Is math an-seo!

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
dluthachd
Beiträge: 2
Registriert: Fr Aug 18, 2006 7:30 pm
Wohnort: Dun Èideann

Beitragvon dluthachd » Fr Aug 18, 2006 8:23 pm

Hai, a charaidean,

Is mise Iain, agus chuala mi mu dheidhinn an fhòraim seo bho Mhicheal nuair a bha mi aig SMO 'san Iuchair. Bha duine eile no dhà bhon an fhòram seo thall an-siud cuideachd. 'Se fìor sheachdain sgoinneil a bh' ann.

Ged a rugadh mi anns a' Ghearmailt, chan e ach beagan droch Ghearmaltis a th' agam. (Tha mi duilich. :P )

Tha mi air leughadh na tha sibh air a bhith sgrìobhadh an-seo, agus tha e a' còrdadh rium gu mòr.


Hallo, leiber freunden

Bitte entschuldigen Sie mir mein schlechtes Deutsch.

Ich heisse Iain, und habe auf deisem forum gelernt auf Skye von Micheal, und es ist ja wirklich toll!


Dùrachdan an-drasta,

Iain.
<br>

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Aug 18, 2006 9:21 pm

Iain a charaid,
nach math a tha thu an seo a-nise. Tha mi toilichte gun còrd am bòrd-brath seo riut agus tha mi a' deànamh fiùghair ri leughadh bhuat ann a sheo cho tric' s a ghabhas. Thèid mi air saor-làitjean a-màireach airson trì seachdainean ach bidh mi air ais an seo an uair sin.

san eadar-àm
gach dùrachd is fàilte


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Aug 20, 2006 4:44 pm

Fàilte a Iain!

's math do choinneachadh :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » So Aug 20, 2006 5:49 pm

Fàilté chridheil an seo, Iain!

Tha sinn a' sgrìobhadh dà chànan anns a' bhòrd-bhrath an seo: Gàidhlig agus/ no Ghearmailtis.
Wir schreiben hier in diesem Forum zweisprachig: deutsch und/ oder gälisch.

Tha mi den bheachd gum bu chòir dhut a fheuchainn dà chànan.
Ich finde, du solltest es weiter zweisprachig versuchen.

Thòisich thu leis a' Ghàidhlig agus leis a' Ghearmailtis mar-tha.
Du hast schon mit gälisch und deutsch begonnen.

Bhiodh mi toilichte a leughadh mòran dhìot.
Ich würde mich freuen, mehr von Dir zu lesen.

Siuthad!
Mach weiter so!


Caitrìona

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » So Aug 20, 2006 5:51 pm

Tha mi duilich:


*Fàilte :D



Caitrìona

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Aug 21, 2006 7:31 am

Fàilte chridheil ort an-seo, Iain, is math leughadh bhuat.
Herzlich willkommen hier, Iain, es ist nett, von dir zu lesen.

Tha deagh Ghàidhlig agus Gearmailtis agad, mar sin cùm ort!
Du kannst gut Gälisch und Deutsch, also mach weiter so!

Bidh cothrom gu leòr agad an-seo an dà chànan a chleachdadh :)
Du wirst hier viel Gelegenheit haben, die beiden Sprachen zu benutzen.

Is dòcha gum bu toigh leat tuilleadh innse dhuinn mu do dheidhinn?
Vielleicht möchtest du uns noch ein bisschen mehr über dich erzählen?

:)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Mo Aug 21, 2006 2:14 pm

Fàilte chridheil ort bhuamsa.
Herzlich willkommen von mir.

'S toil leam Dùn Eideann fiù 's bidh an t-uisge ann nuair a bhios mi a' tadhal oirre.
Ich mag Embra, auch wenns immer regnet when ich sie (die Stadt) besuche.

dluthachd
Beiträge: 2
Registriert: Fr Aug 18, 2006 7:30 pm
Wohnort: Dun Èideann

Beitragvon dluthachd » Mo Aug 21, 2006 7:47 pm

Mòran taing dhuibh uile.
Vielen dank.

'Sann di-beathte a tha mi a' faireachdain an-seo mar-thà. :)
Mir is das Gefühl dass ich hier schon zu Hause bin.

Nì mi toileachadh ris an cothrom seo an dà chànan a cleachdadh. Agus rud math eile an-seo... nach fhaod mi Beurla a sgrìobhadh!
Ich werde gerne die Gelegenheit nehmen, die beiden Sprachen benutzen. Und, noch ein Vorteil... dass ich kein Englisch schrieben darf!

Ach, bhiodh beagan cuideachaidh leis a' Ghearmailtis glè fheumail dhomh. Saoil a bheil làrach-lìn ann, far a gheibh mi faclar Gearmailtis-Beurla? (neo Gearmailtis-Gàidhlig - uill.. co aig a tha fios? :D ) Rudeigin mar an Stòr-Dàta Gàidhlig (http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php).

Gibt es ein Wörterbuch auf einer Internetseite wie Stòr-Dàta Gàidhlig, aber für Deutsch-Englisch/Gaelisch, mir ein bisschen zu hilfen?

Eilidh, tha mi an dochas nach bi an t-uisge ann an ath thuras a bhios tu ann an Dun Èideann. :)
Ich hoffe dass das Wetter schön ist, bei deinem nächsten Fahrt nach Edinburgh, Eilidh.

Dùrachdan,

Iain.
<br>

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Aug 21, 2006 7:56 pm

Iain, gheibh thu faclair Gearmailtis/Beurla uabhasach math an-seo:

http://dict.leo.org/

Hier findest du ein sehr gutes Deutsch-Englisches Wörterbuch.

A bheil thu ag iarraidh beagan cheartachaidh air do chuid Ghearmailtis an-seo cuideachd?
Möchtest du, dass wir hier auch dein Deutsch ein bisschen korrigieren?

Is àbhaist dhuinn ceartachas a chuir do na daoine air an cuid Ghàidhlig, ma thogras iad.
Wir korrigieren hier normalerweise den Leuten ihr Gälisch, wenn jemand das möchte.

:)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Mo Aug 21, 2006 8:48 pm

Halò Iain,

bha mi ann an Dùn Èideann airson dà latha am bliadhna.
Ich war dieses Jahr zwei Tage in Edinburgh.

'S e baile brèagha agus inntinneach a th' ann an Dùn Èideann.
Edinburgh ist eine schöne und interessante Stadt.

Bha an tìde stoirmeil is fliuch ach bha i grianach cuideachd.
Das Wetter war stürmisch und nass, aber es war auch sonnig.

Is toil leam prìomh-bhaile agaibh.
Ich mag eure Hauptstadt. :)

Innis dhuinn mu do dheidhinn. Tha sinn huile duine rud-beag ceasnachail an-seo.

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Mo Aug 21, 2006 8:49 pm

Fortsetzung:

Erzähl uns ein bisschen über dich. Wir sind hier alle ein wenig neugierig.



Tìoraidh,

Caitrìona

Eilidh
Beiträge: 387
Registriert: Do Aug 11, 2005 3:30 am
Wohnort: Carolina a Tuath
Kontaktdaten:

Beitragvon Eilidh » Mo Aug 21, 2006 11:08 pm

rud beag? ein wenig?

:D

Chan eil, tha sinn ag iarraidh gu beil thu a' cur fhios againn mu d'aois, chloinne, obair, oilthigh, ...

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Aug 22, 2006 8:07 am

Chan eil, tha sinn ag iarraidh gu beil thu a' cur fhios againn mu d'aois, chloinne, obair, oilthigh, ...


Seoladh, dealbhan, teachd-a-steach.... :D

Tha mi ri fealla-dhà :P
Ich mach nur Spaß
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste