Coinneamh ann am Berlin/Treffen in Berlin

Hier kann und soll man sein Gelerntes ausprobieren!!!
Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Beitragvon Seasaidh » Do Mär 10, 2005 5:31 pm

Choinnich Denise, Lisa agus mi fhèin ann an taigh-seinnse Eireannach ann am Berlin a-raoir. Nuair a ràinig mi mu leth-uair an dèidh seachd, bha Lisa na suidhe aig a' bhòrd againn mar-thà. Bha an taigh-seinnse gu math sàmhach an tòiseach. Ach bha ball-coise ann air an telebhisean beagan nas anmoiche - agus dh'fhàs am fuaim nas àirde. Bha an taigh-seinnse làn daoine aig an àm. Ach b' urrainn dhuinn bruidhinn ri chèile co-dhiù. Uill, cha robh sinn a' bruidhinn mòran anns a' Ghàidhlig - ach bhruidhinn sinn mòran mu dheidhinn Alba, Gàidhlig agus cànanan eile. Thug sinn sùil air na leabhraichean Gàidhlig a bha Lisa agus mise air breith leinn. Bha duine eile na shuidhe aig a' bhòrd againn cuideachd a bha airson ball-coise a choimhead. Ach thòisich e bruidhinn rinn nuair a chunnaic e na leabhraichean againn. 'S e Èireannach a bh' ann agus chuir e iongnadh air gu bheil sinn ag ionnsachadh Gàidhlig. Dh'innis e dhuinn gun robh aige ri Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh aig an sgoil.

Bha spòrs mòr againn a-raoir agus bu mhath leinn coinneachadh a-rithist ann an Halle sa' Chèitean (dè mu dheidhinn Disathairne, 21.05.?). Thuirt Lisa gu bheil taigh-seinnse Albannach snog ann ann an Halle. 'S dòcha gum bi barrachd daoine ann an ath thuras...



Denise, Lisa und ich trafen uns gestern abend in einem Irischen Pub in Berlin. Als ich ca. halb acht ankam saß Lisa schon an unserem Tisch. Der Pub war am Anfang relativ ruhig. Aber ein wenig später gab es Fußball im Fernsehen und es wurde lauter. Zu dieser Zeit war der Pub voll mit Leuten. Wir konnten uns trotzdem unterhalten. Wir haben nicht viel Gälisch geredet, aber wir sprachen viel über Schottland, Gälisch und andere Sprachen. Wir sahen uns Bücher an, die Lisa und ich mitgebracht hatten. Es saß noch ein anderer Mann an unserem Tisch, der Fußball sehen wollte. Aber er begann mit uns zu reden als er unsere Bücher sah. Er war Ire und es überraschte ihn, dass wir Gälisch lernen. Er erzählte uns, dass er in der Schule Irisch lernen musste.

Wir hatten gestern abend viel Spaß und würden uns gerne im Mai in Halle wieder treffen (wie wär's mit Samstag, 21.05.?). Lisa sagte, dass es in Halle einen netten Schottischen Pub gibt. Vielleicht sind beim nächsten Mal mehr Leute da...


Jessica
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Beitragvon Seasaidh » Mo Mai 30, 2005 6:25 pm

Coinneamh ann an Halle

Bha coinneamh ann ann an Halle Disathairne. Mar sin chaidh Denise agus mi fhìn a Halle anns a' chàr aig Denise feasgar Disathairne. Bha e uabhasach teth! Choinnich sinn ri Lisa faisg air Halle agus threòraich i sinn gu taigh-seinnse albannach. 'S e taigh-seinnse beag, snog agus socair a bh' ann. Chòrd e rium gu mòr. Shuidh sinn sios ann an oisean air leth sàmhach. Bha am pathadh orm agus bha mi ag iarraidh deoch. Cha robh mi a' faireachdainn cho math leis an teas agus mar sin cha do ghabh mi deoch làidir idir. Bha mi ag òl sùgh-ubhal le uisge (Apfelschorle) fad na h-oidhche.
'B e "Dè rinn thu a' Chaingis?" cuspair na coinneimh agus dh'fheuch sinn ri bruidhinn mu dheidhinn na Chaingis againn anns a' Ghàidhlig. Chuidich sinn a chèile leis a' Ghàilig agus sgrìobh sinn sios na bha sinn ag innse. Bidh sinn a' cur na teacsaichean air a' bhòrd.
Cha robh sinn a' bruidhinn Gàidhlig fad na h-ùine, ach bhruidhinn sinn beagan Gàidhlig co-dhiù. Tha mi glè thoilichte.
Cha robh ach triùir ann a-rithist, ach bha spòrs mòr againn dha-rìribh. Bidh sinn a' coinneachadh a-rithist ann am Berlin san Iuchair.

Am Samstag gab es ein Treffen in Halle. Also fuhren Denise und ich Samstag Abend mit Denise Auto nach Halle. Es war schrecklich heiß! Wir trafen Lisa nahe Halle und die führte uns zu einer schottischen Kneipe. Es war eine kleine, nette und gemütliche Kneipe. Sie gefiel mir sehr. Wir setzten uns in einer besonders ruhigen Ecke. Ich hatte Durst und wollte ein Getränk. Ich fühlte mich wegen der Hitze nicht so gut, und deshalb nahm ich gar kein alkoholisches Getränk. Ich habe den ganzen Abend Apfelschorle getrunken.
Das Thema des Treffens war "Was hast du Pfingsten gemacht?" und wir versuchten auf Gälisch über unser Pfingsten zu reden. Wir halfen uns gegenseitig mit dem Gälischen und schrieben auf, was wir sagten. Wir werden die Texte ins Forum stellen.
Wir sprachen nicht die ganze Zeit Gälisch, aber ein wenig Gälisch haben wir immerhin geredet. Ich bin sehr zufrieden.
Es waren wieder nur drei Leute da, aber wir hatten wirklich viel Spaß. Wir werden uns im Juli wieder in Berlin treffen.


Jessica
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com


Zurück zu „Halb Gälisch, Halb Deutsch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast