Feasgar math, (chan eil Deutsche agam).

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Gast

Beitragvon Gast » Mo Feb 20, 2006 3:36 pm

Latha math dhuibh!
Gabh mo leisgul, chan eil Deutsche agam, ach, "Hallo". :) 'S mise Adhamh agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig le Fòram na Gàidhlig. Tha mi a' fuireach ann an Chesham, Buckinghamshire, (Sassan), s' tha mi ag obair ann an oifis ann an Lunnainn. Chan e Lunnainneach a th'annam, bha e faisg air Obar Dheathain, Alba. S' toil ceól, piobaireachd, agus eachdraidh Albannach. Tha ùidh mhòr agam ann an Velvet Underground cuideachd. Tha mi duillich, ach cha toil Runrig idir. :o Uill, mar sin leibh an-dràsta! ;)

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Feb 20, 2006 3:43 pm

Fàilte an-seo, is math d' fhaicinn an-seo cuideachd, Adhamh! :) Tha dà fhòrum nas fheàrr na aon, nach eil? Bidh sinn toilichte leughadh bhuat an-seo agus tha deagh Ghàidhlig agad!
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Feb 20, 2006 4:00 pm

Fàilte chridheil ort, Adhaimh!

Tha mi gu toilichte d'fhaicinn air an bord-brath seo! :D

Is toil leam VG cuideachd, agus bidh sinn caraidean a dh'aindeoin cha bu thoil leat Runrig :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Kurt
Beiträge: 111
Registriert: Do Apr 29, 2004 4:21 pm
Wohnort: Hamburg, A'Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Kurt » Mo Feb 20, 2006 6:50 pm

Fàilte an-seo cuideachd!



Tha mi duillich, ach cha toil Runrig idir. :o


Obh! Obh! Carson nach eil? 's toigh leamsa ceòl bràthairean MhacDhòmhnuill Uibhisteich !

Daoine sam bith ann an Obar Dheathain a tha a'bruidhinn "Doric" uaireannan. A bheil cànan seo agadsa cuideachd?

Tioraidh

Kurt
Kurt Duwe
Suas leis a'Ghàidhlig!

Die erste Sprache reicht meist zum Überleben.
Erst mit der zweiten öffnet sich die Welt.

Mara
Beiträge: 28
Registriert: So Feb 05, 2006 12:53 am

Beitragvon Mara » Mo Feb 20, 2006 7:37 pm

Faìlte an-seo, Adhamh !

Is math d'fhaicinn.


Ciamar a tha thu ?



Tìoraidh, Mara

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Feb 21, 2006 9:19 am

Fàilte an-seo a charaid chòir. Tha mise measail air pìobaireachd agus ceòl cuideachd. Chan eil mi a' cluich na pìoba ach is toil leam èisdeachd rithe. Leis an fhìrinn innse cha toil leam Runrig nas motha ach feumaidh mi ràdh gun do rinn iad mòran airson na Gàidhlig agus tha seo ri mholadh gun teagamh. Is ann nach toil leam ceòl ròc, is fhèarr leam rudan sàmhach. Tha mise a' cluich na clàrsaich ged as ionnstramaid duilich i.
Tha mi a' dèanamh fiughair air leughadh na sgrìobh thu an-seo anns an àm ri teachd.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Gast

Beitragvon Gast » Di Feb 21, 2006 1:27 pm

Feasgar math, a-huile duine, tha mi gu math, tapadh leibh. Earalas, tha mi ag ionnsachadh cuideach!!
A' Khuirt., tha mi duillich, ach tha mi a' smaointinn chan eil an Runrig cho glan inntinneach. :( Bidh iad daonnan nan ràsanach. 'S urrainn dhomh Doric a bhruidhinn, tha mi fluenta, "Fit' like min, foo's yer' doos? Chavin' awa". Is toigh leamsa a' cluich a' ghiotàir agus a' phìob mhòr. Tha mi a' cluich a' mandolin cuideach. Bidh mi ag èisteachd ris an cèol feasgar, bidh mi a’ cluich CDan. Chan eil mi a' cluich a' chlàrsach, ach 's toigh leam èisteachd.
Uill, tha mi trang anns an obair an-drasta, bu chòir cabhag a bhith orm air neo bidh mi fadalach. Mar sin leibh.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 21, 2006 2:11 pm

Sin mar a tha e an-seo, bidh sinn uile a' cabadaich an-seo fad an latha, agus a' dìochuimhneachadh an obair againn ;)
Ach feumaidh mise falbh ann an greiseag cuideachd, bidh mi a' teagasg aig leth uair an-dèidh uair.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Di Feb 21, 2006 2:13 pm

Hi Crunlauth

Fàilte ort bhuam cuideachd. Tha e sgoinneil Albannaich fhaicinn anns an fhoram seo. Cùm ort, tha tha a' dèanamh fìor mhath.

Dè tha d' aimn a' ciallachadh?

Dùrachd
Ùna às an Eilean Sgitheanach
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Fr Mär 17, 2006 1:46 am

a Crunlauith... hehe chan e crunluath a th' annad, gur e?

Cailean
Beiträge: 116
Registriert: Mi Jan 04, 2006 8:16 pm
Wohnort: 73529 Schwaebisch Gmuend

Beitragvon Cailean » Fr Mär 17, 2006 7:19 am

Madainn mhath Adhamh!

Is mise Cailean agus 's e Albannach a th'annam cuideachd. Ach tha mi a'fuireach ann an Schwäbisch Gmünd ann a'Ghearmailt. Bha mi a'fuirreach ann an Old Kilpatrick feasg air Glaschu.

's e tidsear a' th'annam - tha mi ag obair air mo cheann fhìn. Tha mi a' teagaisg Beurla agus tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig.

Bha mi a'fuireach ann an Lunnain.

Tioraidh.

Cailean
Na tog mi gus an tuit mi.

Gast

Beitragvon Gast » Fr Mär 17, 2006 4:36 pm

"a Crunlauith... hehe chan e crunluath a th' annad, gur e?"
Seall air sin, cha chreid mi nach eil thu ceart. O, tha sin duilich, chan eil guth ri ràdh. :o
Feasgar math, a' Chailean, bha mi a'fuireach ann an Lunnain cuideachd, ach is fheàrr leam Bucks, tha dùthaich gu leor. Nuair a bha mi òg, bha mi a' dhol ann a' Ghearmailt. Tha Deutschland math fhèin, gun teagamh, ach ’S e na'hAlba as fheàrr leam.
;)

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Fr Mär 17, 2006 6:01 pm

A bheil Gearmailteach agad? Chan eil? Beagan? Ein Bier bitte? :P

Sleite
Beiträge: 1685
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Mär 19, 2006 7:03 pm

@ Eilidh
beagan ceartachaidh:

Gearmailteach = deutsch (Nationalität)
Gearmailtis = deutsch (Sprache)

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Gast

Beitragvon Gast » Mo Mär 20, 2006 2:23 pm

A bheil thu cinnteach? Ceart math tha, "gabh mo leisgul, chan eil a' Ghearmailtis agam". :)

Eilidh, tha mi a' smaointinn tha mi ag irraidh a sgrìobh anns a fóram a gáidhlig a-mháin a-nis.
Gu math theid leibh uile leis a’Ghaidhlig, mar sin leibh an-dràsta.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast