Seite 2 von 2

Hallo!

Verfasst: Mi Apr 19, 2017 1:14 am
von Isbeal
Dhathaich sinne uighean cuideachd nuair a bha mi òg, ann an Alba (agus nì clann charaidean seo san latha an-diugh fhathast) agus roilig sinn sios an cnoc iad. :D

Hallo!

Verfasst: Di Apr 25, 2017 10:50 am
von Naosg
Halò,

tha mi an dòchas gun robh Càisg shona agaibh, Isbeal agus Slèite! Is toil leamsa a bhith a' dathaich uighean cuideachd, nì mi sin a h-uile bliadhna còmhla ri mo mhàthair is mo sheanmhair. Cha robh fhios agam nach robh e cho cumanta ann an Alba.

Cha do rinn mi càil airson an oilthighe aig a' Chàisg agus tha mi glè thrang an-dràsta, ach tha mi 'n dòchas gum bi mi air ais a dh'aithgheàrr. Feumaidh mi falbh a-nis, ge-tà.

Naosg