhòr, agus tha mi anns an treas bliadhna an-sin. Thoisich mi air mo chuid Ghàidhlig ann an Eirinn nuair a bha mi a' fuireach an-sin. bliadhnaichean air ais. Chum mi orm nuair a bha mi a' fuireach ann an Dùn Eideann fad bliadhna no trì. Nis, tha mi eadar Seattle agus Alba. Tha mi a' cluich ann an còmhlan-ciùil punc Ghàidhlig ris a chanar, Mill a h-Uile Rud, agus cuideachd tha mi ann sàs ann an co-chomainn teacno Ghàidhlig, Nad Aislingean. Agus... tha mi a' smaoineachadh gur e sin e...agus chan eil na sracan ag obair an-drasda. Bu choir dhomh stad a-reir coltais.

Moran taing, Tim

Gast

Beitragvon Gast » So Sep 11, 2005 7:37 am

Hallo Tim

Tha mi air a cluintinn mu do dheinn 's mill a h-uile rud. 'S math d'fhaicinn an seo. Failte ort.

Chuck


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast