Artaigil inntinneach, fiosraichte agus gu math furasda an seo:
http://www.inverness-courier.co.uk/news/fullstory.php/aid/2525/Am_Peursa.html
Mar eisimpleir:
BHA e inntinneach a bhith ann an Eilean Mhanainn o chionn ghoirid airson a' chiad turais riamh. Chaidh mi ann airson sùil a thoirt air a' chànan aca airson Cothrom – an iris dha-chànanach aig Clì Gàidhlig a tha mi a' deasachadh.
Agus bha e air leth brosnachail faicinn mar a thug iad piseach air a' Ghàidhlig aca, agus i uaireigin aig uchd bàis. Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu a deidhinn le bhith a' faighinn na h-ath iris de Chothrom a thig a-mach san Ògmhios!.....
.....'S e an rud eile a tha a' bualadh ort mu Eilean Mhanainn cho neo-eisimeileach 's a tha e. Chan eil e mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte (chan eil riochdaire aca ann an Taigh nan Cumantan, mar eisimpleir) agus tha iad an ìre mhath gan ruith fhèin. Chan eil iad eadhon anns an Aonadh Eòrpach. Tha iad a' tighinn fon chrùn, ach tha iad a' ruith cha mhòr a h-uile rud dhaibh fhèin. Tha eadhon seirbheis slàinte agus seirbheis puist aca fhèin. Tha iad, ge-tà, a' co-obrachadh leis an Rìoghachd Aonaichte a thaobh grunn rudan – gu h-àraidh dìon agus poileasaidh cèin. Ach tha iad mòran nas neo-eisimeiliche na Alba, le dìreach 80,000 de shluagh ann an àite a tha nas lugha nan Eilean Sgitheanach....
.......Bha mi fortanach gun d' fhuair mi cuairt tron togalach anns a bheil an Tinvaal air a stèidheachadh an-diugh, agus Labhraiche an House of Keys, an taigh ìosal sa phàrlamaid, gam stiùireadh. Is esan Steve Rodan, a bhuineas do Ghlaschu. 'S dòcha gum bi cuimhne aig cuid agaibh fhèin air, oir bha e a' fuireach ann an Inbhir Nis, agus e na cheimigear ann am Boots sa bhaile seo anns na seachdadan. Sheas e airson nan Libdeamach ann am Moireibh ann an 1979 ach chaill e.
Cha do chuir e a chùl ri poilitigs, ge-tà, agus tha e air àrd-ìre a ruigsinn ann an Eilean Mhanainn (mar neo-eisimeileach mar a tha a' chuid as motha de bhuill an Tinvaal). Tha e moiteil às an eilean agus às an t-siostam phoilitigeach aca. Agus carson nach bitheadh?
......
An t-Eilean Mhanainn
-
- Beiträge: 2420
- Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
- Wohnort: gleann a' cheò ;-)
- Kontaktdaten:
Zurück zu „Keltische Kousinen / Irisch, Bretonisch, Walisisch“
Wer ist online?
Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast