tha x na dheagh eisimpleir

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Gast

Beitragvon Gast » Di Jul 13, 2004 9:51 am

A chàirdean,

chan urrain dhomh an abairt seo a a' tuigsinn:
"tha ... na dheagh eisimpleir"
an àite:
"tha ... eisimpleir deagh".

Carson a bheil "na dheagh" air a chleachdadh?

Amhlaoibh

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Do Jul 15, 2004 12:31 am

A bheil 'Teach Yourself Gaelic' agad Amhlaoibh? Ma tha an leabhar seo agad seall air duilleag 221 (Nam, nad, na..(in my, in yours, in its usw)
Vielen Gluck
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Gast

Beitragvon Gast » Do Jul 15, 2004 10:21 am

Chan eil TYG agam ach chuir mi sùil ar "Taic". Abair e:
na - in his
Tha sèimheachadh leis an treas pearsa singilte, agus mar sin:
"tha ... na dheagh eisimpleir" =(lit.) "... is in his good example"
.i. "... is a good example"
An e sin ceart?

Seo an làn abairt (leugh mi e ann "Fàilte": http://www.smo.uhi.ac.uk/cnag/failte/gd/f2g.html)
"Tha làrach Dùn Ad faisg air Ceann Loch Gilb na dheagh eisimpleir..."


Amhlaoibh

Gast

Beitragvon Gast » Do Jul 15, 2004 1:14 pm

Seadh, Amhlaoibh. Rinn thusa math :)
An robh thu riamh aig Dun Ad? Abair àite! Mhollainn gu dearbh ma bhios cothrm agad. Tioraidh
Des

Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 16, 2004 10:12 am

Cha robh.
Ach bithidh mi thall an Lùnasdal :)
Cò thusa, a Dhes? An dìochuimhnich thu an "login" no a bheil thu às ùr ann am bòrd-brath seo?

Amhlaoibh

Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 16, 2004 12:50 pm

Hei, Amhlaoibh!


na - in his
"tha ... na dheagh eisimpleir" =(lit.) "... is in his good example"
.i. "... is a good example"
An e sin ceart?

Tha, tha sin ceart - agus mar a thuirt Des (duine dìomhair. TMS gur e "Merlin" a th'ann an t-ainm eile aige :) ), tha mòran àite eile anns a' Ghàidhlig far an deach "an" a chleachdadh mar sin. M.e. chan urrainn dhomh ràdh "tha mi fear mòr" : 's fheudar dhomh ràdh "tha mi 'nam fhear mòr" (neo "'s e fear mòr a th'annam").

Thachair rudeigin coltach anns a'Chuimris cuideachd, ach tha e nas leithne ann -

tha mi 'nam fhear mòr - rydw i YN ('n) ddyn mawr
tha x 'na dheagh eisimpleir - mae x YN enghraifft dda

ach cuideachd

tha mi mòr - rydw i YN ('n) fawr
tha'n eisimpleir math - mae'r enghraifft YN dda.

Chan eil an roimh-bhriathar "yn" a'gabhail na faclan ?seilbhich (possessive) 'sa Chuimris ge-ta - chan eil iad ag ràdh "rydw i'n FY nyn mawr", "mae x yn EI enghraifft dda" idir.

:D

Ceud.

Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 16, 2004 1:09 pm

S' àbhaist a bhith nam ghràisg Amhlaoibh :)
Des

Gast

Beitragvon Gast » Fr Jul 16, 2004 2:29 pm

Tapadh leibh, a Cheud, a Dhes/Ghraisg!

An faodaidh a ràdh mar sin gu cleachdar "tha mi nam fhear mòr" nuair nach bhidh an alt ann agus "sin e am fear mòr" nuair a bhidh an alt ann?

na dheagh eisimpleir -- na fhear mòr

Tuigeann mi anois ce b'e an cheist a bha agam: Feumar am facal "deagh" a bhidh 'na shuidhe roibh an ainmear an àite an dèidh an ainmear! Is facal sònraichte "deagh"!

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Sa Jul 17, 2004 2:08 am

Tmd Chan fhaca mi trioblaidh ach chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt (100%) Amhlaoibh
'tha mi nam fhear mòr- 'sin e am fear mòr'

Beachd eile aig duine sam bith?
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?

Reul Chearbach Air Chuairt

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



Agus blog ri fhaicinn aig:

http://inbhirnarann.blogspot.com/

Gast

Beitragvon Gast » So Jul 18, 2004 10:45 pm

An faodaidh a ràdh mar sin gu cleachdar "tha mi nam fhear mòr" nuair nach bhidh an alt ann agus "sin e am fear mòr" nuair a bhidh an alt ann?


Tha mi a'smaoineachadh gum bheil thu ceart a ràdh gun cleachdar "tha mi 'nam fhear mòr" nuair nach bi an t-alt ann.

Nuair a tha an t-alt ann - hmmm! Bhiodh sin anns na h-abairtean sònraichte Gàidhlig sin far nach biodh a'Bheurla a'cleachdadh an t-alt, saoilidh mi - mar "isn't he a (the) big man"? Chan eil "sin e am fear mòr" a'coimhead ceart airson sin 'nam bheachd-sa. 'S dòcha gum biodh "nach e am fear mòr?" neo "nach esan a tha am fear mòr?" ceart ach chan eil mi cinnteach. 'S dòcha gum b'fheudar dhuinn ràdh, "Nach e am fear mòr a th'ann?"

A-mach air a sin, chan eil e furasda dhomh fhaicinn eisimplearan de "he is the man" &c ... ach ma bhios "relative clause" ann ... m.e. "he is the man who sang the song". TMS gur e rudeigin mar "'S e (seo/sin) an duine a sheinn an t-òran" a bhiodh ceart anns a'chùis sin.

Cuspair air leth doirbh! 'S dòcha gum bi beachdan nas fheàrr air aig daoine eile.

Ceud.


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast