Subjunctive ann an Gàidhlig, a bheil a leithid ann

Grammatikfragen zum Gälischen - hier bist du richtig
Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 22, 2004 7:53 pm

A bheil a leithid de subjunctive ann ann an Gàidhlig? Gu dearbh, cha do chuala guth sam bith mu dheidhinn anns na leabhraichean 's làrach-linn do luchd-ionnsachaidh. Ach saoilich mi nach sin a'ciallachadh gur e a leithid ann.

Anns a'Bhioball Gàidhlig, bith mi a'faicinn rudan mar: beannaichte gu robh Dia. Agus air an latha èile bha mi a'sgrìobhadh mu duine a'bhaile agam a tha a'dol gu Irak airson ùine mhòr. Agus smaoinich mi gu b'urrainn dhomh rudan mar: 'Sàbhailte gu till iad air ais' a sgrìobhadh aig an deireag.

Agus tha cèist neo dhà agam mu dheidhinn sin. Anns a'chiad a'dol a-mach, a bheil fìor subjunctive ann ann an abairt 'beannaichte gu robh Dia'. Tha am facal 'robh' cleachdte air dòigh gu tur eadar-dhealaichte bhon mar a tha e nas trice. Chan eil e ann an tràth caichte (sp?, past tense). Nas motha, chan eil an rud air tachairt. S dòcha nach tachairtidh e idir. S e dùil gu thachaireas a th'ann. Air sgath sin, nach eil an abairt sin ann an subjuctive?

Ma bhios sin ceàrt, ciamar a dh'obras subjuctive ann an Gàidhlig? A bheil 'Sàbhailte gu thill iad air ais" ceart?

Chuck

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Sep 24, 2004 12:53 pm

hallo chuck,
hmm, cha tuirt duine sam bith eile rudeigin an-seo, mar sin, feuchaidh mi...
chan eil mi gu tur cinnteach dè tha thu a' ciallachadh le subjunctive. an e rud eadar-dhealaichte bho conditional a th' ann?
anns a' ghearmailtis bidh sinn a' cleachdadh an fhacail konjunktiv airson rudan mar sin, tha mi a' smaoineachadh, ach 's dòcha gu bheil na faclan sin uile beagan troimhe-chèile...
a cheud mac magach, feumaidh sinn fiosrachadh bho linguist!! :D

chuck, tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu eòlach air conditional anns a' ghàidhlig! 's e sin an aon rud mar habitual past (uill, bha an dhà eadar-dhealaichte ann an seann ghàidhlig):

bhitheadh (bhiodh) agus na rudan le -(e)adh / -(a)inn.

"bhitheadh sin snog" (that would be nice)
"chuireadh e litrichean thuice gach latha" (he would send / he was sending letters to her every day)

tha mi an dòchas gu bheil sin ceart.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Fr Sep 24, 2004 4:16 pm

Hei, a Mhona! Tha thu ceart, tha'm facal Beurla "subjunctive" a' ciallachadh "Konjunktiv".

Mar a bhios fhios agad, bha subjunctives pàillte gu leòr anns an t-Sheann Eireannach. Ach chan eil sgeul air na foirmean sin anns a' Ghàidhlig an-diugh, cho fad's a chunnaic mi. 'S e an seann "imperfect subjunctive" neo "past subjunctive" a th'ann anns an "conditional", saoilidh mi. Agus mar a their Thurneysen (GOI, d. 384), "The flexion [of the a-subjunctive, past tense] is identical with that of the imperfect indicative."

Ach ar leam gu bheil Chuck ceart cuideachd - "beannaichte gu robh Dia", "may God be blessed"? "blessed be God"? Tha beagan iongnaidh orm gun cleachdar an "past tense form" (robh) anseo, oir tha sinne ag ràdh "gun tèid an làtha gu math leat" - "may the day go well for you" - airson "good luck", nach eil? Pres. subj., saoilidh mi, a-rèir a'chiall. Ach gun + pres/fut a-rèir an cumadh.

Anns an Eireannach an-diugh (Gaeilge), their iad "go robh maith agat" airson "tapadh leat", agus tha sin a'ciallachadh "may you have good (things, fortune &c.)" neo rud mar sin. Uime sin, saoilidh mi gu bheil àite sònraichte aig "gun robh" 'sa chànan, mar present subjunctive.

Ceud.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Sep 24, 2004 11:17 pm

tha mi a' smaoineachadh gu bheil dà rud doirbh ann leis a' chùspair seo:

an toiseach, bidh cànanan eadar-dhealaichte a' cleachdadh faclan eadar-dhealaichte airson rudan gràmair a mhìneachadh.

agus an rud eile: tha an gràmar fhèin eadar-dhealaichte ann an cànanan eadar-dhealaichte. chan eil subjunctive ceart ann ann an cuid chànanan... air an làimh eile, tha ceithir foirmean conjunctive ann ann an ladainn, agus chleachdar iad mar conditional no mar subjunctive no mar rudan eile ann an suidheachadh eadar-dhealaichte.

ach air ais gu gàidhlig:
cha do leugh mi a-riamh "robh" ann an suidheachadh mar sin, agus cha do leugh mi mun rud sinn anns na leabhraichean gràmair.
tha mi a' smaoineachadh gur e cùspair inntinneach a th' ann ciamar a dh' atharraich an cànan bho seann ghàidhlig èireannach gu gàidhlig albannach an-diugh. dh' fhalbh mòran rudan, ach thàinig rudan ùra cuideachd.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Di Sep 28, 2004 1:32 am

S dòcha s e seòrsa 'imperative' a th'ann ach chan eil mi cinnteach. Tha eòlach air na abairtean sin ann am Beurla agus Fraingis. Anns na cànanan sin tha na aon faclan cleachdte airson an dà chuid, imperative agus subjuctive.

Eisimplearan:

Be ready! Imperative

The expectation is that he be ready. Subjuctive.

God be praised. A bheil sin imperative neo subjunctive?

Sois prêt. Imperative

Il veut que vous sois prêt. Subjunctive.

Benit soit Dieu. A bheil sin imperative neo subjuctive?

Bi deiseil.

Tha e ag iarraidh gum bith thu deiseil. (Tha mi a'smaoineachadh co-dhiugh). Ach an seo s e 'dependant clause a th'ann.' Chan e sin subjunctive.

Beannaichte gu robh Dia. Dè sin? Chan e 'Beannaichte gum bith' ach 'Beannaichte gu robh.' S dòcha gur e seann chleachdach cleachte fhathast anns na suidheachaidh sònraichte mar sin ach chan eil mi cinnteach.

Chuck

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Sep 28, 2004 10:41 am

aha! a-nis tha mi a' tuigsinn nas fheàrr. tha eisimpleirean daonnan math :)

tha rud coltach ri sin ann anns a' ghearmailtis cuideachd (ach cha bhi mòran daoine ga chleachdadh ann an bruidhinn):

"sei bereit!" (bi deiseil!) imperativ

"du erwartest, dass er bereit sei." (tha thu ag iarraidh gum bi e deiseil.)
leis an fhìrinn innse chan eil mi gu tur cinnteach an e subjunctive, no reported speech (indirekte rede) no rud eile a th' ann an-seo. agus cha bhitheadh daoine ag ràdh rud mar sin. canadh iad:
"du erwartest, dass er bereit ist." no "er soll bereit sein."

ach leis an eisimpleir eile: tha mi gu math cinnteach gu bheil rudan mar
"gepriesen sei gott" anns na leabhraichean no òrain anns an eaglais.
hmm, ach dè tha sin? seòrsa indirect imperative? obh obh, nàire orm ;) chan eil mi eòlach air gràmar gearmailtis.

ach tha mi fhathast a' smaoineachadh mu dheidhinn an rud le dependent clause agus subjunctive ("gum bi...") - 's dòcha gu bheil an subjunctive a' falach anns an dependent form? no, dìreach nach eil feum air subjunctive anns a' ghàidhlig ann an suidheachadh mar sin, o chionn 's gu bheil dependent form ann?

co-dhiù, chan eil mi a' tuigsinn idir carson a tha "gu robh" ann anns an seantans agad. hmm... doirbh! tha mi duilich.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Di Sep 28, 2004 10:33 pm

rud ùr:
mhìnich cuideigin dhomh gu bheil "gu robh" anns an seantans sin beagan coltach ri "go raibh math agat" ann an gaeilge (gàidhlig èireannach), far a bheil e a' ciallachadh "mòran taing", literally "that good be at you" no "may be good to you".
agus fhuair mi an eisimpleir gàidhlig seo cuideachd: "gura
math théid leat" air a chleachdadh mar beannachd, agus thuirt an tè a chuir an rud sin thugam gu bheil "go raibh" no "gu robh" a' falach ann an "gura". cha chuala mi sin riamh roimhe, feumaidh mi ràdh. ach tha e inntinneach gu leòr.
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Gast

Beitragvon Gast » Do Sep 30, 2004 11:36 am

O a Mhona, tha fios agam a-nis nach leugh tù a-riamh na sgriobhas mi!

:x :x :x

Tha beachd agam mu eachdraidh an "robh" seo, ach CHAN INNIS mi e a-nis! Gaaaah.

Ceud.


Zurück zu „Gràmar na Gàidhlig“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast