@ caileanasachaisteal

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Mär 19, 2006 9:16 pm

Nach innis thu rud beag mu do dheidhinn an-seo? Thuirt thu gu bheil thu a' fuireach ann an Nis... Nis ann an Leòdhas? Bha mi an-sin an seachdain 'sa chaidh! A bheil thu a' fuireach an-sin? An toigh leat e? Dè an obair a tha agad? An e Gàidhlig a' chiad chànan agad?
Ceistean, ceistean... tha fios agam. Tha mi duilich. Ach is toigh leam leughadh bho daoine ùra an-seo :) Agus tha deagh Ghàidhlig agad. Is math gu bheil thu ann!
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Di Mär 21, 2006 11:07 am

Sin thu Mona :) D'chord nis ribh? Co bad de Nis sa robh sibh? Dh'fhag mise Nis bho chionn linn cogadh na coin mar achanas sinn, ach bidh mi a' dol dhachaigh gu math tric. Bha mi sa Chaisteal , tha nisd a'fuireach faisg air Obar Eadhann - tha mi ag obair air na rigs. Bidh mi a' dol dhachaigh nuair a gheibh mi cothrom. 'Scaomh leam Runrig :) Heartland as fhearr leam, no Play Gaelic fius :) Cha chaomh leam an stuth ur ac' idir. :x 'Scaomh leam Iron Maidean agus BlackSabbath (na comhlain Gaidhealach :) tha eagal orm cuideachd. Chan eil Gearmailtais agam, ach tha cousin dhomh a tha gu math ainmeil ag obair na lecturer aig a' Chaisteil - tha i luib gnothaichean Gaidhlig - cha dean math dhomh ainmeachadh co i (eagal's gum bi i a' leughadh seo :) ) 'Scaomh leam Eireann cuideachd - Galway, tha mi air a bhith ann 5 tursan! Cha robh mi riamh sa Ghearmailt :( Tha mi airson a bhith nam fhear-naidheachd - a'sgriobhadh dha na paipearan ann an Gaidhlig!

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mär 21, 2006 12:12 pm

Fàilte chidheil ort, a Chailein!

Is roil leam Runrig cuideachd :D

Cha robh mise riamh ann an Alba fhathast. Bu chòir dhuinn a' tionndaidh (switch places, tauschen, ciamar a chànas mi sin?)
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Mär 27, 2006 9:43 am

A Chailein,
is math leughadh bhuaibh. Chòrd Nis gu mòr rium. Bha mi ann an Leòdhas roimhe, ach cha robh ann an Nis. Bha mi a' fuireach anns an osdail-oigridh ann an Gabhsann. Tha a' chladach cho brèagha an-sin, agus chithear sìos dhan Rubha, 'san oidhche chithear an taigh solais.
Cha robh mi ann ach airson deireadh-seachdaine fada. Chaidh mi dhan chruinneachadh leabhraichean aig Michael Robson agus bha sin dìreach sgoinneil, 's e daoine uabhasach laghach is inntinneach a th' ann an Michael is a bhean. Thachair mi ri daoine eile cuideachd is bha mi a' bruidhinn Gàidhlig an-siud 's an-seo. Fhuair mi lift 'sa chàr aig cuideigin agus thug e air feadh an àite mi.

Is toigh leam ceòl cuideachd. Ceòl traidiseanta is ceòl rock / metal cuideachd. Bidh mo chèile ag èisdeachd ri Iron Maiden gu tric. An cuala sibh mu "Mill a h-uile rud", còmhlann punk Gàidhlig?

Cha robh mi riamh ann an Èirinn, ged a thoisich mi Gàidhlig na h-Èirinn ionnsachadh aig an oilthigh.

Tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math is gun leugh sinn mòran bhuaibh an-seo! :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mi Apr 05, 2006 10:47 am

Hi a Chailein

'S mathaid gur e ceist ghorach a th'innt' ach a bheil thu eòlach air Seumas (Sìm/Jim) Dòmhnallach à Port Righ (tha e a' fuireach ann am Port Righ), agus tha mac aige le ciorram trom. Tha esan na engineer air na rigs.

Bidh mi a' dol a dh'Èireann ann an cola-deug; bidh fèis phan-ceilteach ann. Cha robh mi riamh ann an Èireann, tha mi a' coimhead air adhart ri sin gu mòr.

A bheil thu eòlach air Iain Fionnlagh MacLeòid à Nis? Tha e na 'writer in residence' aig a' Cholaiste a-nis.

Dùrachd
Ùna
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste