Latha math dhuibh uile!

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Gast

Beitragvon Gast » Mi Mai 10, 2006 2:25 am

'S mise Ceann-feachd. Tha mi air bith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn naoi neo deich mìosan. Chan eil mi fhathast 'nam fhileantach, ach tha mi a' dèanamh nas fheàrr is nas fheàrr fhad 's an téid an tìde.

Tha mi às na Staitean Aonaichte. Tha mi a' fuireach ann am Maine, a tha ann an Sassainn Ùr. Bu toigh leam a dhol a dh' Alba aon latha, nuair a bhios airgead gu leòr agam. Tha mi a' fuireach glé fhaisg air a' chuan. 'S urrainn dhomh a choiseachd thuige ann an còig mionaidean.

Tha beagan Gearmailtis agam, ach chan eil móran. Tha mi 'n dòchas gur urrainn dhuibh a thuigsinn na Gàidhlig agam.

Beannachd leibh!

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Mai 10, 2006 7:59 am

Tha beagan Gearmailtis agam, ach chan eil móran. Tha mi 'n dòchas gur urrainn dhuibh a thuigsinn na Gàidhlig agam.

Beannachd leibh!
<hr></blockquote></p>

Is urrainn,' s urrainn gun teagamh agus fàilte an-seo! Nach math a rinn thu ann an bhith ag ionnsachadh a' chànain cho math ann an 10 mìosan.
Mas math mo chuimhne chunnaic mi d' ainm air a' bhòrd-bhrath eadar-naiseanta.
Tha mi an dòchas gum bi am bòrd againn feumail dhut. Chì thu iomadach cuspair gràmair, dà-chànanach neo ann an Gàidhlig a-mhàin agus tha mi an dòchas gur toil leat iad. Gabh pàirt, sgrìobh thugainn agus fàsaidh am bòrd nas beòthail.
Tha mi a' dèanamh fiughair air deasbaidean inntinneach.

Bhon "Rhine" griananach do na Stàitean

leis gach deagh dhùrachd

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Ulli
Beiträge: 1114
Registriert: Fr Mai 07, 2004 9:21 pm
Wohnort: Hamburg

Beitragvon Ulli » Mi Mai 10, 2006 9:12 am

Fàilte an seo, tha mi toilichte d´fhaicinn an seo. Bha spòrs mhòr agam an-dè anns an t-seòmar còmhraidh agus tha mi ´n dòchas gun coinnich mi riut an sin gu tric. Tha Gàidhlig glè mhath agd an dèidh ùine cho goiride.

Le deagh dhùrachd
Ulli :)
Latein ist die große Schwester des Gälischen: Sie war damals mein erstes Baby und jetzt hilft sie mir, die Kleinen mit großzuziehen!

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Mai 10, 2006 6:14 pm

Fàilte, a Chinnfeachd!

Tha mi toilichte d'fhaicinn ann an-seo cuideachd :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: Google [Bot] und 1 Gast