Halò a chairdean!

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
deardron
Beiträge: 3
Registriert: Do Okt 26, 2006 9:25 am
Wohnort: Moskau
Kontaktdaten:

Beitragvon deardron » Do Okt 26, 2006 7:02 pm

Is mise Andrei agus tha mi a' fuireach ann an Ruis. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuid de dhaoine anns a' fhòram seo eòlach orm oir tha mi a' sgrìobhadh gun Fhòram na Gàidhlig Cinnfeachd cuideachd. Tha ùidh mhath air cànanan Lochlannach (Tìleach is Faronach) orm agus tha beagan Gàidhlig agus Gearmailtis agam.

Ich heiße Andrei, ich wohne in Russland. Ich glaube daß mich einige von Teilnehmern dieses Forums schon kennen, denn ich schreibe auch zu Fòram na Gàidhlig. Ich interessiere mich für scandinavische Sprachen, besonders Isländisch und Färöisch und spreche dann etwas Gaelisch und Deutsch. Ich hoffe daß ich hier sie beide verbessere ;)

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Do Okt 26, 2006 8:13 pm

Halò Andrei,

fàilte chridheil an-seo!
Is mise Caitrìona às a' Ghearmailt. Tha mi a' fuireach ann am baile mòr. 'S e Essen an t-ainm a th' air. Uaireannan tha mi a' sgrìobhadh air an fhòram na Ghàidhlig cuideachd. Is toil leam cànanan cuideachd. Tha Beurla, beagan Frangais, beagan Eadailtis is beagan Polais agam agus a-nis tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig. :)
Bhithinn mi toilichte nuair a dh' fhaicas tu an-seo nas trice.

Le dùrachdan

Caitrìona

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Okt 26, 2006 8:32 pm

Halò Andrei!

's math d' fhaicinn ann an-seo cuideachd :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Mara
Beiträge: 28
Registriert: So Feb 05, 2006 12:53 am

Beitragvon Mara » Do Okt 26, 2006 10:52 pm

Fàilte an-seo a Andrei !


Le meas,

Mara

Ramona
Beiträge: 108
Registriert: Sa Jan 07, 2006 5:01 pm
Wohnort: Wolmirstedt, Sachsen-Anhalt

Beitragvon Ramona » Fr Okt 27, 2006 9:30 am

Madainn mhath Andrei,

fàilte chridheil bhuamsa cuideachd!

Deine Sprachkenntnisse klingen wirklich interessant. Ich liebe auch Sprachen über alles, wollte sicher jede schon einmal lernen, aber an einige verliert man dann einfach sein Herz - wie zum Beispiel ich an das Gälische! Leider fehlt mir nur immer die Zeit, mich eingehender damit zu beschäftigen...

In Russland wohnst Du, - wahnsinn - ich finde es super, wie das Gälische Leute aus vielen verschiedenen Ländern und Kulturen einander nahebringt!

Ich wünsche Dir viel Spaß im Forum!

Le deagh dhùrachd

Ramona

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Okt 27, 2006 9:40 am

Nach beag a tha an saoghal?! Fàilte an seo Andrej. Leugh mi gu bheil cuid anns an Rùis ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bhruidhinn mi fhìn ri tè à St. Petersburg a tha gu bhith fileanta.
Bhitheadh e math faighinn a-mach air cùisean Rùiseach an seo tro mheadhan na Gàidhlig gus am fàs am bòrd-brath againn nas inntinniche agus nas inntinniche.



leis gach dùrachd

Mìcheal Modarator
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Sa Nov 04, 2006 1:05 pm

Hi AndreJ

Failte dhan fhoram seo bhuamsa cuideachd - 's ann as a' Ghearmailt a tha mi, ach tha mi air a bhith a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach ann an Alba fad ceithear bliadhna 's gu leth. Fhuair mi obair ur direach da mhios air ais; tha mi ag obair mar nanny airson teaghlaich aig a bheil Gaildhlig ('s ann a Barraigh a tha na parantan) agus dithis bhalach beag. Tha sin a' cordadh rium glan.

Tha mi eilach air boireannach as an Ruis, Mairi; rinn i An Cursa Inntrigidh. An robh thusa aig Sabhal Mor Ostaig an-uiridh?

Willkommen zu diesem Forum auch von mir - ich bin in Deutschland geboren, lebe aber seit vier und halb Jahren in Skye in Schottland. Vor knapp zwei Monaten habe ich eine neue Arbeit angefangen, als Nanny fuer eine Gaelisch-sprechende Familie mit zwei kleinen Jungen (die Eltern sind von Barra). Es gefaellt mir super-gut.

Ich kenne eine Russin, die den Cursa Inntrigidh gemacht hat mit uns in Sabhal Mor Ostaig, Mairi. Warst du am College letztes Jahr?

Durachdan
Una
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

deardron
Beiträge: 3
Registriert: Do Okt 26, 2006 9:25 am
Wohnort: Moskau
Kontaktdaten:

Beitragvon deardron » Mi Nov 08, 2006 12:02 pm

Tapadh leibh, a h-uile duine!

Tha mi eilach air boireannach as an Ruis, Mairi; rinn i An Cursa Inntrigidh. An robh thusa aig Sabhal Mor Ostaig an-uiridh?

Tha mi eòlach air Mairi beagan cuideachd, ach a-mhàin tron eadarlìon. Agus bha mi gu bràth ann an Alba, an-uiridh no ùine eile ;)

Tha thu fortanach, a Una, a dh'fhuireach ann an Alba ann an sgìre far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn. Bu toil leam a dhol a dh'Alba mar fear-turais aon latha.

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Mi Nov 08, 2006 11:45 pm

O tha, tha mi fortanach a bhith a' fuireach anns an aite as fhearr san t-saoghal! Cha robh e furasta an toiseach ('s docha gum bu choir dhomh leabhar a sgriobhadh leis na rudan uile a thachair dhomhsa on rainig mi an t-Eilean) ach bha agus tha e an airidh air cumail dol. Tha e gu math eadar-dhealaichte ge-ta a thighinn an-seo air saor-laithean bho a bhith a' fuireach an-seo...

Durachdan
Una
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

Fiona
Beiträge: 10
Registriert: Do Nov 09, 2006 11:48 am
Kontaktdaten:

Beitragvon Fiona » Do Nov 09, 2006 5:06 pm

Halo a h-uile duine. S mise Fiona agus tha mi a fuireach ann an Alba - s a Ghaidhealtachd, faisg air Inbhir Nis. Tha mi toilichte a bhith ann a sheo a nis agus tha mi a coimhead air adhart son bruidhinn ruibh! :)
Duan Nollaig..........

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Do Nov 09, 2006 10:46 pm

Halò, a Fhiona!

Fàilte, agus am faod mi ràdh mòran taing airson a' chùill! Mairidh e gu dearbh!
Tha mi 'n dochas nach robh duilgheadasan agad leis na tuiltean?
Chunnaic mi dealbhan.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Nov 10, 2006 2:04 am

Halò a Fhiona agus fàilte! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

UnaMac
Beiträge: 567
Registriert: Mo Mär 07, 2005 6:38 pm
Wohnort: Isle of Skye

Beitragvon UnaMac » Sa Nov 11, 2006 1:56 am

Bha e gu math dona ann an Inbhir Pheotharain ('s docha nach deach a litricheadh gu ceart; tha mi ro leisg an-drasta airson faclair a thogail...). Bha sinne fortanach anns an Eilean, cha robh e cho dona ri sin ann an seo.

Tha an t-side gu math fiadhaich an-drasta, gun teagamh sam bith; fhuair sinn rabhadh ghaoithe airson a-maireach a-rithist.

Una Bild
Bhith beò beathail ged nach bitheadh tu beò ach leth-uair.

caoimhinn
Beiträge: 28
Registriert: Fr Nov 17, 2006 3:56 am
Wohnort: Sruighlea, Schottland

Beitragvon caoimhinn » Sa Nov 18, 2006 9:54 pm

Allo Una

An t-Eilean Sgitheanach an t-aite as fhearr san t-saoghal?
Aon dhe dh'aiteachan as boidhche leam co-dhiu. Gun teagamh bu thoigh leam a thadhail air nas trice, gu h-araidh aig an am seo den bhliadhna gun meanbh-chuileagan. Ach chuala mi bhon tele gun cuir e sneachd deireadh-sheachdain seo. Cum blath

Caoimhinn.
's beannaicht' ar sinnsearachd uasal


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast