Seite 1 von 1

Cupa na Cruinne - buaidh!!!!

Verfasst: Mo Jul 14, 2014 1:19 am
von Isbeal
Mealaibh ur naidheachd, a Ghearmailt! :moladh:

Glückwünsche, Deutschland!

Re: Cupa na Cruinne - buaidh!!!!

Verfasst: Di Jul 15, 2014 3:13 pm
von Sleite
Feumaidh nach eil mòran an seo aig a bheil ùidh ann am ball-coise. Chan eil ùidh agamsa ann, ach feumaidh mi ràdh gun do choimhead mi air an dàrna leth den gheama Dimàirt, agus bha dùil agam coimhead air a' gheama mu dheireadh. Ach gu mì-fhortanach (no fortanach!) bha mi ann am Muile, agus nuair a chaidh mi dhan taigh-sheinnse airson dìnneir is ball-coise, bha an cidsin dùinte. Uill, bha an t-acras na bu mhotha na an ùidh ann am ball-coise, agus chaidh mi air ais "dhachaigh" agus rinn mi dìnnear.

Slèite

Re: Cupa na Cruinne - buaidh!!!!

Verfasst: Di Jul 15, 2014 11:01 pm
von Micheal
Chunnaic mise an Dùn Èideann e ann an taigh-òsda. Agus fhuair mi pinnt saor agus an asgaidh nuair a bha e soilleir gun do bhuannaich na Gearmailtich :D