Halò

Innis dhuinn cò thusa - - Hier stellen sich Forumisti vor
Benutzeravatar
ruighean
Beiträge: 5
Registriert: Sa Mai 10, 2008 1:48 pm
Wohnort: Sabhal Mòr Ostaig, Alba
Kontaktdaten:

Halò

Beitragvon ruighean » Sa Mai 10, 2008 2:49 pm

Halò. Is mise Crìstean MacMhìcheil. Tha mi fichead 's a h-aon bliadhna a dh'aois agus 's ann à Inbhir Pheofharain a tha mi. Tha mi nam oileanach a' dèanamh Ceum BA ann an Gàidhlig 's Iomall a' Chuain Siar.

Ich heiße Crìstean MacMhìcheil. Ich bin einundzwanzig Jahre alt und ich komme ursprünglich aus Inbhir Pheofharain. Ich bin Student und studie Gälisch und Nordatlantik Studien an Sabhal Mòr Ostaig.
Tha mi nam bhall ann an Abair Thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal.

Naidheachdan Pinc - Naidheachdan LGBT anns a' Ghàidhlig

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Mai 10, 2008 6:03 pm

Fàilte dhan bhòrd-bhrath againn. Tha mi an dòchas gun còrd e riut.

Mìcheal

PS: Naidheachdan Pinc: Is math a rinn thu, tha saoghal na Gàidhlig feumach air beagan pinc :-))
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 996
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Sa Mai 10, 2008 7:00 pm

Fàilte bhuamsa cuideachd! :D

Tha mise à Inbhir Gòrdain - 's e naibaidhean a th' annainn, cha mhòr! 8)

Rinn thu math le Abair Thusa. Làrach-lìn inntinneach agus feumail.

Tha Gearmailtis mhath agad - càite an do dh'ionnsaich thu i? Anns an Acadamaidh Inbhir Pheofhairein?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Sa Mai 10, 2008 9:48 pm

Fàilte chridheil ort, a Chrìstein! 'S math d' fhaicinn ann an-seo cuideachd 's deagh Ghearmailtis a th' agad! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Benutzeravatar
ruighean
Beiträge: 5
Registriert: Sa Mai 10, 2008 1:48 pm
Wohnort: Sabhal Mòr Ostaig, Alba
Kontaktdaten:

Beitragvon ruighean » Sa Mai 10, 2008 10:46 pm

Taing mhòr airson fàilte a chur orm agus airson ur barailean mun làraichean-lìn agam.

Leis an fhìrinn innse chan eil Gearmailtis agam. 'S urrainn dhomh beagan sgrìobhadh ach sin e. Tha mi an dòchas nach robh cus mearachdan ann.

Haidh Isbeal. Tha e math a bhith a' faicinn cuideigin eile à Siorrachd Ròis. Tha cuid dhe mo chàirdean a' fuireach ann an Inbhir Ghòrdain. Cha d'rinn mi Gearmailtis aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, rinn mi Gàidhlig.
Tha mi nam bhall ann an Abair Thusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal.



Naidheachdan Pinc - Naidheachdan LGBT anns a' Ghàidhlig

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » So Mai 11, 2008 7:49 am

ruighean hat geschrieben:Tha mi an dòchas nach robh cus mearachdan ann.

Cha robh ach dà mhearachd beag ann 's theab nach faca mi iad.. studiere 's am Sabhal Mòr Ostaig no in der großen Scheune :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Cò mise? . . . Wer bin ich?“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast