Don ghille dhonn

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 11:13 pm

Tha gille ùr an lathair
deagh cheist cò às a tha e
a bheil e òg is àlainn
deagh Ghàidhlig a tha aige

:)
Fàilte an-seo.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:17 pm

Tha thu pòsda mu thràth, nach eil, a Mhona Bild

Chan urrainn dhomhsa dàin cho brèagha a sgrìobhadh na Mona,
fàilte bhuamsa cuideachd co-dhiù!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Feb 26, 2008 11:19 pm

Agus rannaigheachd Seann Ghàidhlig a th' ann 'san dàn sin cuideachd 8-)

Oh, agus tha aon duine gu leòr dhomh, tapadh leat.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 26, 2008 11:24 pm

:D agus deich litrichean eile air leth a tha am bathar bog seo ag iarraidh :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mi Feb 27, 2008 1:50 pm

A Mhona chòir,

thachair thu rium cheana - thall ann an Dùn Èideann, far am bi mi a' tilleadh air ceann-seachdainn an 8mh den Mhàrt airson dannsa bliadhnail is cruinneachadh mòr a' Chomainn Cheiltich. Is mise Acsail mac Horst mhic Eanruig mhic Thearlaich à Lollar ann an Hesse Uachdrach (no Hesse Mheadhonach, mar a theireadh cuid), à Srath Mòr àlainn na Logainne (is e seo 'Lahn' anns a' Ghàidhlig, a rèir 'Logana', is e sin sean-ainm Ceilteach na Lahn). Tha mi air deich bliadhna a chur seachad ann an Albainn a nise, am measg Gàidheal is Gall, agus tha mi an ceartuair a' fuireach ann an Obar Dheathain far an do thill mi às dèidh dhomh m' iar-cheum ann an Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Albann air Oilthigh Dhùn Èideann a chur gu crìoch. Innsidh mi tuilleadh mu chuspair mo thràchdas MPhil fhathast.

Ach is ann an Obar Dheathain a thòisich mo dhreuchd sgolaireil ann an saoghal na Gàidhlig o chionn deich bliadhna. Bha mi dìreach air tighinn o Èirinn, agus o Chúige Chonnachta (Conamara), far an robh mi a' foghlam Gaeilge na h-Èireann fad ceithir bhliadhna, rud a shoirbhich leam gu math. Mar a thachair, tha mi an diugh buileach na 's shiùbhlaiche ann an Gàidhlig na h-Albann, agus chan eil mo chuid Gaeilge cho siùbhlach is a b' àbhaist. Theireadh cuid Gàidheal Albannach gun robh buadh na Gaeilge fhathast ri chluinntinn nam chuid Gàidhlig, ge tà, ach chan eil an siud ach beachd. Seadh, àidh, dh' fhaoidte nach eil iad buileach ceàrr, ach is e adhbhar na cùise gun do roghnaich mi Gàidhlig Earra-Ghàidheal mar mo dhualchainnt fhèin 'sa Ghàidhlig, le beagan buadh Gàidhlig Uidhist is Bharraigh. Is ann ann an Earra-Ghàidheal a thòisich m' ùidh anns a' Ghàidhlig nuair a bha mi ach nam bhalachan beag, is mi nam chompanach do m' athair a bhitheadh ri sealgaireachd nam fèidh (is chan eil nàire orm sin aideachadh !). Bha Gàidhlig Mhuile ga bruidhinn le stalcairean ar càirdean ann an Sgìre Loch Buidhe ann an dùthaich Shliochd Mhurchaidh Ruaidh (Clann Gill-Eathain Locha Buidhe), agus bhithinn a' leughadh Schottische Volksmärchen le Hannah Aitken agus Ruth Michaelis-Jena an uairsin, leabhar clasaigeach nach faighear gu minig anns na bùithtean an diugh - mas fhìor. Àidh, agus bhithinn a' leughadh Stevenson cuideachd, gu h-àraidh a chuid sgeulachdan mu Dhàibhidh Bailephùir, Murt na h-Apainne, a charaid Ailean Breac Stiùbhairt agus a leannan Caitrìona. Is iad na leabhraichean a chur ùidh anns a' Ghàidhlig, ann an eachdraidh agus dualchas nan Gàidheal annam, agus ged nach e dìreach litreachas Gàidhlig a th' ann an leabhraichean Raibeirt Mhic Steaphain, bha iad soirbheachail neach òg eile a bhuannachadh do shaoghal agus cùis na Gàidhlig ann a bhith ga dhèanamh faighneach a thaobh na Gàidhlig...ach sin sgeul eile. Cha robh mi idir deònach gum fàsadh an teachdaireachd seo cho fada (agus mò 's fada ?). Aig deireadh an latha, feumaidh mi leantainn orm lem' chuid rannsachaidh...Agus co-dhiù, tha beagan fios oirbh uile mum dhèidhinn a nis.

Leis gach dùrachd chridheil,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Feb 28, 2008 10:58 am

Is toil leam Stephenson cuideachd. Cha do leugh mi Caitrìona fhathast co-dhiù, feumaidh mi leath-bhreac an leabhar lorg.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast