Seite 1 von 1

Cleasan foghlaim - GCompris

Verfasst: Do Nov 07, 2013 6:58 pm
von akerbeltz
Tha GCompris, sreath the chleasan is geamannan foghlaim do dhaoine òga (ged a bhios iad feumail dhan luchd-ionnsachaidh cuideachd) ri fhaighinn ann an Gàidhlig a-nis, le fuaim 's a h-uile càil ann an Gàidhlig. Barrachd an-seo

Re: Cleasan foghlaim - GCompris

Verfasst: Do Nov 14, 2013 2:36 pm
von NoClockThing
Gus an rud leis na cruthan-clò a dhèanamh nas fhasa, chruthaich mi na faidhlichean XML airson Andika British dhuibh. Dèanaibh briogadh deas an-seo gus an luchdadh a-nuas. An uairsin, feumaidh sibh a dhì-dhùmhlachadh is a chur sa phasgan cheart. Air Windows 7, seo C:\Program Files (x86)\GCompris\share\gcompris\boards\skins\babytoy agus C:\Program Files (x86)\GCompris\share\gcompris\boards\skins\gartoon. Chuir mi structar slàn nam pasgan san fhaidhle zip, mar sin cha leig sibh a leas ach dèanamh cinnteach gur GCompris\share san fhaidhle zip co-ionnan ri C:\Program Files (x86)\GCompris\share air an t-siostaim agaibh.