Feasgar math o Chonnecticut

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Feasgar math o Chonnecticut

Beitragvon melinuxfool » Di Okt 07, 2008 11:23 pm

Halò. Ciamar a tha sibh uile?

Tha mi à Maine, ach an-dràsda tha mi a' fuireach ann an Connecticut oir tha mi nam oileanach ann an Oilthigh Connecticuit.

Tha mi air Gàidhlig a dh'ionnsachadh o chion trì no ceithir bliadhna, ach dh'fheum mi "saor-làithean" a ghabhail oir bha mi glè thrang le sgoil agus obair, mar sin, tha mi cinnteach nach bi mo Ghàidhlig cho math.

Chan eil ach beagan Gearmailtis agam, seo carson a thàinig mi an-seo. Oir tha Gearmailtis agaibh, agus tha Beurla agam, feumaidh sinn a bhruidhinn ar cànain cumanta (Gàidhlig) ri chèile, nach feum?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Okt 08, 2008 11:04 am

Feumaidh gu dearbh! Nach ann eadar-nàiseanta a th' anns a chànan seo! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Beitragvon melinuxfool » Mi Okt 08, 2008 9:53 pm

NoClockThing hat geschrieben:Feumaidh gu dearbh! Nach ann eadar-nàiseanta a th' anns a chànan seo! :D


'S ann gu dearbh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' Ghàidhlig beò ann an iomadh àiteachan fo'n ghrèin, nach eil? Seadh, tha i ann an Alba Nuadh, agus àiteachan eile ann an Canada, tha i anns na Stàitean Aonaichte cuideachd, agus Astràilia, agus a' Ghearmailt, agus gu cinnteach ann an Alba.

Tha i beò air feadh an t-saoghail.

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Okt 08, 2008 10:59 pm

melinuxfool hat geschrieben:
NoClockThing hat geschrieben:Feumaidh gu dearbh! Nach ann eadar-nàiseanta a th' anns a chànan seo! :D


'S ann gu dearbh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' Ghàidhlig beò ann an iomadh àiteachan fo'n ghrèin, nach eil? Seadh, tha i ann an Alba Nuadh, agus àiteachan eile ann an Canada, tha i anns na Stàitean Aonaichte cuideachd, agus Astràilia, agus a' Ghearmailt, agus gu cinnteach ann an Alba.

Tha i beò air feadh an t-saoghail.


'S toil leam an gleus inntinn a th' ort! :D
Cum ort!

Fàilte an seo - tha sinn eadar-nàiseanta gu dearbh, le buill à Ameiriga, à Alba, às an t-Sasainn, às a' Ghearmailt, às an Eilbheis (saolidh mi) ....

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Re: Feasgar math o Chonnecticut

Beitragvon mona nicleoid » Mi Okt 08, 2008 11:12 pm

Feasgar math, agus fàilte ort an-seo! :D Tha seo inntinneach, tha Gàidhlig beò air feadh an t-saoghail gu dearbh. Càit an robh thu ag ionnsachadh Gàidhlig? Aig an oilthigh? An robh thu ann an Alba a-riamh? Dè tha thu a' dèanamh aig an oilthigh?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Re: Feasgar math o Chonnecticut

Beitragvon melinuxfool » Do Okt 09, 2008 2:39 am

mona nicleoid hat geschrieben:Feasgar math, agus fàilte ort an-seo! :D Tha seo inntinneach, tha Gàidhlig beò air feadh an t-saoghail gu dearbh. Càit an robh thu ag ionnsachadh Gàidhlig? Aig an oilthigh? An robh thu ann an Alba a-riamh? Dè tha thu a' dèanamh aig an oilthigh?


Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig leis an leabhar "Colloquial Scottish Gaelic" agus air an eadar-lìon. Gu mì-fhòrtanach, chan eil clàs Gàidhlig aig Oilthigh Connecticuit. Tha mi an-seo airson ionnsachadh saidheans choimpiùtairean.

Cha robh mi a-riamh ann an Alba, ach bu toigh leam a dhol ann 'san àm ri teachd.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Okt 09, 2008 9:09 am

Cha mi an dòchas gun còrd an cùrsa riut ged nach eil Gàidhlig ann :D

Tha mi eòlach air tè às a Khasakhstan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus bhruidhinn mi rithe air Skype uair no dhà. Bha sin èibhinn!

Tha ball againn an-seo às a Ruis cuideachd saoilidh mi.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Okt 09, 2008 10:25 pm

Co-dhiù, tha do chuid Gàidhlig glè mhath, melinuxfool :) Am bi thu a' bruidhinn ri daoine air an eadar-lìon, no dìreach ag ionnsachadh leat fhèin?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Beitragvon melinuxfool » Fr Okt 10, 2008 5:05 pm

mona nicleoid hat geschrieben:Co-dhiù, tha do chuid Gàidhlig glè mhath, melinuxfool :) Am bi thu a' bruidhinn ri daoine air an eadar-lìon, no dìreach ag ionnsachadh leat fhèin?


Bidh mi ag ionnsachadh nam aonar, ach tha mòran làraich air an eadar-lìon far am faodar taic a dh'fhaighinn. Tha mi air ionnsachadh mòran bho taic.btinternet.co.uk agus làraich eile mar sin.

Is math a bhruidhinn Gàidhlig leibh air làraich Ghearmailtich, mar a thuirt mi na bu thraithe. Chan eil dòigh leis am faod sinn bruidhinn ri chèile ach anns a' Ghàidhlig. :)

godo
Beiträge: 33
Registriert: Fr Nov 09, 2007 10:50 pm

Beitragvon godo » Fr Okt 10, 2008 11:45 pm

dè an distro de linux a th' agad?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Okt 11, 2008 2:31 pm

Fear gòrach gun teagamh :P
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Okt 12, 2008 10:52 pm

Fàilte bhuamsa cuideachd. Bha mi air falbh an Alba aig Sabhal Mòr Ostaig.
`S ann glè cheart a tha thu. `S e lingua franca a tha anns a' Ghàidhlig dhuinn air feadh an t-saoghail.
Ge`r bith far a bheil sinn a' fuireach - bidh sinn a' conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig.


le meas


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

melinuxfool
Beiträge: 7
Registriert: Di Okt 07, 2008 10:21 pm

Beitragvon melinuxfool » Mo Okt 13, 2008 11:23 pm

godo hat geschrieben:dè an distro de linux a th' agad?

Bidh mi a chleachdadh iomadh distrothan... ach is fheàrr leam Debian is Ubuntu.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Okt 13, 2008 11:40 pm

Mhoire! Dè th' ann an?
Himmel! Was ist das?


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Okt 14, 2008 9:33 am

Nach eil thu eòlach air Linux, a Mhìcheil? Ach tha "Ubhal" no "Mac-an-Toiseach" agad co-dhiù, nach eil... agus tha sìostam eadar-dhealaichte ann.

Kennst du Linux nicht, Michael? Aber du hast ja sowieso einen Apfelrechner (Mac), nicht wahr... der hat ein anderes Betriebssytem.


Bidh mòran daoine a' cleachdadh Linux, o chionn 's nach toigh leotha Micro$oft.

Viele Leute benutzen Linux, weil sie den Microschrott nicht mögen.

Ach chan eil dìreach aon Linux ann, 's e iomairt "open source" a th' ann agus bidh daoine a' leasachadh sìostaman ùra agus prògraman ùra fad na h-ùine (chan eil mi cho math air seo a mhìneachadh sa Ghàidhlig).

Aber es gibt nicht nur "das" Linux, es ist nämlich ein "open source"-Projekt, und die Leute entwickeln ständig neue Versionen (na ja, auf Deutsch kann ich es auch nicht besser erklären als auf Gälisch... sicher kann das jemand von den "Experten" besser ;)).

Cuspair inntinneach gun teagamh. Is dòcha gun dèan sinn cuspair ùr an-seo, dè na coimpiutairean is sìostaman a bhitheas sinn a' cleachdadh agus dè tha math is dona mun deidhinn?

Auf jeden Fall ein interessantes Thema. Vielleicht machen wir einfach ein neues Thema dazu hier auf, welche Computer und Betriebssysteme wir benutzen und was daran gut und schlecht ist?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast