a' lorg leabhar

Na cànanan ceilteach eile / Die anderen keltischen Sprachen
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Sep 06, 2004 12:40 pm

hallo a charaidean,
tha ceist agam: tha mi ag iarraidh gibht a thoirt do charaid, agus bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn leabhar.
bha an duine sin a' fuireach ann an cymru airson bliadhna, 's e oileanach a th' ann, agus tha ùidh mòr aige ann an eachdraidh, agus beagan ùidh ann an cànanan cuideachd (mar eisimpleir, tha e ag ionnsachadh a' chànain frisian na gearmailt an tuath, agus tha ùidh aige ann an cuimris cuideachd).
mar sin, bu toigh leam leabhar inntinneach a thoirt dha, mu dheidhinn eachdraidh, cultar no litreachas cuimris, ach chan eil mi eòlach air leabhraichean snoga mar sin.
a bheil beachd math aig duine sam bith? faodaidh an leabhar a bhith anns a' ghearmailtis no beurla. faodaidh e a bhith beagan neònach no sònraichte... no beagan doirbh, ach chan eil mi ag iarraidh rud ro academic...
(agus chan eil cus airgid agam!)
mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Kurt
Beiträge: 111
Registriert: Do Apr 29, 2004 4:21 pm
Wohnort: Hamburg, A'Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Kurt » Mi Sep 08, 2004 5:07 pm

A Mhona

dè do bheachd air

Gwynfor Evans: Land of my fathers (2000 years of Welsh history)
ISBN: 0862432650; prìs 12.75 punnd Sasannach air Amazon.

Seo leabhar eachdraidh uabhasach inntinneach gu leòr. :) Bha Gwynfor ceannard partaidh Cuimris (Plaid Cymru) bliadhnaichean air ais agus bha prìomh-clò-bhualadh air a sgriobhadh ann an Cuimris ann 1974 (Gwlad fy nhadau).

Tioraidh
Kurt Duwe
Suas leis a'Ghàidhlig!

Die erste Sprache reicht meist zum Überleben.
Erst mit der zweiten öffnet sich die Welt.

Gast

Beitragvon Gast » Mi Sep 08, 2004 10:55 pm

Neo 's dòcha "The Mabinogion"? Tha liuthad eadar-theangachaidh ann.

Ceud.

Kurt
Beiträge: 111
Registriert: Do Apr 29, 2004 4:21 pm
Wohnort: Hamburg, A'Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Kurt » Do Sep 09, 2004 5:39 pm

Neo 's dòcha "The Mabinogion"? Tha liuthad eadar-theangachaidh ann.

Ceud.

Ceart - ach mòran bèistealaichd is uabhais ann mar sgeulachd Cúchullainn.
Kurt Duwe

Suas leis a'Ghàidhlig!

Die erste Sprache reicht meist zum Überleben.

Erst mit der zweiten öffnet sich die Welt.

Gast

Beitragvon Gast » Fr Sep 10, 2004 4:58 pm

Ceart - ach mòran bèistealaichd is uabhais ann mar sgeulachd Cúchullainn.

:D :D 'S tòigh leam an "Táin Bó Cuailnge" gu h-uamhasach mòr cuideachd ... feumaidh gu bheil mi measail air bèistealachd is uabhas!! :shock: :P

Ceud.

Zurück zu „Keltische Kousinen / Irisch, Bretonisch, Walisisch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast