Spòrs dhuibh! 'Learning Welsh'

Na cànanan ceilteach eile / Die anderen keltischen Sprachen
Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Spòrs dhuibh! 'Learning Welsh'

Beitragvon Isbeal » Sa Nov 28, 2009 11:57 am

Tha e a' bruidhinn mu 'mutation' - is sin 'Lenition' sa Ghàidhlig (mehr oder weniger).

Tha feum agaibh air Beurla airson a thuigsinn, tha eagal orm, ach is airidh ur dìcheall! :lol:

http://www.youtube.com/watch?v=fL2CaiydtLY

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Sa Nov 28, 2009 11:12 pm

hmmmm chan eil fhios agam, ach chan e sin an dòigh gu poilitigeach ceart bruidhinn mu dheidhinn mion-chànan no sluaigh. Nan canadh e an aon rud mu dheidhinn daoine dubha, bhiodh e ann an trioblaid, ach chan eil diofar sam bith ann. Agus abair guth ghrannda a th' aige.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Nov 29, 2009 2:54 am

Cha robh mi cinnteach am bu chòir dhomh sin a chur air an Fhòram sin, oir bha deasbad mu dheidhinn rud coltach ri sin ann mu-thrath.

Ach chuir mi e ann, airson 's gu bheil fios agam gur e rud far a bheil na Cuimrich fhèin a' gaireachdain - an feadhainn le Cuimris cuideachd (fhuair mi e bho fhear aca). Tha iad laidir gu leòr anns an fhèin-mhisneachd aca a bhith a' faicinn na tha èibhinn ann.

'S e Cuimreach a th' ann an Rhod fhèin (le blas glè Chuimreach aige) agus tha mi a' smaoineachdadh nach biodh e cho freagarrach nam biodh e Sasannach a bh' ann, agus mar sin tha e ceart gu leòr. Faodaidh tu gaireachdain mu do dheidhinn fhèin. Bu chòir dhut, dìreach.

'S dòcha gum bi an seorsa seo àbhachd dìreach ro Bhreatannach (= Chuimreach, Shasannach, Eireannach, Albannach). Cha toil leamsa feadhainn de na bhideoan èibhinn an seo, agus 's docha gur e Breatannach a th' annam. Àbhachd eadar-dhealaichte.

'Diofair eadar-cultarach', saoilidh mi! :twisted:

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Dez 01, 2009 11:19 am

Is toil leam fhèin-mhisneachd gu dearbh :lol:

Er überspitzt da halt die Schwierigkeiten, mit denen jeder Lerner kämpft, so schlimm finde ich das nicht.

Cha chan eil mi fhìn ceart gu politigeach mar as trice :twisted:
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Keltische Kousinen / Irisch, Bretonisch, Walisisch“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast