Seite 1 von 1

Molaidhean ciùil / Musikempfehlungen

Verfasst: Mi Mär 20, 2013 2:45 am
von Isbeal
Cha do rinn sinn seo fad greis mhòir. Carson nach tòisich sinn a-rithist e?

Seo rudeigin bhuamsa mar thoiseach tòiseachaidh - clàr gu math ùr le Mary Jane Lamond (seinn) agus Wendy MacIsaac (fidheall) à Ceap Breatainn ann an Alba Nuadh: Seinn!

Fiosrachadh: http://maryjaneandwendy.com/

agus eisimpleir ciùil: http://www.youtube.com/watch?v=24_W4lkc ... 72990AB7CC

Agus Mary Jane na h-aonar: http://youtu.be/g7eZ_2GqDpU

Tha i ainmeil airson a' mheasgachaidh de dh'òrain traidiseanta agus stoidhle ionnsramaideach ùr a bhios i a' gabhail.

************************

Wir haben dies seit langem nicht mehr gemacht. Warum fangen wir nicht wieder damit an?
Hier ist etwas von mir als Anfang - eine ziemliche neue Aufnahme von Mary Jane Lamond (Gesang) und Wendy MacIsaac (Fiedel) aus Cape Breton, Nova Scotia.
(Info
Beispiel der Musik
Mary Jane allein)
Sie ist bekannt für ihre Mischung von traditionellen Liedern und ihren modernen Instrumental-Stil.

Re: Molaidhean ciùil / Musikempfehlungen

Verfasst: Do Mär 21, 2013 3:45 am
von Steffi1
Abair iongnadh, a Isbeal !
Was für eine Überraschung, Isbeal !

Dh'eist mi ris na h-òrain seo an-raoir agus feumaidh mi aideachadh gu bheil an dithis aca air leth math.
Ich habe mir die Lieder gestern abend angehört und ich muss zugeben, dass die Beiden besonders gut sind.

Cha robh mi eòlach air a´cheòl gu ruige seo agus chòrd e glan rium.
Ich kannte die Musik bis heute nicht und sie hat mir sehr gut gefallen.

Cheannaich mi òran no dhà air iTunes sa bhad agus tha mi dìreach ag èisteachd ris fear dhiubh
Ich habe mir sofort ein oder zwei Lieder auf iTunes gekauft und höre gerade einem von ihnen zu.

´S e Òran a´mhèirlich an t-ainm a th´air an òran as toil leamsa gu mòr e.
Das „Lied des Diebes“ ist das Lied was mir sehr gefällt.

Mholainn na boireannaich gu dearbh cuideachd. Tapadh leat a-rithist.
Ich würde die Frauen wirklich auch empfehlen. Danke nochmal.

An toil leibh an t-òran seo ? :P
Gefällt Euch dieses Lied ?

http://www.youtube.com/watch?v=ozNtmERY ... ture=share

Re: Molaidhean ciùil / Musikempfehlungen

Verfasst: Fr Mär 22, 2013 2:04 pm
von NoClockThing
Lorg mi clàr air Mary Jane ann am bùth sa Ghearmailt uair. 'S e seinneadair math a th' innte!
I habe mal eine Scheibe von MJ in einem Laden in Deutschland gefunden. Sie ist eine gute Sängerin

Chan eil ThuTiùb a' co-obrachadh an-dràsta. :(
YouTube kooperiert gerade nicht

Re: Molaidhean ciùil / Musikempfehlungen

Verfasst: So Sep 08, 2013 4:09 pm
von Isbeal
Rudeigin gu math freagarrach do Là na Sàbaid dhuibh:

Gaelic psalms at Back Free Church, Isle Of Lewis- 20/21/oct/2003 : http://www.youtube.com/watch?v=k3MzZgPBL3Q

Chan eil dad sam bi coltach ri sin nam bheachdsa. Drùidhteach fhèin, mar ghluasad a' chuain.


Etwas passendes zu einem Sonntag für euch. Ich finde, es gibt überhaupt nichts ähnliches. Abslut spannend, wie die Bewegung des Ozeans.