Seite 2 von 2

Verfasst: Fr Okt 23, 2009 6:54 pm
von Isbeal
Ma bhios na dealbhan air do choimpiutair, feumaidh tu làrach-lìn mar Photobucket a chleachdadh mar eadar-steisean ('host site') gus am bi iad air loidhne.

Air neo, ma bhios na dealbhan air loidhne fhathast (m.e. ann am pàipear-naidheachd), 's urrainn dhut tro 'rechts klicken' na 'Properties/Eigenschaften' fhosgladh, agus an seòladh URL a thogail dhan teachdarachd an seo, eadar [img]agus[/img].

Verfasst: Fr Okt 23, 2009 7:16 pm
von NoClockThing
B' urrainn dhut na dealbhan a chur an àirde le FTP dhan frithealaiche agad fhèin. Bu chòir dhut pasgan ùr a chruthachadh air a shon co-dhiù gus a h-uile rud a chumail sgiobalta.

An uairsin, feumaidh tu seòladh na deilbhe a chur eadar [img]agus[/img], mar seo:

Code: Alles auswählen

[img]http://www.noclockthing.de/art/images/20090915_03glasgowmor.jpg[/img]



Is gheibh thu:

Bild

Ma bhios trioblaidean agad ann, carson nach cuir thu fòn thugam is nì sinn e còmhla.

Neo cleachd Photobucket mar a thuirt Isbeal is cruthaich an làrach-lìn sin an còd air do shon.

Verfasst: Fr Okt 23, 2009 9:16 pm
von Micheal
tapadh leibh ach chan eil fhios agam dè neo cò a tha ann am Photobu... neo na rudan eile. A bheil fithealaiche agam - cha robh fhios agam air a sin. - fàgaidh mi e dhuibh fhèin dealbhan a chur an àirde an seo - ro dhoirbh dhomh-sa


Mìcheal

Verfasst: Sa Okt 24, 2009 8:59 am
von NoClockThing
Mit frithealaiche meinte ich den Server, wo Deine Webseite drauf läuft.

Photobucket findest Du hier: http://photobucket.com/

Verfasst: So Okt 25, 2009 12:50 am
von akerbeltz
chì thu con gun sèimheachadh ann am faclair Mhic Mhathain (Watson) agus chon anns an fhear aig Cailean Mark


Tha dà dhòigh eadar-dhealaichte aca air a shealltainn ach tha an dà dhiubh ceart. Tha con vs chon a' crochadh air definite vs indefinite; tha cuid dhe na h-ùdaran a' cur ann na foirmean definite agus cuid na foirmean indefinite ach gu mì fhortanach, mar is trice gun chomharradh:

ainm. cù
gin. coin
gairm. a choin!
iolra:
ainm. coin
gin. chon (mar eisimpleir "biadh chon" indef. noun + indef. noun)
gairm. a chona!

an coimeas ri:
ainm. an cù
gin. a' choin
gairm =
iolra:
ainm. na coin
gin. nan con (mar eisimpleir "biadh nan con" def. noun phrase)
gairm. =

Re: Sùil air a' mhearachd

Verfasst: So Apr 04, 2010 8:17 pm
von akerbeltz
Feumaidh tu an dealbh fhéin a chur air frithealaiche (mar a nì thu leis an làrach-lìn agad m.e.) agus an uairsin ceangal a chur ann le ach tha rudeigin a' dol fada cearr an-seo leis na dealbhan (agus air FnaG) is chan eil fhios agam carson...

Re: Sùil air a' mhearachd

Verfasst: Di Apr 06, 2010 11:45 am
von NoClockThing
Tha mi a' faicinn nan dealbh uile. Dè an tioblaid a th' agad gu mionaideach?

Re: Sùil air a' mhearachd

Verfasst: Di Apr 06, 2010 5:54 pm
von akerbeltz
Tha e ag obair a-nis :)