Anns a' bhùth

Hier kann und soll man sein Gelerntes ausprobieren!!!
Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Beitragvon Seasaidh » Mo Okt 25, 2004 10:50 pm

Thachair rudeigin nuair a bha mi ann am buth 'sa mhadainn:
Etwas passierte, als ich am Morgen in einem Geschäft war:

Chaidh mi dhan bhùth an-diugh. Bha mi ag iarraidh rudeigin airson bracaist a cheannach. Cheannaich mi aran, ìm, iogart le gall-chnothan agus bainne-seoclaid. Nuair a bha mi nam sheasamh aig a’ (Kasse???) airson pàigheadh, ruith fear àrd agus caol a dh’ ionnsaigh an dorais. Bha falt goirid, liath air. Dh’ fheuch e ri rudeigin a ghoid. Ach bha fear-dìon a sheasamh aig an doras. Rug e am mèirleach. Dh’fheuch am mèirleach ri teicheadh, ach bha am fear-dìon a’ cumail greim air an t-seacaid aige. Bhuail iad an doras, agus bhris iad e. Gu fortanach, cha robh duine sam bith air a ghoirteachadh.

gall-chnò - Walnuss
goid, goid - klauen
luchd-dìon - Sicherheitspersonal
mèirleach - Dieb
teich, teicheadh - fliehen
cùm greim air - festhalten
goirtich, goirteachadh - verletzen

An do thachair rud mar sin nuair a bha sibh ann am bùth?
Ist sowas passiert, als ihr in einem Geschäft ward?
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Gast

Beitragvon Gast » Do Okt 28, 2004 2:16 pm

Chan urrainn dhut bràcaist a dhèanamh gun uinneagan a bristeadh?
Uil omlette co-dhiù. :)

Gràisg

Gast

Beitragvon Gast » Do Okt 28, 2004 11:50 pm

Ruith duine a mach as a' bhùth a'Phoilis

1975 anns an t-samhradh, b' àbhaist a bhith cùrsa 125, RAPC, a dhol sìos dhan Winchester gach oidhche Disathairne. Chiad sinn ann air a'bhus den campa. Bhiodh sinn a'gabhail deoch no dha mun cuairt Whinchester 's a lorg na nighean ach mar as trice bhitheamaid a' tilleadh le chan eil ann ach (mar a'sheinn na Saw Doctors) 'a big bag of chips and a burger to go!'
Bhiodh na ùghdarras glè ghlic, dh'fheitheadh sinn taobh a muigh steisen a' phoilis (no cop-shop mar a chanas iad) airson a bhus.
Aon turus bha deoch mhòr oirnn 's bha Choinnich air a' bhalla an impis a' dol na chadal. Ruith duine troimh nar measg 's chuala sinn guth ag èigheach a-mach. 'Cuir stad air!'
Cha robh sinn a'tuigsinn de a'thachair ach thoisich mise 's saighdear eile a ruith cuideachd. Ruith an duine gu math luath 's bha sinn goirid air a chùlaibh ach dh'fhas an astar eadar sinn-fhèin 's esan. Gu mi-fhortanach airson an duine thuit e air an cabhsair. Bha fear air an làr 's dithis saighdear fo deoch mhòr nan seasamh - dè an nis? Thàinig fear-poileis, cha robh e cho math air a chasan smuain mi 's thuirt e.
'Tapadh leibh,' thuirt e, rinn sibh math, an robh 'rugby tackle' a bh'ann?'
Chaidh sinn air ais dhan bhus, cha robh fios aig Choinnich de a thachairt 's cha robh sinn buileach cinnteach co-dhiù!
La na Sabaid 's bha Coinnich a lorg a màileid-pòca 's cha robh e ann idir. Bha beagan airgead ann ach an rud as miosa, chiall e a 'ID card', bhiodh trioblaid no dha ann air sgàth sin. Thàinig naidheachd gu Choinnich gun robh an 'OC' ga h-iarraidh an àth mhatinn anns an oifis. Bha dragh air a-nis, 's dòcha bhiodh e ann an greim a maireach?
Thàinig an àm 's chaidh e dhan oifis 's bha Major Mumford ann an deagh shunnd. 'Bu toigh leam a cuir meall-an-naidheachd ort Mac an t-Saor airson a h-uile rud a rinn thu oidhche Disathairne. Tha am poileis glè thoilichte leat-sa. Tha thu a nochdadh don campa 's a'choimhearsnach air fad de seòrsa duine a th'annad. Thèid a h-uile càil sìos a staigh do fiobhla. Seo do mhàilead-phòcha a chaill thu nuair a rinn thu an 'Citizen's Arrest.'

Uaireannan bhruinneadh e beagan mu dheidhinn na Eileanan an Iar 's an dòigh bheatha san àite; ciamar a bha a'chultair eadar-dealechte 's de cho breagha's a bha a h-uile càil ach cha robh mòran cothroman th'ann airson n'òigridh.
Thachair mi air Choinnich a rithist os cionn 6 bliadhna 's bha e ann an deagh shunnd. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na seann-làithean ann an taigh seinnse Loch Boisdale.

Gràisg


Zurück zu „Halb Gälisch, Halb Deutsch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast